A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

2 Samuel 6



1
Agus chruinnich Daibhidh fhathast an ceann a chèile fir thaghte Israeil uile, deich-mìle-fichead.
2
Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban.
3
Agus chuir iad àirc Dhè air feun nodha, agus thug iad i à taigh Abinadaib a bha ann an Gibeah: agus dh’iomain Usah agus Ahio, mic Abinadaib, am feun nodha maille ri àirc Dhè.
4
Agus dh’imich Ahio ron àirc.
5
Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal-ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan.
6
Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Nachoin, chuir Usah a‑mach a làmh a dh’ionnsaigh àirc Dhè, agus ghabh e greim dhith: oir chuir na daimh air chrith i.
7
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè.
8
Agus bha doilgheas air Daibhidh, do bhrìgh gun do rinn an Tighearna briseadh air Usah: agus thug e Peres-usah mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh.
9
Agus bha eagal air Daibhidh ron Tighearna air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a thig àirc an Tighearna am ionnsaigh-sa?
10
Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.
11
Agus dh’fhan àirc an Tighearna ann an taigh Obed-edoim an Giteach trì mìosan: agus bheannaich an Tighearna Obed-edom agus a thaigh uile.
12
Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.
13
Agus nuair a dh’imich iadsan a ghiùlain àirc an Tighearna sia ceuman, dh’ìobair e tairbh agus beathaichean reamhar.
14
Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn-aodaich.
15
Agus thug Daibhidh agus uile thaigh Israeil a‑nìos àirc an Tighearna le iolaich, agus le fuaim trompaide.
16
Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe.
17
Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean-loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean-sìthe.
18
Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean-sìthe, bheannaich e an sluagh ann an ainm Tighearna nan sluagh.
19
Agus roinn e air an t‑sluagh uile, eadhon air uile cho-chruinneachadh Israeil, eadar fhir agus mhnathan, do gach neach breacag arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona: agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach neach da thaigh fhèin.
20
Agus thill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a‑mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach a bha rìgh Israeil an‑diugh, a rùisg e fhèin an‑diugh ann an sùilean banoglaich a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon de na daoine aotrom e fhèin!
21
Agus thubhairt Daibhidh ri Michal, Is ann a bha e am fianais an Tighearna, a thagh mise rod athair, agus ro a thaigh uile, a‑chum m’òrdachadh am cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise am fianais an Tighearna.
22
Agus bidh mi fhathast nas tàireile na seo, agus bidh mi ìosal am shùilean fhèin; agus aig na banoglaich mun do labhair thu, acasan gheibh mi urram.
23
Agus cha robh duine-cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis.











2 Samuel 6:1

2 Samuel 6:2

2 Samuel 6:3

2 Samuel 6:4

2 Samuel 6:5

2 Samuel 6:6

2 Samuel 6:7

2 Samuel 6:8

2 Samuel 6:9

2 Samuel 6:10

2 Samuel 6:11

2 Samuel 6:12

2 Samuel 6:13

2 Samuel 6:14

2 Samuel 6:15

2 Samuel 6:16

2 Samuel 6:17

2 Samuel 6:18

2 Samuel 6:19

2 Samuel 6:20

2 Samuel 6:21

2 Samuel 6:22

2 Samuel 6:23







2 Samuel 1 / 2Sam 1

2 Samuel 2 / 2Sam 2

2 Samuel 3 / 2Sam 3

2 Samuel 4 / 2Sam 4

2 Samuel 5 / 2Sam 5

2 Samuel 6 / 2Sam 6

2 Samuel 7 / 2Sam 7

2 Samuel 8 / 2Sam 8

2 Samuel 9 / 2Sam 9

2 Samuel 10 / 2Sam 10

2 Samuel 11 / 2Sam 11

2 Samuel 12 / 2Sam 12

2 Samuel 13 / 2Sam 13

2 Samuel 14 / 2Sam 14

2 Samuel 15 / 2Sam 15

2 Samuel 16 / 2Sam 16

2 Samuel 17 / 2Sam 17

2 Samuel 18 / 2Sam 18

2 Samuel 19 / 2Sam 19

2 Samuel 20 / 2Sam 20

2 Samuel 21 / 2Sam 21

2 Samuel 22 / 2Sam 22

2 Samuel 23 / 2Sam 23

2 Samuel 24 / 2Sam 24