A A A A A
Bible in one year
August 14

Ròmanaich 13:1-14
1. Biodh gach neach umhail dha na h‑ùghdarrasan a tha a' riaghladh. Oir chan eil ùghdarras ann ach o Dhia, agus chaidh an fheadhainn a tha ann an stèidheachadh le Dia.
2. Mar sin tha esan a chuireas an aghaidh ùghdarras a' cur an aghaidh an rud a shuidhich Dia, agus iadsan a chuireas na aghaidh, gheibh iad breitheanas.
3. Oir chan eil na riaghladairean nan adhbhar oillt do dheagh obraichean, ach do dhroch obraichean. Am miann leat a bhith gun eagal bhon ùghdarras? Dèan am math is gheibh thu a mholadh;
4. oir is esan seirbheiseach Dhè dhutsa airson maith. Ach ma nì thu na tha ceàrr, biodh eagal ort, oir chan eil e a' giùlain a' chlaidheimh gu dìomhain. Oir is esan seirbheiseach Dhè, dìoghaltair a tha a' toirt corraich Dhè air an neach a nì olc.
5. Mar sin, feumaidh neach a bhith umhail, chan ann a‑mhàin air sgàth corraich, ach cuideachd air sgàth a' chogais.
6. Air an aon adhbhar tha sibh cuideachd a' pàigheadh chìsean, oir tha iad nan seirbheisich Dhè, a' frithealadh an nì seo fhèin.
7. Thoir dhan a h‑uile duine a chòir: dhaibhsan dham bheil còir air cìsean, cìsean; dhaibhsan dham bheil còir air teachd a‑steach, teachd a‑steach; dhaibhsan dham bheil còir air eagal, eagal; dhaibhsan dham bheil còir air urram, urram.
8. Na biodh fiachan aig neach sam bith oirbh, oir tha an neach a tha a' gràdhachadh neach eile air an lagh a choileanadh.
9. Tha na h‑àitheantan, “Na dèan adhaltranas, na dèan murt, na dèan goid, na sanntaich,” agus àithne sam bith eile, air an cur ann an geàrr‑chunntas mar seo, “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.”
10. Cha dèan gràdh olc sam bith air coimhearsnach; mar sin 's e gràdh coileanadh an lagha.
11. A bharrachd air a seo, tha sibh eòlach air an àm, gur e seo an uair againne dùsgadh o chadal, oir tha ar slàinte nas fhaisge oirnn a‑nis na nuair a chreid sinn.
12. Tha an oidhche air a dhol air adhart; tha an latha faisg air làimh. Mar sin cuireamaid a thaobh obraichean an dorchadais agus cuireamaid oirnn armachd an t‑solais.
13. Coisicheamaid gu ceart, mar san latha; chan ann ann an ruidhtearachdan no ann am misg, chan ann ann am feise mì‑mhoralta is feòlmhorachd, chan ann ann an còmhstri 's ann am farmad.
14. Ach, cuiribh oirbh an Tighearna Ìosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, airson a miannan a riarachadh.