A A A A A
Bible in one year
September 3

1 Corintianach 13:1-13
1. Ged a bhruidhninn le teangannan dhaoine is aingeal, ach nach eil gaol agam, tha mi nam chlag‑umha fuaimneach no nam chiombal gliongach.
2. Agus ged a bhiodh fàidheadaireachd agam, agus ged a thuiginn na rùintean dìomhair gu lèir agus gach uile eòlas, agus ged a bhiodh a h‑uile creideamh agam, airson 's gun gluaisinn beanntan, ach nach eil gaol agam, chan eil annam ach neoni.
3. Agus ged a bheirinn mo mhaoin uile airson na bochdan a bheathachadh, agus ged a bheirinn mo chorp gus a bhith air a losgadh, ach nach eil gaol agam, chan eil buaidh sam bith ann dhomh.
4. Tha an gaol foighidneach agus coibhneil, chan eil an gaol farmadach, cha bhòst an gaol, chan eil e air a shèideadh suas,
5. no mì‑mhodhail, cha shir e a chuid fhèin, chan eil e air a phiobrachadh gu luath, chan eil e a' gabhail suim de dh'uilc.
6. Cha dèan e gàirdeachas san eucoir, ach nì e gàirdeachas san fhìrinn.
7. Fuilingidh e a h‑uile sìon, creididh e a h‑uile sìon, bidh e a' sùileachadh a h‑uile sìon, giùlainidh e a h‑uile sìon.
8. Chan fhàilnich an gaol. Ach a thaobh fhàidheadaireachdan, thig iad gu neoni; a thaobh theangannan, sguiridh iad; a thaobh eòlais, thig e gu neoni.
9. Oir tha eòlas againn ann am pàirt, agus tha sinn ri fàidheadaireachd ann am pàirt,
10. ach nuair a thig an nì a tha coileanta, thig an nì sin nach eil ach ann am pàirt gu neoni.
11. Nuair a bha mi nam leanaban, bhruidhinn mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reusonaich mi mar leanaban. Nuair a thàinig mi gus a bhith nam dhuine, chuir mi às dha na rudan leanabail.
12. Oir a‑nis tha sinn a' faicinn gu dorcha tro ghlainne ach an uair sin chì sinn aghaidh ri aghaidh, a‑nis is aithne dhomh ann an cuid ach an uair sin aithnichidh mi dìreach mar a tha mise cuideachd air m' aithneachadh.
13. Ach a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gaol, na trì rudan seo; ach is e an gaol as motha dhiubh seo.