A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

2 Rìgh 18



1
Agus anns an treas bliadhna de Hosèah mac Elah, rìgh Israeil, thòisich Heseciah mac Ahais, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.
2
Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abi, nighean Shechariah.
3
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Daibhidh a athair.
4
Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre.
5
As an Tighearna, Dia Israeil, bha a earbsa: agus na dhèidh cha robh neach sam bith cosmhail ris am measg uile rìghrean Iùdah, no aon a bha roimhe.
6
Oir dhlùth-lean e ris an Tighearna, cha do chlaon e o a leantainn; ach ghlèidh e a àitheantan, a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
7
Agus bha an Tighearna maille ris: anns gach àite don deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’èirich e an aghaidh rìgh Asiria, agus cha do rinn e seirbhis dha.
8
Bhuail e na Philistich gu ruig Gàsa agus a chrìochan, o thùr an fhreiceadain gu ruig am baile daingnichte.
9
Agus anns a’ cheathramh bliadhna de rìgh Heseciah, agus anns an t‑seachdamh bliadhna de Hosèah mac Elah rìgh Israeil, thàinig Salmaneser, rìgh Asiria, a‑nìos an aghaidh Shamaria, agus theannaich e e.
10
Agus ghlac iad e an ceann trì bliadhna: anns an t‑siathamh bliadhna de Heseciah, agus an naoidheamh bliadhna de Hosèah, rìgh Israeil, ghlacadh Samaria.
11
Agus thug rìgh Asiria leis Israel do Asiria, agus chuir e iad ann an Halah agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach:
12
A chionn nach d’èisd iad ri guth an Tighearna an Dia, ach gun do bhris iad a choicheangal, agus na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, nach d’èisd iad riu, cha mhò a rinn iad iad.
13
Agus anns a’ cheathramh-bliadhna-deug de rìgh Heseciah thàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.
14
Agus chuir Heseciah rìgh Iùdah teachdairean gu rìgh Asiria do Lachis, ag ràdh, Chiontaich mi; till uam: an nì a chuireas tu orm, giùlainidh mi. Agus chuir rìgh Asiria air Heseciah rìgh Iùdah trì cheud tàlann airgid, agus deich-tàlannan-fichead òir.
15
Agus thug Heseciah dha an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh.
16
Anns an àm sin gheàrr Heseciah air falbh còmhlachan teampall an Tighearna, agus na h‑ursainnean chòmhdaich Heseciah rìgh Iùdah, agus thug e iad do rìgh Asiria.
17
Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.
18
Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh.
19
Agus thubhairt Rab-saceh riu, Abraibh a‑nis ri Heseciah, Mar seo tha an rìgh mòr, rìgh Asiria, ag ràdh, Ciod an earbsa mhòr seo a tha agad?
20
Tha thu ag ràdh (ach is briathran faoin iad), Tha comhairle agus neart agam a‑chum a’ chogaidh: a‑nis, matà, cò as a bheil thu ag earbsa, gun dèanadh tu cogadh am aghaidh-sa?
21
A‑nis, feuch, tha thu ag earbsa as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit, a thèid, ma leigeas duine a chudthrom oirre, a‑steach na làimh, agus a thollas troimhe e. Is ann mar seo a tha Phàraoh rìgh na h‑Eiphit dhaibhsan uile a dh’earbas as.
22
Ach ma their sibh rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa: nach e seo esan, a chuir Heseciah air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus a thubhairt ri Iùdah agus ri Ierusalem, fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem?
23
A‑nis uime sin, guidheam ort, thoir gill dom thighearna rìgh Asiria, agus bheir mise dhut dà mhìle each, mas urrainn thusa air do thaobh fhèin marcaichean a chur orra.
24
Cionnas, matà, a bheir thu air aon cheannard de na seirbhisich as lugha a tha aig mo thighearna-sa a aghaidh a thionndadh uat, agus a dh’earbas tu as an Eiphit airson charbad agus marc-shluaigh?
25
Ach a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh an àite seo ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt riumsa, Falbh suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i.
26
An sin thubhairt Eliacim mac Hilciah, agus Sebna, agus Ioah, ri Rab-saceh, Labhair, guidheam ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla.
27
Ach thubhairt Rab-saceh riu, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna-sa agus ad ionnsaigh-sa a chuir mo thighearna mise a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin maille ribhse?
28
An sin sheas Rab-saceh, agus dh’èigh e le guth àrd anns a’ chainnt Iùdhaich, agus labhair e, ag ràdh, Eisdibh ri facal an rìgh mhòir, rìgh Asiria:
29
Mar seo tha an rìgh ag ràdh, Na mealladh Heseciah sibh, oir chan urrainn e ur saoradh as mo làimh-sa:
30
Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna, ag ràdh, Gu deimhinn saoraidh an Tighearna sinne, agus cha toirear thairis am baile seo do làimh rìgh Asiria.
31
Na èisdibh ri Heseciah: oir mar seo tha righ Asiria ag ràdh, Dèanaibh suas càirdeas riumsa, agus thigibh a‑mach am ionnsaigh, agus ithibh, gach fear, de a chrann-fìona, agus gach fear de a chrann-fìge fhèin, agus òlaibh, gach fear, uisge a thobair fhèin;
32
Gus an tig mise, agus gun toir mi air falbh sibh do thìr cosmhail ri ur tìr fhèin, tìr arbhair agus fìona, tìr arain agus fhìonlios, tìr ola a’ chroinn-ola, agus meala, a‑chum gum bi sibh beò, agus nach faigh sibh bàs: agus na èisdibh ri Heseciah, nuair a chuireas e impidh oirbh, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna sinn.
33
An do shaor riamh diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria?
34
Càit a bheil diathan Hamait, agus Arphaid? Càit a bheil diathan Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah? An do shaor iad Samaria as mo làimh-sa?
35
Cò am measg uile dhiathan nan dùthchannan a shaor an tìr fhèin as mo làimh-sa, gun saoradh an Tighearna Ierusalem as mo làimh?
36
Ach bha an sluagh nan tosd, agus cha do fhreagair iad aon fhacal dha: oir b’i àithne an rìgh dhaibh, Na tugaibh freagradh air.
37
An sin thàinig Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanchaidh, gu Heseciah len aodach reubte, agus dh’innis iad dha briathran Rab-saceh.











2 Rìgh 18:1

2 Rìgh 18:2

2 Rìgh 18:3

2 Rìgh 18:4

2 Rìgh 18:5

2 Rìgh 18:6

2 Rìgh 18:7

2 Rìgh 18:8

2 Rìgh 18:9

2 Rìgh 18:10

2 Rìgh 18:11

2 Rìgh 18:12

2 Rìgh 18:13

2 Rìgh 18:14

2 Rìgh 18:15

2 Rìgh 18:16

2 Rìgh 18:17

2 Rìgh 18:18

2 Rìgh 18:19

2 Rìgh 18:20

2 Rìgh 18:21

2 Rìgh 18:22

2 Rìgh 18:23

2 Rìgh 18:24

2 Rìgh 18:25

2 Rìgh 18:26

2 Rìgh 18:27

2 Rìgh 18:28

2 Rìgh 18:29

2 Rìgh 18:30

2 Rìgh 18:31

2 Rìgh 18:32

2 Rìgh 18:33

2 Rìgh 18:34

2 Rìgh 18:35

2 Rìgh 18:36

2 Rìgh 18:37







2 Rìgh 1 / 2Rì 1

2 Rìgh 2 / 2Rì 2

2 Rìgh 3 / 2Rì 3

2 Rìgh 4 / 2Rì 4

2 Rìgh 5 / 2Rì 5

2 Rìgh 6 / 2Rì 6

2 Rìgh 7 / 2Rì 7

2 Rìgh 8 / 2Rì 8

2 Rìgh 9 / 2Rì 9

2 Rìgh 10 / 2Rì 10

2 Rìgh 11 / 2Rì 11

2 Rìgh 12 / 2Rì 12

2 Rìgh 13 / 2Rì 13

2 Rìgh 14 / 2Rì 14

2 Rìgh 15 / 2Rì 15

2 Rìgh 16 / 2Rì 16

2 Rìgh 17 / 2Rì 17

2 Rìgh 18 / 2Rì 18

2 Rìgh 19 / 2Rì 19

2 Rìgh 20 / 2Rì 20

2 Rìgh 21 / 2Rì 21

2 Rìgh 22 / 2Rì 22

2 Rìgh 23 / 2Rì 23

2 Rìgh 24 / 2Rì 24

2 Rìgh 25 / 2Rì 25