A A A A A
Bible in one year
September 6

1 Corintianach 15:1-28
1. A‑nis dhèanainn aithnichte dhuibh, a bhràithrean, an soisgeul a shearmonaich mi dhuibh, a fhuair sibhse cuideachd, agus anns a bheil sibh nur seasamh,
2. trom bheil sibh cuideachd air ur sàbhaladh — ma chumas sibh gu daingeann am facal a shearmonaich mi dhuibh — mur do chreid sibh gu dìomhain.
3. Oir thug mi dhuibh mar phrìomh rud an nì a fhuair mise cuideachd: gun d' fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan Sgriobtar,
4. agus gun deach adhlacadh, is gun do dh'èirich e a‑rithist air an treas latha a rèir nan Sgriobtar
5. agus gun do nochd e do Chèphas is an uair sin dhan dà‑fhear‑dheug.
6. Às dèidh sin, nochd e e fhèin do bharrachd air còig cheud bràthair aig an aon àm, a' mhòr chuid dhiubh a tha beò gus a‑nis, ach tha cuid dhiubh air tuiteam nan cadal.
7. Às dèidh sin nochd e e fhèin do Sheumas, an uair sin dha na h‑abstoil gu lèir,
8. agus mu dheireadh thall, nochd e e fhèin dhòmhsa cuideachd, mar neach a rugadh ann an an‑àm.
9. Oir is mise as lugha dhe na h‑abstoil, nach eil airidh air abstol a ghabhail orm, a chionn 's gun robh mi a' geur‑leanmhainn eaglais Dhè.
10. Ach tro ghràs Dhè is mi an nì a th' annam, agus cha robh a ghràs dham thaobh‑sa gun buaidh; ach shaothraich mi barrachd na iad uile, a dh'aindeoin sin cha bu mhise, ach gràs Dhè a tha còmhla rium.
11. Mar sin, ge b' e mise a bh' ann no iadsan, mar seo tha sinne a' searmonachadh agus mar seo chreid sibhse.
12. A‑nis ma tha Crìosd air a shearmonachadh, gun deach a thogail o na mairbh, ciamar a tha cuid nur measg‑se ag ràdh nach eil aiseirigh nam marbh ann?
13. Ach mura h‑eil aiseirigh nam marbh ann, cha deach fiù 's Crìosd a thogail suas.
14. Agus mura deach Crìosd a thogail suas, mar sin tha ar searmonachadh dìomhain, agus tha ur creideamh‑se dìomhain cuideachd.
15. Agus tha sinne air ar faighinn nar fianaisean brèige air Dia, a chionn 's gun tug sinn fianais a thaobh Dhè, gun do thog e suas Crìosd — am fear nach do thog e suas, mura h‑eil na mairbh air an togail suas.
16. Oir mura h‑eil na mairbh air an togail suas, cha mhotha a chaidh Crìosd a thogail suas.
17. Agus mura deach Crìosd a thogail suas, tha ur creideamh‑se dìomhain; tha sibh fhathast nur peacaidhean.
18. Mar sin cuideachd tha iadsan a chaidil ann an Crìosd air an sgrios.
19. Mas ann sa bheatha seo a‑mhàin a tha dòchas againn ann an Crìosd, tha sinn nas airidh air truas na daoine sam bith.
20. Ach a‑nis chaidh Crìosd a thogail suas o na mairbh, ciad‑thoradh na feadhna a chaidil.
21. Oir mar a thàinig am bàs tro dhuine, thig aiseirigh nam marbh cuideachd tro dhuine.
22. Oir mar a tha a h‑uile neach a' bàsachadh ann an Àdhamh, mar sin cuideachd, thèid a h‑uile neach a dhèanamh beò ann an Crìosd.
23. Ach gach neach na òrdugh fhèin: Crìosd a' chiad‑thoradh, às dèidh sin iadsan a tha le Crìosd aig a thighinn.
24. An uair sin thig an deireadh, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia an t‑Athair, nuair a chuireas e às dhan a h‑uile riaghaltas agus dhan a h‑uile h‑ùghdarras is cumhachd.
25. Oir feumaidh esan riaghladh gus an cuir e a nàimhdean gu lèir fo a chasan.
26. Is e an nàmhaid mu dheireadh a thèid a sgrios, am bàs.
27. Oir “chuir e a h‑uile sìon fo smachd — fo a chasan.” Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e “a h‑uile sìon” fo smachd, tha e follaiseach gu bheil esan a chuir a h‑uile sìon fo smachd air leth on a seo.
28. Nuair a thèid a h‑uile sìon a chur fo a smachd, an uair sin bidh am Mac fhèin fo smachd an Aoin a chuir a h‑uile sìon fo a smachd‑san, airson 's gum bi Dia nan uile anns na h‑uile.