A A A A A
Bible in one year
September 4

1 Corintianach 14:1-20
1. Leanaibh gaol, agus miannaichibh tiodhlacan spioradail gu dùrachdach, ach gu sònraichte gun dèanadh sibh fàidheadaireachd.
2. Oir an neach a bhruidhneas ann an teangaidh, chan ann ri daoine a bhruidhneas e, ach ri Dia, oir chan eil neach sam bith ga thuigsinn, ged a tha e a' bruidhinn rùintean dìomhair san Spiorad.
3. Ach an neach a tha a' dèanamh fàidheadaireachd, tha e a' bruidhinn ri daoine airson an togail suas, am misneachadh 's an cofhurtachadh.
4. Tha an neach a tha a' bruidhinn ann an teangaidh ga thogail fhèin suas, ach an neach a nì fàidheadaireachd, tha e a' togail suas na h‑eaglaise.
5. A‑nis bu toigh leam gum bruidhneadh sibh uile le teangannan, ach b' fheàrr leam gun dèanadh sibh fàidheadaireachd. Tha an neach a nì fàidheadaireachd nas motha na an neach a bhruidhneas ann an teangannan, mura h‑eadar‑theangaich cuideigin, airson 's gum biodh an eaglais air a togail suas.
6. A‑nis, a bhràithrean, ma thig mi thugaibh a' bruidhinn le teangannan, dè a' bhuannachd a nì mu dhuibh mura bruidhinn mi ribh ann an taisbeanadh, no ann an eòlas, no ann am fàidheadaireachd, no ann an teagasg?
7. Fiù 's ionnsramaidean gun bheatha a nì fuaim, mas duiseal no clàrsach, mura nochd iad eadar‑dhealachadh nam fuaimean, ciamar a thèid an nì a thèid a chluiche air an duiseal no air a' clàrsaich aithneachadh?
8. Oir ma bheir an trombaid fuaim neo‑chinnteach aiste, cò a dh'ullaicheas e fhèin airson cogaidh?
9. Agus mar sin leibhse, mura bruidhinn sibh briathran soilleir leis an teangaidh, ciamar a thèid an nì a chaidh a ràdh a thuigsinn? Oir bidh sibh a' bruidhinn dhan adhar.
10. Chan eil teagamh nach eil mòran chànan san t‑saoghal, agus chan eil a h‑aon dhiubh gun seagh.
11. Air an adhbhar sin, mura tuig mi brìgh a' chànain, bidh mi nam choigreach dhan neach a bhruidhneas, agus bidh an neach a bhruidhneas na choigreach dhòmhsa.
12. Mar sin leibhse, bhon a tha sibh dealasach airson tiodhlacan spioradail, siribh gum biodh sibh barraichte ann a bhith a' togail suas na h‑eaglaise.
13. Air an adhbhar sin, dèanadh an neach a bhruidhneas ann an teangaidh ùrnaigh gun eadar‑theangaicheadh e.
14. Oir ma nì mise ùrnaigh ann an teangaidh, tha mo spiorad a' dèanamh ùrnaigh, ach tha m' inntinn neo‑thorrach.
15. Dè mar sin a nì mi? Nì mi ùrnaigh leis an spiorad agus nì mi ùrnaigh leis an inntinn cuideachd; seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi leis an inntinn cuideachd.
16. No ma bheannaicheas tu leis an spiorad a‑mhàin, ciamar a chanas an neach a tha ann an suidheachadh neo‑fhoghlaimte “Amen” rid thaingealachd, nuair nach aithne dha dè a tha thu ag ràdh?
17. Oir dh'fhaodadh tusa a bhith a' toirt taing gu math, ach chan eil an neach eile air a thogail suas.
18. Tha mi a' toirt taing do Dhia gu bheil mi a' bruidhinn le teangannan barrachd air na tha sibhse uile;
19. ach a dh'aindeoin sin, san eaglais b' fheàrr leam còig faclan a bhruidhinn lem inntinn airson 's gun teagaisginn daoine eile cuideachd, na deich mìle facal ann an teangaidh.
20. A bhràithrean, na bithibh nur leanabanan nur smaoineachadh; a dh'aindeoin sin bithibh nur leanabanan ann am mì‑rùn, ach ann an tuigse bithibh nur n‑inbhich.