Ròmanaich 3:1-31 |
1. Dè, mar sin, an t‑sochair a th' aig an Iùdhach? No dè a' bhuannachd a th' anns an timcheall‑ghearradh? |
2. Mòran sa h‑uile dòigh! An toiseach, chaidh briathran Dhè earbsadh dha na h‑Iùdhaich. |
3. Dè ma bha cuid dhiubh mì‑dhìleas? An dèan am mì‑dhìlseachd‑san dìlseachd Dhè gun èifeachd? |
4. Na tachradh e gu bràth! Ach gum biodh Dia fìor, is gach duine na bhreugaire, mar a tha e sgrìobhte: “Airson 's gum faod thu a bhith air d' fhìreanachadh nad bhriathran, agus gum buadhaich thu nuair a thèid breith a thoirt ort.” |
5. Ach ma tha ar n‑eucoir‑ne a' moladh fìreantachd Dhè, dè a chanas sinn? Gu bheil Dia eucorach ann a bhith a' leagail corraich oirnn? (Tha mi a' bruidhinn ann an dòigh daonna.) |
6. Na tachradh e gu bràth! Oir an uair sin ciamar a bheir Dia breith air an t‑saoghal? |
7. Ach ma tha fìrinn Dhè, tro mo bhreug‑sa, a' cur thairis gu a ghlòir‑san, carson a tha mi fhathast cuideachd air mo dhìteadh mar pheacach? |
8. Agus chan ann mar a tha iomradh chùl‑chàineach air a dhèanamh mur deidhinn 's mar a tha cuid ag agairt gu bheil sinn ag ràdh — “Dèanamaid olc airson 's gun tig math às?” Tha an dìteadh‑san ceart. |
9. Dè, mar sin? A bheil sinne nas fheàrr dheth? Chan eil, chan eil idir. Oir tha sinn air casaid a chur mu thràth gu bheil a h‑uile neach, an dà chuid Iùdhaich is Greugaich, fo pheacadh, |
10. mar a tha e sgrìobhte: “Chan eil iad fìreanta, chan eil fiù 's a h‑aon; |
11. Chan eil neach sam bith a' tuigsinn, chan eil neach sam bith a' sireadh Dhè. |
12. Tha a h‑uile neach air tionndadh gu aon taobh; còmhla tha iad air fàs gun luach; chan eil neach sam bith ann a tha a' dèanamh math, chan eil fiù 's a h‑aon.” |
13. “Is e uaigh fhosgailte a tha nan sgòrnan; tha iad a' cleachdadh an teangannan airson meallaidh.” “Tha nimh nan nathraichean‑nimhe fom bilean.” |
14. “Tha am beul làn de mhallachadh agus de sheirbhe.” |
15. “Tha an casan luath gus fuil a dhòrtadh; |
16. tha sgrios agus truaighe nan slighean, |
17. agus slighe na sìthe cha b' aithne dhaibh.” |
18. “Chan eil eagal Dhè mu choinneamh an sùilean.” |
19. A‑nis tha fios againn gu bheil ge b' e dè a tha an lagh ag ràdh, gu bheil e ga ràdh riuthasan a tha fon lagh, airson 's gum bi a h‑uile beul air a dhèanamh sàmhach, agus gum bi an saoghal gu lèir cunntachail do Dhia. |
20. Oir le obraichean an lagha cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh na shealladh‑san, oir is ann tron lagh a tha eòlas a' pheacaidh a' tighinn. |
21. Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a bhith air a foillseachadh air leth bhon lagh, ged a tha an lagh is na fàidhean a' toirt fianais dhith, |
22. fìreantachd Dhè tro chreideamh ann an Ìosa Crìosd dhaibhsan uile a chreideas. Oir chan eil eadar‑dhealachadh ann, |
23. oir pheacaich a h‑uile neach agus tha iad air tighinn goirid air glòir Dhè, |
24. agus tha iad air am fìreanachadh an asgaidh le a ghràs, tron ath‑cheannach a th' ann an Crìosd Ìosa, |
25. a rùnaich Dia mar ìobairt‑rèitich leis an fhuil aige, air a shealbhachadh tro chreideamh. Bha seo airson fìreantachd Dhè fhoillseachadh, a chionn 's na fhad‑fhulangas gun robh e air gabhail seachad air peacaidhean a chaidh an dèanamh roimhe. Bha e airson an fhìreantachd aigesan fhoillseachadh sa cheart àm seo, airson 's gum biodh e cothromach is na fhear‑fhìreanachaidh dhan neach aig a bheil creideamh ann an Ìosa. |
26. *** |
27. Càite mar sin a bheil bòstadh? Tha e air a dhùnadh a‑mach. Le dè an seòrsa lagha? Le lagh obraichean? Chan ann, ach le lagh a' chreideimh. |
28. Oir tha sinne a' cumail a‑mach gu bheil duine air fhìreanachadh le creideamh air leth bho obraichean an lagha. |
29. Oir an e Dia Dia nan Iùdhach a‑mhàin? Nach eil e na Dhia dha na Cinnich cuideachd? Tha, dha na Cinnich cuideachd, |
30. on as e aon a th' ann an Dia, a dh'fhìreanaicheas an timcheall‑ghearradh le creideamh agus an neo‑thimcheall‑ghearradh tro chreideamh. |
31. A bheil sinn mar sin a' toirt an lagh gu neoni leis a chreideamh seo? Na tachradh e gu bràth! Ach, tha sinn a' cumail suas an lagha. |