A A A A A
Bible in one year
August 5

Ròmanaich 7:1-25
1. No nach eil fios agaibh, a bhràithrean — oir tha mi a' bruidhinn riuthasan dhan aithne an lagh — gu bheil tighearnas aig an lagh thairis air duine cho fada 's a tha e beò?
2. Mar sin tha boireannach a tha pòsta, ceangailte leis an lagh ri a fear‑pòsta, fhad 's a tha e beò, ach ma bhàsaicheas a fear‑pòsta tha i air a fuasgladh on lagh a thaobh a fir.
3. Mar sin, thèid ban‑adhaltranach a ghabhail oirre ma dh'fhuiricheas i còmhla ri duine eile fhad 's a tha a fear‑pòsta beò. Ach ma bhàsaicheas a fear‑pòsta, tha i saor on lagh, agus ma phòsas i fear eile chan e ban‑adhaltranach a th' innte.
4. San aon dòigh, mo bhràithrean, tha sibhse cuideachd air bàsachadh dhan lagh tro chorp Chrìosd, airson 's gum buineadh sibh do dh'aon eile, dhàsan a chaidh a thogail o na mairbh, airson 's gum faod sinne toradh a ghiùlain do Dhia.
5. Oir fhad 's a bha sinn san fheòil, bha ar miannan peacach ag obrachadh nar buill tron lagh gus toradh a ghiùlain dhan bhàs.
6. Ach a‑nis tha sinn air ar saoradh on lagh, às dèidh dhuinn bàsachadh dhan rud sin a chùm ann an grèim sinn, airson 's gun dèan sinn seirbheis ann am beatha ùr an Spioraid 's chan ann ann an aostachd litir an lagha.
7. Dè, mar sin, a chanas sinn? Gu bheil an lagh na pheacadh? Na tachradh e gu bràth! Ach cha b' aithne dhomh peacadh ach tron lagh. Cha bhiodh eòlas air a bhith agam air sannt mura biodh an lagh air cantainn, “Na sanntaich.”
8. Ach, a' glacadh cothrom tron àithne, thug am peacadh gu buil annam a h‑uile seòrsa sannt. Às aonais an lagha tha am peacadh marbh.
9. Bha mi aig aon àm beò às aonais an lagha, ach nuair a thàinig an àithne, thàinig am peacaidh beò
10. agus bhàsaich mise. Agus fhuair mi an àithne a bha ri bhith gu beatha dhomh, na bàs dhomh.
11. Oir a' glacadh cothrom tron àithne, mheall am peacadh mi agus troimhe mharbh e mi.
12. Mar sin tha an lagh naomh, agus tha an àithne naomh agus fìreanta agus math.
13. An tug an rud a bha math, mar sin, bàs thugam? Na tachradh e gu bràth! B' e am bàs a bh' ann, a' toirt bàs gu buil annamsa tro na tha math, airson 's gum biodh am peacadh air a shealltainn mar pheacadh, agus tron àithne gum fàsadh am peacadh peacach thar tomhas.
14. Oir tha fios againn gu bheil an lagh spioradail, ach tha mise dhen fheòil, air mo reic fon pheacadh.
15. Chan eil mi a' tuigsinn mo ghnìomhan fhèin. Oir chan eil mi a' dèanamh an rud a tha mi ag iarraidh, ach tha mi a' dèanamh an dearbh rud as fuathach leam.
16. A‑nis ma tha mi a' dèanamh an rud nach eil mi ag iarraidh, tha mi ag aontachadh leis an lagh, gu bheil e math.
17. A‑nis ma‑thà, cha mhise tuilleadh a tha ga dhèanamh, ach am peacadh a tha a' còmhnaidh annam.
18. Oir tha fios agam nach eil sìon math a' còmhnaidh annamsa, 's e sin, nam fheòil. Oir tha mi airson an rud a tha ceart a dhèanamh, ach chan eil e annam an rud math sin a chur an gnìomh.
19. Oir chan eil mi a' dèanamh a' mhath a tha mi a' miannachadh, ach is e an t‑olc nach eil mi ag iarraidh a tha mi a' dèanamh.
20. A‑nis ma nì mi an rud nach eil mi ag iarraidh, cha mhise tuilleadh a tha ga dhèanamh, ach am peacadh a tha a' còmhnaidh annam.
21. Mar sin tha mi ga fhaighinn na lagh, nuair a tha mi ag iarraidh an rud a tha ceart a dhèanamh, gu bheil an t‑olc còmhla rium.
22. Oir tha aoibhneas agam ann an lagh Dhè a rèir an duine a th' air an taobh a‑staigh,
23. ach tha mi a' faicinn lagh eile nam bhuill a' cogadh an aghaidh lagh m' inntinn, agus gam dhèanamh nam phrìosanach do lagh a' pheacaidh a tha nam bhuill.
24. 'S e duine truagh a th' annamsa! Cò a shaoras mi o chorp a' bhàis seo?
25. Taing do Dhia, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna! Mar sin, tha mise mi fhèin le m' inntinn a' dèanamh seirbheis do lagh Dhè, ach lem fheòil do lagh a' pheacaidh.