Instagram
English
A A A A A
2 Corintianach 1:1-23
1. Pòl, abstol Chrìosd Ìosa tro thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair, Gu eaglais Dhè a th' ann an Corint, cuide ris na naoimh uile a th' ann an Achaia gu lèir:
2. Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑athair agus on Tighearn Ìosa Crìosd.
3. Beannaichte gun robh an Dia agus athair ar Tighearn Ìosa Crìosd, Athair nan tròcair agus Dia nan uile chofhurtachd,
4. a tha a' toirt cofhurtachd dhuinne nar n‑àmhghar gu lèir, airson 's gun tèid againn air cofhurtachd a thoirt dhaibhsan a th' ann an àmhghar sam bith, leis a' chofhurtachd leis a bheil sinn fhèin air ar cofhurtachadh le Dia.
5. Oir dìreach mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, mar sin cuideachd, tro Chrìosd, tha ar cofhurtachd pailt.
6. Agus ma tha sinn fo àmhghar, 's ann airson ur cofhurtachd 's ur sàbhaladh‑se; ma tha sinn air ar cofhurtachadh 's ann airson ur cofhurtachd‑se a tha e, a tha èifeachdach annaibh ann a bhith a' giùlain na h‑aon fhulangasan 's a tha sinne a' fulang.
7. Agus tha ar dòchas air ur son‑se daingeann, le fios againn, mar a tha sibh nur luchd‑compàirt nar fulangasan‑ne, gum bi sibh cuideachd nur luchd‑compàirt nar cofhurtachd.
8. Oir chan eil sinn ag iarraidh gum bi sibh aineolach, a bhràithrean, mun àmhghair a thachair dhuinn ann an Àisia; oir bha sinn fo eallach ro‑mhòr, thar ar neirt, eadhon gus dòchas a chall mu ar beatha.
9. Ach, bha binn ar bàis againn annainn fhèin airson 's nach cuireamaid ar dòchas annainn fhèin, ach ann an Dia a thogas suas na mairbh,
10. a shaor sinn o chunnart‑bàis cho mòr — agus a shaoras sinn — annsan chuir sinn ar dòchas, gun saor e fhathast sinn;
11. tha sibhse cuideachd a' gabhail pàirt ann a bhith gar cuideachadh tro ur n‑ùrnaighean airson 's gun toir mòran dhaoine taing as ar leth airson an tiodhlaic a chaidh a thoirt dhuinn, tro ùrnaighean mhòran.
12. Oir is e seo ar bòst: fianais ar cogais, gun do ghiùlain sinne sinn fhèin san t‑saoghal, ann an sìmplidheachd is dùrachd dhiadhaidh agus chan ann ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, agus gu h‑àraidh dhur taobh‑se.
13. Oir chan eil sinn a' sgrìobhadh nì sam bith eile thugaibh ach na rudan a tha sibh a' leughadh 's ag aideachadh; agus tha mi an dòchas a dh'aidicheas sibh chun an deiridh —
14. dìreach cuideachd mar a dh'aidich sibh sinne ann am pàirt, gur sinn ur n‑adhbhar moit‑se mar a tha sibhse cuideachd dhuinne — air latha ar Tighearna Ìosa.
15. Agus leis a' chinnt seo bha mi ag iarraidh tighinn thugaibh an toiseach, airson 's gum faigheadh sibh beannachd dà uair.
16. B' e sin a dhol ur taobh‑se a‑steach do Mhacedònia, is tighinn thugaibh o Mhacedònia a‑rithist agus a bhith air mo chuideachadh leibhse air mo thuras gu Iudèa.
17. Mar sin cha robh mi eadar dà bharail nuair a bha mi am beachd sin a dhèanamh, an robh? No, na chuireas mi romham, an ann a rèir na feòla tha mi ga chur romham, airson 's gum bi “Tha, tha” agus “Chan eil, chan eil” agam aig an aon àm?
18. Ach mar a tha Dia dìleas, cha b' e ar facal‑ne dhuibhse “Tha” agus “Chan eil”.
19. Oir Mac Dhè, Ìosa Crìosd, a chaidh a shearmonachadh nur measg‑se leinne — leamsa 's le Siluanus is le Timòteus — cha robh esan na “Tha” 's na “Chan eil”, ach annsan 's e “Tha” a th' air a bhith ann an‑còmhnaidh.
20. Oir na th' ann de gheallaidhean Dhè, annsan tha iad nan “Tha”; agus annsan tha an “t‑Amen” gu glòir Dhè, tromhainne.
21. A‑nis is Esan a tha gar stèidheachadh còmhla ribhse ann an Crìosd, agus a th' air ar n‑ungadh, Dia,
22. a chuir a sheula oirnn cuideachd is a thug dhuinn an Spiorad nar cridheachan mar gheall.
23. Ach tha mi a' gairm Dhè mar fhianais air m' anam — gur ann airson ur caomhnadh nach tàinig mi a‑rithist gu Corint.