Galàtianach 5:1-26 |
1. 'S ann airson saorsa a shaor Crìosd sinn, mar sin seasaibh gu daingeann agus na bithibh umhail a‑rithist do chuing daorsa. |
2. Seall, tha mise, Pòl, ag ràdh ribh, ma thèid ur timcheall‑ghearradh, nach bi Crìosd na bhuannachd sam bith dhuibh. |
3. Tha mi a' toirt fianais a‑rithist dhan a h‑uile duine a thèid a thimcheall‑ghearradh, gu bheil e mar fhiachan air, an lagh gu lèir a choileanadh. |
4. Chaidh ur gearradh às o Chrìosd, sibhse a tha a' sireadh a bhith air ur fìreanachadh tron lagh; thuit sibh o ghràs. |
5. Oir tha sinne tron Spiorad, tro chreideamh, a' feitheamh air dòchas fìreantachd. |
6. Oir ann an Crìosd Ìosa chan eil timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh feumail airson sìon, ach creideamh a tha ag obair tro ghràdh. |
7. Bha sibh a' ruith gu math; cò a bhac sibh o bhith umhail dhan fhìrinn? |
8. Cha tàinig an ìmpidh seo on fhear a ghairm sibh. |
9. “Gortaichidh beagan de thaois ghoirt an cnap gu lèir.” |
10. Tha cinnt agam asaibh san Tighearna, nach smaoinich sibh dad eile; ach an neach a tha a' cur dragh oirbh giùlainidh esan breitheanas; ge b' e cò e. |
11. Agus mise, a bhràithrean, ma tha mi fhathast a' searmonachadh an timcheall‑ghearraidh, carson a tha mi fhathast air mo gheur‑leanmhainn? An uair sin bhiodh ceap‑tuislidh a' chroinn‑cheusaidh air a dhèanamh gun èifeachd. |
12. B' fheàrr leam gun gearradh iadsan — a tha gur cur bun os cionn — às iad fhèin. |
13. Oir chaidh ur gairm gu saorsa, a bhràithrean, ach a‑mhàin na cleachdaibh ur saorsa mar chothrom dhan fheòil, ach tro ghràdh, dèanaibh seirbheis dha chèile. |
14. Oir tha an lagh gu lèir air a choileanadh ann an aon fhacal: “Gràdhaichidh tu do choimhearsnaich mar thu fhèin.” |
15. Ach ma bhios sibh a' bìdeadh 's ag ithe a chèile, thoiribh an aire nach tèid sibh a sgrios le chèile. |
16. Ach, tha mi ag ràdh, coisichibh leis an Spiorad agus cha choilean sibh idir sannt na feòla. |
17. Oir tha an fheòil a' miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feòla; oir tha iad seo an aghaidh a chèile, airson 's nach fhaigh sibh air na rudan as miann leibh a dhèanamh. |
18. Ach ma tha sibh air ur treòrachadh leis an Spiorad, chan eil sibh fon lagh. |
19. A‑nis tha gnìomhan na feòla follaiseach, is iad: adhaltranas, neòghlaine, feòlmhorachd, |
20. iodhal‑adhradh, draoidheachd, nàimhdeas, strì, eudachd, fearg, fèinealachd, sgaraidhean, roinnean, |
21. farmad, misg, ruidhtearachd, agus rudan mar seo, mum bheil mi a' toirt rabhaidh dhuibh ro‑làimh, mar a thug mi rabhadh dhuibh roimhe, nach sealbhaich iadsan a tha a' dèanamh an leithidean sin rìoghachd Dhè. |
22. Ach is e toradh an Spioraid: gràdh, aoibhneas, sìth, foighidinn, coibhneas, mathas, creideamh, |
23. ciùineas, fèin‑smachd; an aghaidh an leithidean sin chan eil lagh. |
24. A‑nis, iadsan a bhuineas do Chrìosd Ìosa, cheus iad an fheòil le a droch‑thograidhean 's a h‑ana‑miannan. |
25. Ma tha sinn beò san Spiorad, coisicheamaid cuideachd san Spiorad. |
26. Na fàsamaid mòrchuiseach, a' piobrachadh a chèile, a' gabhail farmad ri chèile. |