1 |
Agus dh’àireamh Daibhidh an sluagh a bha maille ris, agus chuir e ceannardan mhìltean agus ceannardan cheudan os an cionn. |
2 |
Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh. |
3 |
Ach fhreagair an sluagh, Cha tèid thu a‑mach: oir ma theicheas sinne, cha ghabh iad suim dhinn; agus ma bhàsaicheas ar leth, cha ghabh iad suim dhinn; ach a‑nis tha thusa mar dheich mìle dhinne: uime sin a‑nis is fheàrr gun dèanadh tusa còmhnadh rinn a‑mach as a’ bhaile. |
4 |
Agus thubhairt an rìgh riu, An nì sin a tha ceart nur sùilean, nì mise. Agus sheas an rìgh làimh ris a’ gheata, agus thàinig an sluagh uile a‑mach nan ceudan agus nam mìltean. |
5 |
Agus dh’àithn an rìgh do Ioab, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Buinibh gu sèimh air mo sgàth-sa ris an òganach, ri Absalom. Agus chuala an sluagh uile nuair a dh’àithn an rìgh do na ceannardan uile a‑thaobh Absaloim. |
6 |
Agus chaidh an sluagh a‑mach don mhachair an aghaidh Israeil: agus bha an cath ann an coille Ephraim. |
7 |
Agus mharbhadh an sin sluagh Israeil ro sheirbhisich Dhaibhidh; agus bha an sin air an là sin àr mòr fichead mìle fear: |
8 |
Oir bha an cath sin air sgaoileadh air aghaidh na tìre uile; agus chuir a’ choille as do thuilleadh sluaigh air an là sin na chuir an claidheamh. |
9 |
Agus thachair Absalom air seirbhisich Dhaibhidh; agus bha Absalom a’ marcachd air muileid, agus chaidh a’ mhuileid a‑steach fo gheugan tiugha craoibh mhòir daraich, agus ghlacadh a cheann anns a’ chraoibh dharaich, agus chrochadh e eadar nèamh agus talamh; agus dh’imich a’ mhuileid a bha fodha roimhpe. |
10 |
Agus chunnaic duine àraidh seo, agus dh’innis e do Ioab, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi Absalom crochte ann an craoibh dharaich. |
11 |
Agus thubhairt Ioab ris an duine a dh’innis dha, Agus, feuch, chunnaic thu e, agus carson nach do bhuail thu e an sin gu làr, agus bheirinn-sa dhut deich seceil airgid agus crios? |
12 |
Agus thubhairt an duine ri Ioab, Ged gheibhinn-sa mìle secel airgid ann am làimh, cha chuirinn mo làmh a‑mach an aghaidh mac an rìgh: oir nar n‑èisdeachd dh’àithn an rìgh dhutsa, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Gleidhibh dhomh an t‑òganach Absalom. |
13 |
No dhèanainn eucoir an aghaidh m’anama fhèin: oir chan eil nì air bith am falach air an rìgh, agus sheasadh tusa fhèin am aghaidh. |
14 |
An sin thubhairt Ioab, Chan fhaod mise fuireach mar seo maille riut. Agus ghabh e trì gathan na làimh, agus shàth e iad an cridhe Absaloim, nuair a bha e fhathast beò ann am meadhon na craoibhe daraich. |
15 |
Agus chuartaich deichnear òganach a bha ag iomchar arm Ioaib Absalom, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e. |
16 |
Agus shèid Ioab an trompaid, agus thill an sluagh o ruagadh Israeil, oir chùm Ioab air an ais an sluagh. |
17 |
Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. |
18 |
A‑nis ghabh Absalom, nuair a bu bheò e, agus chuir e suas dha fhèin carragh, a tha ann an gleann an rìgh: oir thubhairt e, Chan eil mac agam a chumail m’ainme air chuimhne: agus thug e a ainm fhèin air a’ charragh; agus theirear ris gu ruig an là‑an‑diugh, Clach-chuimhneachain Absaloim. |
19 |
An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean. |
20 |
Agus thubhairt Ioab ris, Cha toir thu sgeul leat an‑diugh, ach bheir thu sgeul leat là eile: ach an‑diugh cha toir thu sgeul leat, a chionn gu bheil mac an rìgh marbh. |
21 |
Agus thubhairt Ioab ri Cusi, Falbh, innis don rìgh ciod a chunnaic thu. Agus chrom Cusi e fhèin do Ioab, agus ruith e. |
22 |
An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a‑rìs ri Ioab, Ach gidheadh, leig dhòmhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an dèidh Chusi. Agus thubhairt Ioab, Carson a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaireadh sgeul sam bith dhut? |
23 |
Ach gidheadh, arsa esan, leig dhomh ruith. Agus thubhairt e ris, Ruith. Agus ruith Ahimaas rathad a’ chòmhnaird, agus chaidh e seachad air Cusi. |
24 |
Agus shuidh Daibhidh eadar an dà gheata: agus chaidh am fear-faire suas gu mullach a’ gheata, air a’ bhalla; agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, duine a’ ruith na aonar. |
25 |
Agus ghlaodh am fear-faire, agus dh’innis e don rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Ma tha e na aonar, tha sgeul aige na bheul. Agus dh’imich e air aghaidh, agus thàinig e am fagas. |
26 |
Agus chunnaic am fear-faire duine eile a’ ruith; agus ghlaodh am fear-faire ris an dorsair, agus thubhairt e, Feuch, tha duine eile a’ ruith na aonar. Agus thubhairt an rìgh, Tha esan mar an ceudna a’ toirt sgeòil. |
27 |
Agus thubhairt am fear-faire, Tha mi a’ faicinn ruith a’ chiad duine mar ruith Ahimaas mhic Shadoic. Agus thubhairt an rìgh, Is duine math esan, agus is ann le sgeul math a tha e a’ teachd. |
28 |
Agus ghlaodh Ahimaas, agus thubhairt e ris an rìgh, Tha gach nì gu math. Agus chrom e e fhèin sìos don rìgh air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a thug thairis na daoine a thog an làmhan suas an aghaidh mo thighearna, an rìgh. |
29 |
Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e. |
30 |
Agus thubhairt an rìgh ris, Tionndaidh a lethtaobh, agus seas an seo. Agus thionndaidh e a lethtaobh, agus sheas e. |
31 |
Agus, feuch, thàinig Cusi: agus thubhairt Cusi, Bheirear sgeul dom thighearna an rìgh, gun do shaor an Tighearna thusa an‑diugh à làimh nan uile a dh’èirich suas ad aghaidh. |
32 |
Agus thubhairt an rìgh ri Cusi, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Cusi, Gu robh naimhdean mo thighearna an rìgh, agus iadsan uile a dh’èirich suas ad aghaidh a dhèanamh do chroin, mar a tha an t‑òganach sin. |
33 |
Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!
|
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 |
© Scottish Bible Society 1992, 2017 |
|
|
|
|
|
|
|
|
|
|
2 Samuel 18:1 |
2 Samuel 18:2 |
2 Samuel 18:3 |
2 Samuel 18:4 |
2 Samuel 18:5 |
2 Samuel 18:6 |
2 Samuel 18:7 |
2 Samuel 18:8 |
2 Samuel 18:9 |
2 Samuel 18:10 |
2 Samuel 18:11 |
2 Samuel 18:12 |
2 Samuel 18:13 |
2 Samuel 18:14 |
2 Samuel 18:15 |
2 Samuel 18:16 |
2 Samuel 18:17 |
2 Samuel 18:18 |
2 Samuel 18:19 |
2 Samuel 18:20 |
2 Samuel 18:21 |
2 Samuel 18:22 |
2 Samuel 18:23 |
2 Samuel 18:24 |
2 Samuel 18:25 |
2 Samuel 18:26 |
2 Samuel 18:27 |
2 Samuel 18:28 |
2 Samuel 18:29 |
2 Samuel 18:30 |
2 Samuel 18:31 |
2 Samuel 18:32 |
2 Samuel 18:33 |
|
|
|
|
|
|
2 Samuel 1 / 2Sam 1 |
2 Samuel 2 / 2Sam 2 |
2 Samuel 3 / 2Sam 3 |
2 Samuel 4 / 2Sam 4 |
2 Samuel 5 / 2Sam 5 |
2 Samuel 6 / 2Sam 6 |
2 Samuel 7 / 2Sam 7 |
2 Samuel 8 / 2Sam 8 |
2 Samuel 9 / 2Sam 9 |
2 Samuel 10 / 2Sam 10 |
2 Samuel 11 / 2Sam 11 |
2 Samuel 12 / 2Sam 12 |
2 Samuel 13 / 2Sam 13 |
2 Samuel 14 / 2Sam 14 |
2 Samuel 15 / 2Sam 15 |
2 Samuel 16 / 2Sam 16 |
2 Samuel 17 / 2Sam 17 |
2 Samuel 18 / 2Sam 18 |
2 Samuel 19 / 2Sam 19 |
2 Samuel 20 / 2Sam 20 |
2 Samuel 21 / 2Sam 21 |
2 Samuel 22 / 2Sam 22 |
2 Samuel 23 / 2Sam 23 |
2 Samuel 24 / 2Sam 24 |