1 |
An sin thug Darius an rìgh òrdagh seachad, agus rannsaich iad ann an taigh nan leabhraichean, far an robh na h‑ionmhasan air an tasgadh ann am Bàbilon. |
2 |
Agus fhuaireadh ann an Achmeta, anns an lùchairt a tha ann am mòr-roinn nam Mèdach, clàr, agus mar seo bha sgrìobhte ann gu bhith air a chumail air chuimhne: |
3 |
Ann an ciad bhliadhna Chìruis an rìgh, thug Cìrus an rìgh òrdagh seachad a‑thaobh taigh Dhè ann an Ierusalem, Biodh an taigh air a thogail, an t‑àit anns an d’ìobair iad ìobairtean, agus a bhunaitean air an suidheachadh gu làidir: a àirde, trì-fichead làmh-choille; a leud, trì-fichead làmh-choille: |
4 |
Trì sreathan de chlachan mòra, agus sreath de fhiodh nodha: agus ceadaichear an cosdas à taigh an rìgh. |
5 |
Agus mar an ceudna aisigear soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a tha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do Bhàbilon, agus thugar a‑rìs iad don teampall a tha ann an Ierusalem, gach aon da àite fhèin; agus suidhich iad ann an taigh Dhè. |
6 |
A‑nis, a Thatnai, uachdarain air an taobh thall den abhainn, a Shetar-bosnai, maille ri ur cuideachd na h‑Arphasachaich a tha air an taobh thall den abhainn, bithibh-se fada o sin: |
7 |
Leigibh le obair taigh seo Dhè: togadh uachdaran nan Iùdhach, agus seanairean nan Iùdhach, taigh seo Dhè na àite. |
8 |
Agus tha mise a’ toirt òrdaigh a‑thaobh na nì sibh ri seanairean nan Iùdhach sin a‑chum taigh seo Dhè a thogail; eadhon gun tugar de mhaoin an rìgh, den chìs air an taobh thall den abhainn, cosdas air ball do na daoine sin, a‑chum nach cuirear bacadh orra. |
9 |
Agus na tha a dh’easbhaidh orra, araon tairbh òga, agus reitheachan, agus uain, airson ìobairtean-loisgte Dia nèimh, cruithneachd, salann, fìon, agus ola, a rèir òrdagh nan sagart a tha ann an Ierusalem, thugar gu cinnteach dhaibh o là gu là, gun fhàilling; |
10 |
A‑chum gun toir iad seachad tabhartasan deagh-bholaidh do Dhia nèimh, agus gun dèan iad ùrnaigh airson beatha an rìgh agus a mhac. |
11 |
Mar an ceudna thug mi seachad òrdagh, ge bè neach a dh’atharraicheas am facal seo, gun spìonar sìos fiodh as a thaigh, agus nuair a chuirear suas e, gun crochar air e, agus gun dèanar a thaigh na dhùnan airson seo. |
12 |
Agus an Dia a thug air a ainm còmhnaidh a ghabhail an sin, gun sgriosadh esan na rìghrean sin uile, agus an sluagh a shìneas a‑mach an làmh a dh’atharrachadh agus a sgrios taigh Dhè a tha ann an Ierusalem. Thug mise Darius òrdagh seachad; dèanar an nì gu luath. |
13 |
An sin rinn Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, Setar-bosnai, agus an cuideachd, gun dàil a rèir an fhios a chuir Darius an rìgh uaithe. |
14 |
Agus thog seanairean nan Iùdhach, agus shoirbhich leo a rèir fàidheadaireachd Hagai am fàidh, agus Shechariah mhic Ido; agus thog iad agus chrìochnaich iad, a rèir àithne Dia Israeil, agus a rèir àithne Chìruis agus Dhariuis, agus Artacsercseis rìgh Phersia. |
15 |
Agus chrìochnaicheadh an taigh seo air an treas là den mhìos Adar, a bha anns an t‑siathamh bliadhna de rìoghachadh Dhariuis an rìgh. |
16 |
Agus chùm clann Israeil, na sagartan agus na Lèbhithich, agus a’ chuid eile de chloinn a’ bhraighdeanais, coisrigeadh taigh seo Dhè le gàirdeachas; |
17 |
Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc-dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil. |
18 |
Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois. |
19 |
Agus chùm clann a’ bhraighdeanais a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos. |
20 |
Oir ghlanadh na sagartan agus na Lèbhithich le chèile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a’ bhraighdeanais uile, agus dam bràithrean, na sagartan, agus dhaibh fhèin. |
21 |
Agus dh’ith clann Israeil a thàinig air an ais on bhraighdeanas, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin dan ionnsaigh o shalchar cinnich na tìre, a dh’iarraidh an Tighearna, Dia Israeil. |
22 |
Agus chùm iad fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le aoibhneas: oir rinn an Tighearna aoibhinn iad agus thionndaidh e cridhe rìgh Asiria dan ionnsaigh, a neartachadh an làmhan ann an obair taigh Dhè, Dia Israeil.
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
Esra 6:1 |
Esra 6:2 |
Esra 6:3 |
Esra 6:4 |
Esra 6:5 |
Esra 6:6 |
Esra 6:7 |
Esra 6:8 |
Esra 6:9 |
Esra 6:10 |
Esra 6:11 |
Esra 6:12 |
Esra 6:13 |
Esra 6:14 |
Esra 6:15 |
Esra 6:16 |
Esra 6:17 |
Esra 6:18 |
Esra 6:19 |
Esra 6:20 |
Esra 6:21 |
Esra 6:22 |
|
|
|
|
|
|
Esra 1 / Esra 1 |
Esra 2 / Esra 2 |
Esra 3 / Esra 3 |
Esra 4 / Esra 4 |
Esra 5 / Esra 5 |
Esra 6 / Esra 6 |
Esra 7 / Esra 7 |
Esra 8 / Esra 8 |
Esra 9 / Esra 9 |
Esra 10 / Esra 10 |