A A A A A
Bible in one year
August 23

1 Corintianach 5:1-13
1. Tha e dha‑rìribh air aithris dhomh gu bheil mì‑mhoraltachd feise nur measg, agus de sheòrsa nach eil a' tachairt fiù 's am measg nam pàganach, oir tha bean athar aig fear.
2. Agus tha sibh air ur sèideadh suas! An àite sin nach bu chòir dhuibh a bhith ri bròn? Bitheadh esan a rinn seo air a thoirt air falbh o ur measg.
3. Oir ged nach eil mi còmhla ribh sa chorp, tha mi an làthair ann an spiorad; agus mar gun robh mi an làthair, tha mi mu thràth air breith a thoirt air an neach a rinn a leithid de rud.
4. Nuair a tha sibh air ur cruinneachadh an ceann a chèile ann an ainm ar Tighearna Ìosa agus mo spiorad‑sa an làthair, le cumhachd ar Tighearna Ìosa,
5. tha agaibh ris an duine seo a thoirt thairis do Shàtan airson sgrios na feòla, airson 's gum bi a spiorad air a shàbhaladh air latha ar Tighearna.
6. Chan eil ur bòstadh math. Nach aithne dhuibh gun goirtich beagan de thaois ghoirt an cnap gu lèir?
7. Glanaibh a‑mach an t‑seann taois ghoirt, airson 's gum bi sibh nur cnap ùr mar a tha sibh dha‑rìribh neo‑ghortaichte. Oir tha Crìosd, ar n‑uan‑Càisge, air a bhith air ìobradh.
8. Cumamaid mar sin an Fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, taois ghoirt a' mhìoruin 's an uilc, ach le aran neo‑ghortaichte an dùrachdais 's na fìrinn.
9. Sgrìobh mi thugaibh nam litir gun sibh a bhith ann an comann le feadhainn a tha mì‑mhoralta a thaobh feise —
10. chan ann idir a' ciallachadh iadsan a tha mì‑mhoralta a thaobh feise san t‑saoghal, no luchd‑sannta, no luchd‑foille, no luchd‑iodhal‑adhraidh, on a dh'fheumadh sibh an uair sin a dhol a‑mach às an t‑saoghal.
11. Ach a‑nis tha mi a' sgrìobhadh thugaibh gun sibh a bhith ann an comann le neach sam bith aig a bheil an t‑ainm bràthair ma tha e ciontach de mhì‑mhoraltachd feise no de shannt, no a tha na neach‑iodhal‑adhraidh, na neach‑càinidh, na mhisgeir, no na neach‑foille — na ithibh fiù 's còmhla ri a leithid seo.
12. Oir dè mo ghnothach‑sa breith a thoirt orrasan a tha a‑muigh? Nach iadsan a th' air an taobh a‑staigh air an toir sibh breith?
13. Tha Dia a' toirt breith orrasan a th' air an taobh a‑muigh, “Cuiribh air falbh an duine olc o ur measg.”