A A A A A
Facebook Instagram Twitter
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

2 Rìgh 17



1
Anns an dara-bliadhna-deug de Ahas rìgh Iùdah thòisich Hosèah mac Elah air rìoghachadh ann an Samaria air Israel; agus rìghich e naoi bliadhna.
2
Agus rinn e olc ann an sealladh an Tighearna, ach cha b’ann mar rìghrean Israeil a bha roimhe.
3
Na aghaidh-san thàinig a‑nìos Salmaneser rìgh Asiria; agus bha Hosèah na sheirbhiseach aige, agus thug e tìodhlac dha.
4
Agus fhuair rìgh Asiria ceannairc ann an Hosèah; oir chuir e teachdairean gu Seo, rìgh na h‑Eiphit, agus cha tug e tìodhlac air bith gu rìgh Asiria, mar a chleachd e o bhliadhna gu bliadhna: uime sin dhruid rìgh Asiria suas e, agus cheangail e ann am prìosan e.
5
An sin thàinig rìgh Asiria a‑nìos tron fhearann uile, agus chaidh e suas gu Samaria, agus theannaich e e trì bliadhna.
6
Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.
7
Oir thàrladh gun do pheacaich clann Israeil an aghaidh an Tighearna an Dia, a thug a‑nìos iad à tìr na h‑Eiphit, o bhith fo làimh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus bha eagal dhiathan eile orra,
8
Agus dh’imich iad ann an reachdan nan cinneach (a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil), agus ann an reachdan rìghrean Israeil a rinn iad.
9
Agus rinn clann Israeil gu diamhair nithean nach robh ceart an aghaidh an Tighearna an Dia, agus thog iad dhaibh fhèin àitean àrda nam mòr-bhailtean uile, o thurait an luchd-faire gus am baile daingnichte.
10
Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbhan agus doireachan air gach uile chnoc àrd, agus fo gach uile chraoibh uaine.
11
Agus an sin loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda uile, mar na cinnich a thug Dia air falbh romhpa; agus rinn iad nithean olc a bhrosnachadh an Tighearna gu corraich:
12
Oir rinn iad seirbhis do iodhalan, mun dubhairt an Tighearna riu, Cha dèan sibh an nì seo.
13
Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, leis na fàidhean uile, agus leis an luchd-seallaidh uile, ag ràdh, Tillibh o ur droch shlighean, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a rèir an lagha uile a dh’àithn mi dur n‑athraichean, agus a chuir mi dur n‑ionnsaigh lem sheirbhisich na fàidhean.
14
Gidheadh cha b’àill leo èisdeachd, ach chruadhaich iad am muineal, cosmhail ri muineal an athraichean, nach do chreid anns an Tighearna an Dia.
15
Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.
16
Agus thrèig iad uile àitheantan an Tighearna an Dia, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbhan leaghte, eadhon dà laogh, agus rinn iad doire, agus rinn iad adhradh do uile armailt nèimh, agus rinn iad seirbhis do Bhàal.
17
Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg.
18
Uime sin bha fearg ro‑mhòr air an Tighearna ri Israel, agus dh’atharraich e iad as a shealladh: cha d’fhàgadh aon ach treubh Iùdah a‑mhàin.
19
(Mar an ceudna cha do ghlèidh Iùdah àitheantan an Tighearna an Dia, ach dh’imich iad ann an reachdan Israeil a rinn iad.)
20
Agus chuir an Tighearna cùl ri uile shliochd Israeil, agus chuir e fo àmhghar iad, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean, gus an do thilg e as a shealladh iad.
21
Oir sgar Israel e fhèin o thaigh Dhaibhidh, agus rinn iad Ierobòam mac Nebait na rìgh; agus dh’fhuadaich Ierobòam Israel on Tighearna a leantainn, agus thug e orra peacadh mòr a pheacachadh.
22
Agus dh’imich clann Israeil ann an uile pheacaidhean Ierobòaim a rinn e: cha do dhealaich iad riu;
23
Gus an d’atharraich an Tighearna Israel as a shealladh, mar a thubhairt e le a sheirbhisich uile, na fàidhean. Agus thugadh Israel air falbh as an tìr fhèin do Asiria, gus an là‑an‑diugh.
24
Agus thug rìgh Asiria daoine o Bhàbilon, agus o Chutah, agus o Abha, agus o Hamat, agus o Shepharbhaim, agus shuidhich e iad ann am bailtean Shamaria, an àite chloinn Israeil; agus shealbhaich iad Samaria, agus ghabh iad còmhnaidh na bhailtean.
25
Agus thàrladh, nuair a ghabh iad an toiseach còmhnaidh an sin, nach robh eagal an Tighearna orra; uime sin chuir an Tighearna leòmhainn nam measg, a mharbh cuid dhiubh.
26
Air an adhbhar sin labhair iad ri rìgh Asiria, ag ràdh, Na cinnich a dh’atharraich thu, agus a shuidhich thu ann am bailtean Shamaria, chan aithne dhaibh gnàth dia na tìre: uime sin chuir e leòmhainn nam measg, agus, feuch, tha iad gam marbhadh, a chionn nach aithne dhaibh gnàth dia na tìre.
27
An sin dh’àithn rìgh Asiria, ag ràdh, Thugaibh leibh an sin aon de na sagartan a thug sibh as a sin; agus rachadh e agus gabhadh e còmhnaidh an sin, agus teagaisgeadh e dhaibh gnàth dia na tìre.
28
An sin thàinig aon de na sagartan a thug iad leo à Samaria, agus ghabh e còmhnaidh ann am Betel, agus theagaisg e dhaibh cionnas a bu chòir dhaibh eagal an Tighearna a bhith orra.
29
Gidheadh, rinn gach cinneach diathan dhaibh fhèin, agus chuir iad iad ann an taighean nan àitean àrda a rinn na Samaritanaich, gach cinneach nam bailtean fhèin anns an do ghabh iad còmhnaidh.
30
Agus rinn daoine Bhàbiloin Sucot-benot, agus rinn daoine Chuit Nergal, agus rinn daoine Hamait Asima.
31
Agus rinn na h‑Abhaich Nibhas agus Tartac, agus loisg na Sepharbhaich an clann anns an teine do Adramelech agus Anamelech, diathan Shepharbhaim.
32
Agus bha eagal an Tighearna orra, agus rinn iad dhaibh fhèin den chuid a b’ìsle dhiubh sagartan nan àitean àrda, agus thug iad suas ìobairtean air an son ann an taighean nan àitean àrda.
33
Bha eagal an Tighearna orra, agus rinn iad seirbhis dan diathan fhèin, a rèir gnàth nan cinneach a thug iad leo as a sin.
34
Gus an là‑an‑diugh tha iad a’ dèanamh a rèir nan ciad ghnàth: chan eil eagal an Tighearna orra, cha mhò a tha iad a’ dèanamh a rèir an reachdan, no a rèir an òrdaighean, no a rèir an lagha, no a rèir na h‑àithne a dh’àithn an Tighearna do chloinn Iàcoib, air an tug e Israel mar ainm;
35
Ris an do rinn an Tighearna coicheangal, agus don tug e sparradh ag ràdh, Cha bhi eagal dhiathan eile oirbh, agus cha chrom sibh sibh fhèin dhaibh, agus cha dèan sibh seirbhis dhaibh, agus chan ìobair sibh dhaibh:
36
Ach an Tighearna, a thug a‑nìos sibh à tìr na h‑Eiphit le mòr chumhachd, agus le gàirdean sìnte a‑mach, a eagal-san bidh oirbh, agus dhàsan lùbaidh sibh an glùn, agus dhàsan ìobraidh sibh.
37
Agus na reachdan, agus na h‑òrdaighean, agus an lagh, agus an àithne a sgrìobh e dhuibh, bheir sibh an aire gun dèan sibh iad gu bràth; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh.
38
Agus an coicheangal a rinn mise ribh cha dìochuimhnich sibh; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh.
39
Ach bidh eagal an Tighearna ur Dia oirbh, agus saoraidh esan sibh à làimh ur naimhdean uile.
40
Gidheadh cha d’èisd iad, ach rinn iad a rèir an ciad ghnàtha.
41
Agus bha eagal an Tighearna air na cinnich sin; gidheadh rinn iad seirbhis dan dealbhan snaidhte fhèin, araon an clann, agus clann an cloinne: mar a rinn an athraichean, is amhail a tha iadsan a’ dèanamh gus an là‑an‑diugh.











2 Rìgh 17:1

2 Rìgh 17:2

2 Rìgh 17:3

2 Rìgh 17:4

2 Rìgh 17:5

2 Rìgh 17:6

2 Rìgh 17:7

2 Rìgh 17:8

2 Rìgh 17:9

2 Rìgh 17:10

2 Rìgh 17:11

2 Rìgh 17:12

2 Rìgh 17:13

2 Rìgh 17:14

2 Rìgh 17:15

2 Rìgh 17:16

2 Rìgh 17:17

2 Rìgh 17:18

2 Rìgh 17:19

2 Rìgh 17:20

2 Rìgh 17:21

2 Rìgh 17:22

2 Rìgh 17:23

2 Rìgh 17:24

2 Rìgh 17:25

2 Rìgh 17:26

2 Rìgh 17:27

2 Rìgh 17:28

2 Rìgh 17:29

2 Rìgh 17:30

2 Rìgh 17:31

2 Rìgh 17:32

2 Rìgh 17:33

2 Rìgh 17:34

2 Rìgh 17:35

2 Rìgh 17:36

2 Rìgh 17:37

2 Rìgh 17:38

2 Rìgh 17:39

2 Rìgh 17:40

2 Rìgh 17:41







2 Rìgh 1 / 2Rì 1

2 Rìgh 2 / 2Rì 2

2 Rìgh 3 / 2Rì 3

2 Rìgh 4 / 2Rì 4

2 Rìgh 5 / 2Rì 5

2 Rìgh 6 / 2Rì 6

2 Rìgh 7 / 2Rì 7

2 Rìgh 8 / 2Rì 8

2 Rìgh 9 / 2Rì 9

2 Rìgh 10 / 2Rì 10

2 Rìgh 11 / 2Rì 11

2 Rìgh 12 / 2Rì 12

2 Rìgh 13 / 2Rì 13

2 Rìgh 14 / 2Rì 14

2 Rìgh 15 / 2Rì 15

2 Rìgh 16 / 2Rì 16

2 Rìgh 17 / 2Rì 17

2 Rìgh 18 / 2Rì 18

2 Rìgh 19 / 2Rì 19

2 Rìgh 20 / 2Rì 20

2 Rìgh 21 / 2Rì 21

2 Rìgh 22 / 2Rì 22

2 Rìgh 23 / 2Rì 23

2 Rìgh 24 / 2Rì 24

2 Rìgh 25 / 2Rì 25