A A A A A
Bible in one year
August 20

1 Corintianach 2:1-16
1. Nuair a thàinig mise thugaibh, a bhràithrean, cha tàinig mi thugaibh a' cur an cèill dìomhaireachd Dhè le cainnt uachdarach no gliocas.
2. Oir chuir mi romham gun eòlas a chur air rud sam bith nur measg ach Ìosa Crìosd agus esan air a cheusadh.
3. Agus bha mi còmhla ribh ann an laigse is ann an eagal is ann am mòran ball‑chrith
4. agus cha robh mo bhruidhinn is mo shearmonachadh ann am briathran gliocais a tharraingeas neach a thaobh, ach ann an taisbeanadh an Spioraid 's a' chumhachd,
5. airson 's nach biodh ur creideamh‑se ann an gliocas dhaoine ach ann an cumhachd Dhè.
6. A dh'aindeoin sin am measg nan inbheach tha sinn a' bruidhinn gliocas, ged nach e gliocas na linne seo a th' ann no gliocas riaghladairean na linne seo, a tha a' tighinn gu neoni.
7. Ach tha sinn a' bruidhinn dìomhaireachd fhalaichte Dhè, a dh'òrdaich Dia ron t‑saoghal airson ar glòir‑ne.
8. Cha do thuig gin de riaghladairean an t‑saoghail seo, oir nan robh iad air tuigsinn, cha bhiodh iad air Tighearna na glòire a cheusadh.
9. Ach, mar a tha e sgrìobhte: “Chan fhaca sùil, cha chuala cluas, agus cha tàinig a‑steach do chridhe duine na rudan a dh'ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha” —
10. na rudan sin, tha Dia air fhoillseachadh dhuinne tron Spiorad. Oir tha an Spiorad a' rannsachadh a h‑uile sìon, fiù 's rudan domhain Dhè.
11. Oir cò dhan aithne smuaintean neach ach spiorad an neach sin fhèin, a tha na bhroinn? Mar sin cuideachd chan eil neach sam bith a' tuigsinn smuaintean Dhè ach Spiorad Dhè.
12. A‑nis tha sinn air sealbhachadh, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia, airson 's gun tuigeamaid na rudan a chaidh a thoirt dhuinn gu saor le Dia.
13. Agus tha sinn a' bruidhinn na rudan sin ann am briathran nach deach an teagasg le gliocas dhaoine, ach a chaidh an teagasg leis an Spiorad, ag eadar‑mhìneachadh rudan spioradail dhaibhsan a tha spioradail.
14. Chan eil an neach nàdarra a' gabhail ri rudan Spiorad Dhè, oir tha iad nan amaideachd dha, agus chan eil e an comas dha an tuigsinn a chionn 's gu bheil iad air an tuigsinn gu spioradail.
15. Tha an neach spioradail a' tuigsinn a h‑uile sìon, ach chan eil e fhèin ri bhith air a chur fo bhreith le neach sam bith:
16. “Oir cò dham b' aithne inntinn an Tighearna airson 's gun teagaisgeadh e e?” Ach tha inntinn Chrìosd againne.