A A A A A
Bible in one year
September 12

2 Corintianach 4:1-18
1. Mar sin, bhon a tha a' mhinistrealachd seo againn tro thròcair Dhè, chan eil sinn a' call misneachd.
2. Ach chuir sinn cùl ri rudan falaichte na nàire, chan ann a' coiseachd ann an ceilg, no a' fiaradh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn, gar moladh fhèin do chogais gach neach ann an sealladh Dhè.
3. Agus fiù 's ma tha ar soisgeul‑ne falaichte, tha e falaichte dhaibhsan a tha gan sgrios.
4. Nan suidheachadh‑san tha dia an t‑saoghail seo air inntinnean nan eas‑creidmheach a dhalladh, airson 's nach bi solas soisgeul glòir Chrìosd, as e ìomhaigh Dhè, air fhoillseachadh dhaibh.
5. Oir chan eil sinne gar searmonachadh fhèin, ach Ìosa Crìosd an Tighearna, agus sinn fhèin nar seirbheisich dhuibhse air sgàth Ìosa.
6. Oir is e Dia, a thuirt, “À dorchadas soillsicheadh solas,” an t‑Aon a th' air deàlradh nar cridheachan airson solas eòlas glòir Dhè a thoirt dhuinn ann an aghaidh Ìosa Crìosd.
7. Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean crèadha, airson 's gum bi barrachdas a' chumhachd o Dhia 's chan ann uainne.
8. Tha sinn air ar claoidh sa h‑uile dòigh, ach gun a bhith air ar brùthadh sìos; fo imcheist, ach gun a bhith eu‑dòchasach;
9. air ar geur‑leanmhainn, ach gun a bhith air ar trèigsinn; air ar leagail sìos, ach gun a bhith air ar sgrios;
10. an‑còmhnaidh a' giùlain bàs Ìosa sa bhodhaig, airson 's gum bi beatha Ìosa cuideachd air a foillseachadh nar bodhaig.
11. Oir tha sinne a tha beò an‑còmhnaidh air ar toirt thairis gu bàs airson Ìosa, airson 's gum biodh beatha Ìosa cuideachd air a foillseachadh nar feòil bhàsmhoir.
12. Mar sin tha bàs ag obrachadh annainne, ach beatha annaibhse.
13. Ach bhon a tha an aon spiorad creideimh againn, a rèir mar a tha e sgrìobhte, “Chreid mi, mar sin bhruidhinn mi,” chreid sinne cuideachd is mar sin tha sinn a' bruidhinn,
14. is fios againn, gun tog an t‑Aon a thog suas an Tighearna Ìosa, sinne suas cuideachd, le Ìosa, agus gun nochd e sinn na làthair‑san leibhse.
15. Oir tha a h‑uile sìon air ur son‑se, airson 's gum meudaich an gràs tro bharrachd dhaoine is gum fàs taingealachd nas lìonmhoire, gu glòir Dhè.
16. Mar sin chan eil sinn a' call misneachd, ach ged a tha ar duine a th' air an taobh a‑muigh a' crìonadh, tha ar nàdar a th' air an taobh a‑staigh ga ath‑nuadhachadh latha 'n dèidh latha.
17. Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, mòmaideach ag obrachadh dhuinne cuideam glòire sìorraidh a tha thar tomhais sam bith,
18. mar sin chan eil sinne a' coimhead air na rudan a tha rim faicinn, ach air na rudan nach eil rim faicinn; oir tha na rudan a chithear aimsireil, ach tha na rudan nach fhaicear sìorraidh.