A A A A A
Bible in one year
September 10

2 Corintianach 2:1-17
1. Ach chuir mi seo romham annam fhèin, nach tiginn a‑rithist fo bhròn thugaibh.
2. Oir ma chuireas mise bròn oirbhse, cò a nì toilichte mise, mura h‑e an neach a th' air a chur fo bhròn leamsa?
3. Agus sgrìobh mi an dearbh rud seo, airson 's nuair a thiginn, nach deigheadh mo chur fo bhròn leis an fheadhainn sin a bu chòir a bhith gam dhèanamh toilichte, le earbsa annaibh uile, gum bi mo thoileachas‑sa na thoileachas dhuibh‑se gu lèir.
4. Oir à mòr‑àmhghar is cràdh cridhe sgrìobh mi thugaibh tro iomadh deur; chan ann airson 's gum biodh sibh fo bhròn ach airson 's gum biodh fios agaibh air a' ghràdh ro‑phailt a th' agam air ur son‑se.
5. Ach ma tha neach sam bith air bròn adhbhrachadh, cha b' ann ormsa a chuir e bròn, ach gu ìre — gun a chur ro làidir — oirbhse.
6. Is leòr dhan a leithid sin de neach am peanas seo a chaidh a chur air le mòran,
7. airson 's, air an làimh eile, gum bu chòir dhuibh a mhathadh is cofhurtachd a thoirt dha, air eagal 's gum faodadh gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le tuilleadh 's a chòir bròin.
8. Mar sin tha mi gar n‑earalachadh gun dearbh sibh ur gràdh dha.
9. Oir air an adhbhar seo sgrìobh mi, airson 's gun dearbhainn sibh, a dh'fhaicinn a bheil sibh umhail sa h‑uile sìon.
10. Ach neach dhan toir sibhse mathanas ann an nì sam bith, mathaidh mise cuideachd; oir dha‑rìribh na mhath mise — ma mhath mi nì sam bith — rinn mi e air ur son‑se ann an làthair Chrìosd,
11. gus nach gabhadh Sàtan brath oirnn, oir chan eil sinn aineolach air na h‑innleachdan aigesan.
12. A‑nis nuair a thàinig mi gu Tròas airson soisgeul Chrìosd 's a chaidh doras fhosgladh dhomh san Tighearna,
13. cha robh fois agam nam spiorad, air sgàth 's nach do lorg mi Tìtus mo bhràthair; ach a' gabhail mo chead dhibh, dh'fhalbh mi gu Macedònia.
14. Ach taing do Dhia, a tha an‑còmhnaidh gar treòrachadh gu buadhach ann an Ìosa Crìosd agus tromhainne a' foillseachadh fàileadh eòlais fhèin anns gach àite:
15. oir tha sinne nar deagh‑fhàileadh Chrìosd do Dhia am measg na feadhna a tha gan sàbhaladh, agus am measg na feadhna a tha gan sgrios,
16. do dh'fheadhainn nar fàileadh o bhàs gu bàs, dhan fheadhainn eile nar fàileadh o bheatha gu beatha. Agus cò a tha freagarrach airson na rudan seo?
17. Oir chan eil sinne mar a tha mòran, a nì malairt le facal Dhè, ach mar o dhùrachdas, mar o Dhia, tha sinn a' bruidhinn ann an Crìosd am fianais Dhè.