A A A A A
Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992

2 Samuel 17

1
Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Leig dhomh a‑nis dà‑mhìle-dheug fear a thaghadh a‑mach, agus èiridh mi, agus thèid mi air tòir Dhaibhidh a‑nochd:
2
Agus thig mi air nuair a tha e sgìth agus lag-làmhach, agus cuiridh mi eagal air: agus teichidh an sluagh uile a tha maille ris, agus buailidh mi an rìgh a‑mhàin.
3
Agus bheir mi air an ais an sluagh uile ad ionnsaigh-sa: tha an duine a tha thu ag iarraidh mar gun tilleadh an t‑iomlan: agus bidh an sluagh uile ann an sìth.
4
Agus thaitinn a’ chainnt ri Absalom, agus ri seanairean Israeil uile.
5
Agus thubhairt Absalom, Gairm a‑nis mar an ceudna air Husai an t‑Arcach, agus cluinneamaid mar an ceudna ciod a their esan.
6
Agus thàinig Husai a dh’ionnsaigh Absaloim, agus labhair Absalom ris, ag ràdh, Air an dòigh seo labhair Ahitophel: an dèan sinn a rèir a fhacail, no nach dèan? Labhair thusa.
7
Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eil a’ chomhairle a thug Ahitophel math air an uair seo.
8
Oir, arsa Husai, is aithne dhut d’athair agus a dhaoine, gur daoine treuna iad agus tha iad air am feargachadh nan spiorad, mar mhath-ghamhainn on tugadh a cuileanan anns a’ mhachair: agus is fear-cogaidh d’athair, agus cha ghabh e tàmh maille ris an t‑sluagh.
9
Feuch, tha e a‑nis am falach ann an sloc-eigin, no ann an àit-eigin eile: agus tachraidh, nuair a thuiteas cuid dhiubh an toiseach, ge bè neach a chluinneas e, gun abair e, Tha àr am measg an t‑sluaigh a tha a’ leantainn Absaloim.
10
Agus esan mar an ceudna a tha na dhuine treun, aig a bheil a chridhe mar chridhe leòmhainn, leaghaidh e gu tur, oir tha fhios aig Israel uile gur duine treun d’athair, agus gur daoine treuna iadsan a tha maille ris.
11
Air an adhbhar sin is i mo chomhairle-sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath.
12
Agus thig sinn air ge bè àit am faighear e, agus tuitidh sinn air mar a thuiteas an drùchd air an talamh: agus chan fhàgar dheth fhèin, agus de na fir uile a tha maille ris, eadhon aon.
13
Agus ma thèid e a‑steach do bhaile, an sin bheir fir Israeil uile cùird leo a dh’ionnsaigh a’ bhaile sin, agus tàirngidh sinn e don abhainn, gus nach fàgar an sin aon chlach bheag.
14
Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.
15
An sin thubhairt Husai ri Sadoc agus ri Abiatar na sagartan, Mar seo agus mar seo chomhairlich Ahitophel Absalom agus seanairean Israeil; agus mar seo agus mar seo chomhairlich mise.
16
A‑nise uime sin cuiribh fios gu grad, agus innsibh do Dhaibhidh ag ràdh, Na fan a‑nochd ann an còmhnardan an fhàsaich, ach gabh thairis gu luath, air eagal gun sluigear suas an rìgh, agus an sluagh uile a tha maille ris.
17
Agus dh’fhan Ionatan agus Ahimaas làimh ri En‑rogel; (oir chan fhaodadh iad a bhith air am faicinn a’ dol a‑steach don bhaile:) agus chaidh cailinn agus dh’innis i dhaibh; agus chaidh iadsan agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh.
18
Gidheadh chunnaic òganach iad, agus dh’innis e do Absalom: ach dh’imich iadsan le chèile gu luath, agus thàinig iad gu taigh duine ann am Bahurim, aig an robh tobar na chùirt, agus chaidh iad sìos an sin.
19
Agus ghabh a’ bhean còmhdach agus sgaoil i e air beul an tobair, agus chuir i gràn meilte air; agus cha d’aithnicheadh an nì.
20
Agus nuair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsaigh na mnà don taigh, thubhairt iad, Càit a bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t‑sruthan uisge. Agus nuair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, thill iad gu Ierusalem.
21
Agus nuair a dh’fhalbh iad, thàinig iadsan a‑nìos as an tobar, agus chaidh iad agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh, agus thubhairt iad ri Daibhidh, Eiribh, agus rachaibh gu grad thar an uisge; oir mar seo chomhairlich Ahitophel nur n‑aghaidh-se.
22
Agus dh’èirich Daibhidh, agus an sluagh uile a bha maille ris, agus chaidh iad thar Iòrdan gu solas na maidne, gus nach robh aon dhiubh nach deachaidh thar Iòrdan.
23
Agus nuair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air a asail, agus dh’èirich e, agus dh’imich e a dh’ionnsaigh a thaighe, da bhaile fhèin, agus thug e àitheantan da theaghlach, agus chroch e e fhèin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlacaidh a athar.
24
An sin thàinig Daibhidh gu Mahanaim; agus chaidh Absalom thar Iòrdan, e fhèin agus fir Israeil uile maille ris.
25
Agus rinn Absalom Amasa na cheannard air an t‑sluagh an àite Ioaib: agus b’e Amasa mac duine dom b’ainm Itra Israeleach, a chaidh a‑steach gu Abigail nighean Nahais, piuthar Sheruiah, màthair Ioaib.
26
Agus champaich Israel agus Absalom ann am fearann Ghilead.
27
Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Mahanaim, thug Sobi mac Nahais o Rabah chloinn Amoin, agus Machir mac Amieil o Loidebar, agus Barsillai an Giledach o Rogelim,
28
Leapaichean, agus cuachan, agus soithichean creadha, agus cruithneachd, agus eòrna, agus min mhìn, agus gràn cruadhaichte, agus pònair, agus gall-pheasair, agus peasair chruadhaichte,
29
Agus mil, agus ìm, agus caoraich, agus càise cruidh airson Dhaibhidh, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, a‑chum an ithe, oir thubhairt iad. Tha an sluagh acrach, agus sgìth, agus ìotmhor anns an fhàsach.
2 Samuel 17:1
2 Samuel 17:2
2 Samuel 17:3
2 Samuel 17:4
2 Samuel 17:5
2 Samuel 17:6
2 Samuel 17:7
2 Samuel 17:8
2 Samuel 17:9
2 Samuel 17:10
2 Samuel 17:11
2 Samuel 17:12
2 Samuel 17:13
2 Samuel 17:14
2 Samuel 17:15
2 Samuel 17:16
2 Samuel 17:17
2 Samuel 17:18
2 Samuel 17:19
2 Samuel 17:20
2 Samuel 17:21
2 Samuel 17:22
2 Samuel 17:23
2 Samuel 17:24
2 Samuel 17:25
2 Samuel 17:26
2 Samuel 17:27
2 Samuel 17:28
2 Samuel 17:29
2 Samuel 1 / 2Sam 1
2 Samuel 2 / 2Sam 2
2 Samuel 3 / 2Sam 3
2 Samuel 4 / 2Sam 4
2 Samuel 5 / 2Sam 5
2 Samuel 6 / 2Sam 6
2 Samuel 7 / 2Sam 7
2 Samuel 8 / 2Sam 8
2 Samuel 9 / 2Sam 9
2 Samuel 10 / 2Sam 10
2 Samuel 11 / 2Sam 11
2 Samuel 12 / 2Sam 12
2 Samuel 13 / 2Sam 13
2 Samuel 14 / 2Sam 14
2 Samuel 15 / 2Sam 15
2 Samuel 16 / 2Sam 16
2 Samuel 17 / 2Sam 17
2 Samuel 18 / 2Sam 18
2 Samuel 19 / 2Sam 19
2 Samuel 20 / 2Sam 20
2 Samuel 21 / 2Sam 21
2 Samuel 22 / 2Sam 22
2 Samuel 23 / 2Sam 23
2 Samuel 24 / 2Sam 24