A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

1 Eachdraidh 4



1
Mic Iùdah; Phares, Hesron, agus Carmi, agus Hur, agus Sobal.
2
Agus ghin Reaiah, mac Shobail, Iahat, agus ghin Iahat Ahumai, agus Lahad. Is iad sin teaghlaichean nan Soratach.
3
Agus thàinig iad seo o athair Etaim: Iesreel, agus Isma, agus Idbas: agus b’e ainm am peathar Haselelponi.
4
Agus Penuel athair Ghedoir, agus Eser athair Husah; is iad sin mic Huir, ciad-ghin Ephratah, athair Bhetlehem.
5
Agus bha aig Asur athair Thecòah dà mhnaoi, Helah agus Naarah.
6
Agus rug Naarah dha Ahusam, agus Hepher, agus Temeni, agus Haahastari. B’iad sin mic Naarah.
7
Agus b’iad mic Helah, Seret, agus Iesòar, agus Etnan.
8
Agus ghin Cos Anub, agus Sobebah, agus teaghlaichean Aharheil, mhic Haruim.
9
Agus bha Iabes na b’urramaiche na a bhràithrean: agus thug a mhàthair Iabes mar ainm air, ag ràdh, A chionn gun do rug mi e le doilgheas.
10
Agus ghairm Iabes air Dia Israeil, ag ràdh, O gum beannaicheadh tu mi da‑rìribh, agus gun cuireadh tu mo chrìochan am farsaingeachd, agus gum biodh do làmh leam, agus gun gleidheadh tu mi o olc, a‑chum nach cràidh e mi! Agus dheònaich Dia dha an nì sin a ghuidh e.
11
Agus ghin Chelub, bràthair Shuah, Mehir: b’esan athair Estoin.
12
Agus ghin Eston Betrapha, agus Paseah, agus Tehinah athair Irnahais. Is iad sin fir Rechah.
13
Agus mic Chenais: Otniel, agus Seraiah: agus mic Otnieil: Hatat.
14
Agus ghin Meonotai Ophrah: agus ghin Seraiah Ioab, athair muinntir gleann Charasaim; oir bu luchd-ceàirde iad.
15
Agus mic Chàleib mhic Iephuneh: Iru, Elah, agus Naam: agus mic Elah: Cenas.
16
Agus mic Iehaleleeil: Siph, agus Siphah, Tiria, agus Asareel.
17
Agus b’iad mic Esra, Ieter, agus Mered, agus Epher, agus Ialon: agus rug i Miriam, agus Samai, agus Isbah athair Estemoa.
18
Agus rug a bhean, Iehudiah, Iered athair Ghedoir, agus Heber athair Shocho, agus Iecutiel athair Shanòah. Agus is iad sin mic Bhitiah nighean Phàraoh, a ghabh Mered na mnaoi.
19
Agus mic a mhnà Hodiah, piuthar Nahaim, athair Cheilah an Garmach, agus Estemoa am Maachatach.
20
Agus b’iad mic Shimoin, Amnon, agus Rinah, Ben-hanan, agus Tilon. Agus b’iad mic Isi, Sohet, agus Bensohet.
21
B’iad mic Shelah mhic Iùdah, Er athair Lecah, agus Laadah athair Mharesah, agus teaghlaichean taigh na muinntir a dh’obraich anart grinn do thaigh Asbea,
22
Agus Iocim, agus daoine Chosèba, agus Iòas, agus Saraph, aig an robh an uachdaranachd ann am Mòab, agus Iasubilehem. Agus is seann nithean iad seo.
23
B’iad sin na creadhadairean, agus iadsan a chòmhnaich am measg lusan agus ghàrraidhean: maille ris an rìgh na obair dh’fhan iad an sin.
24
B’iad mic Shimeoin, Nemuel, agus Iamin, Iarib, Serah, agus Saul:
25
Salum a mhac-san, Mibsam a mhac-san, Misma a mhac-san.
26
Agus mic Mhisma: Hamuel a mhac, Sachur a mhac-san, Simei a mhac-san.
27
Agus bha aig Simei sia-mic-dheug agus sianar nighean; ach aig a bhràithrean cha robh mòran cloinne, agus cha deachaidh an teaghlaichean uile an lìonmhorachd, cosmhail ri cloinn Iùdah.
28
Agus chòmhnaich iad ann am Beersèba, agus Moladah, agus Hasarsual,
29
Agus ann am Bilhah, agus ann an Esem, agus ann an Tolad,
30
Agus ann am Betuel, agus ann an Hormah, agus ann an Siclag,
31
Agus ann am Bet-marcabot, agus ann an Hasar-susim, agus ann am Bet-birei, agus ann an Saaraim. B’iad sin am bailtean mòra, gus an do rìghich Daibhidh, maille rim bailtean beaga.
32
Etam mar an ceudna, agus Ain, Rimon, agus Tochen, agus Asan, còig bailtean mòra;
33
Agus am frith-bhailtean uile a bha mun cuairt air na mòr-bhailtean sin gu ruig Bàal. B’iad sin an ionad-tàimh, agus an sloinnteireachd.
34
Agus Mesobab, agus Iamlech, agus Iosah mac Amasiah,
35
Agus Ioel, agus Iehu mac Iosibiah mhic Sheraiah mhic Asieil,
36
Agus Elioenai, agus Iaacobah, agus Iesohaiah, agus Asaiah, agus Adiel, agus Iesimiel, agus Benaiah,
37
Agus Sisa mac Shiphi, mhic Aloin, mhic Iedaiah, mhic Shimri, mhic Shemaiah.
38
Bha iad sin a tha air an aithris air an ainmean nan ceannardan nan teaghlaichean fhèin: agus ann an taigh an athraichean mheudaich iad gu mòr.
39
Agus chaidh iad gu ruig dol a‑steach Ghedoir, eadhon gu ruig taobh an ear a’ ghlinne, a dh’iarraidh ionaltraidh dan treudan.
40
Agus fhuair iad ionaltradh reamhar agus math, agus bha an tìr farsaing, agus sàmhach, agus sìochail; oir bha sliochd Ham a chòmhnaidh an sin roimhe.
41
Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan-còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan.
42
Agus chaidh cuid dhiubh, eadhon de mhic Shimeoin, còig ceud fear, gu sliabh Sheir; agus Pelatiah, agus Neariah, agus Rephaiah, agus Udsiel, mic Isi air an ceann.
43
Agus bhuail iad am fuidheall a chaidh as de Amalec, agus chòmhnaich iad an sin gus an là‑an‑diugh.











1 Eachdraidh 4:1
1 Eachdraidh 4:2
1 Eachdraidh 4:3
1 Eachdraidh 4:4
1 Eachdraidh 4:5
1 Eachdraidh 4:6
1 Eachdraidh 4:7
1 Eachdraidh 4:8
1 Eachdraidh 4:9
1 Eachdraidh 4:10
1 Eachdraidh 4:11
1 Eachdraidh 4:12
1 Eachdraidh 4:13
1 Eachdraidh 4:14
1 Eachdraidh 4:15
1 Eachdraidh 4:16
1 Eachdraidh 4:17
1 Eachdraidh 4:18
1 Eachdraidh 4:19
1 Eachdraidh 4:20
1 Eachdraidh 4:21
1 Eachdraidh 4:22
1 Eachdraidh 4:23
1 Eachdraidh 4:24
1 Eachdraidh 4:25
1 Eachdraidh 4:26
1 Eachdraidh 4:27
1 Eachdraidh 4:28
1 Eachdraidh 4:29
1 Eachdraidh 4:30
1 Eachdraidh 4:31
1 Eachdraidh 4:32
1 Eachdraidh 4:33
1 Eachdraidh 4:34
1 Eachdraidh 4:35
1 Eachdraidh 4:36
1 Eachdraidh 4:37
1 Eachdraidh 4:38
1 Eachdraidh 4:39
1 Eachdraidh 4:40
1 Eachdraidh 4:41
1 Eachdraidh 4:42
1 Eachdraidh 4:43






1 Eachdraidh 1 / 1Eac 1
1 Eachdraidh 2 / 1Eac 2
1 Eachdraidh 3 / 1Eac 3
1 Eachdraidh 4 / 1Eac 4
1 Eachdraidh 5 / 1Eac 5
1 Eachdraidh 6 / 1Eac 6
1 Eachdraidh 7 / 1Eac 7
1 Eachdraidh 8 / 1Eac 8
1 Eachdraidh 9 / 1Eac 9
1 Eachdraidh 10 / 1Eac 10
1 Eachdraidh 11 / 1Eac 11
1 Eachdraidh 12 / 1Eac 12
1 Eachdraidh 13 / 1Eac 13
1 Eachdraidh 14 / 1Eac 14
1 Eachdraidh 15 / 1Eac 15
1 Eachdraidh 16 / 1Eac 16
1 Eachdraidh 17 / 1Eac 17
1 Eachdraidh 18 / 1Eac 18
1 Eachdraidh 19 / 1Eac 19
1 Eachdraidh 20 / 1Eac 20
1 Eachdraidh 21 / 1Eac 21
1 Eachdraidh 22 / 1Eac 22
1 Eachdraidh 23 / 1Eac 23
1 Eachdraidh 24 / 1Eac 24
1 Eachdraidh 25 / 1Eac 25
1 Eachdraidh 26 / 1Eac 26
1 Eachdraidh 27 / 1Eac 27
1 Eachdraidh 28 / 1Eac 28
1 Eachdraidh 29 / 1Eac 29