A A A A A
Bible in one year
July 8

Gnìomharan 15:1-21
1. Thàinig daoine àraidh a‑nuas o Iudèa agus bha iad a' teagasg nam bràithrean, “Mura bi sibh air ur timcheall‑ghearradh a rèir gnàth Mhaois, chan urrainn dhuibh a bhith air ur sàbhaladh.”
2. Agus às dèidh do Phòl is Barnabas eas‑aonachd is deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riutha, chaidh Pòl is Barnabas a shuidheachadh airson a dhol suas gu Ierusalem gu na h‑abstoil is gu na h‑èildearan mun cheist seo.
3. Mar sin air an cur air an t‑slighe leis an eaglais, bha iad a' dol tro Phoenice is Shamaria, a' cur an cèill iompachadh nan Cinneach, agus thug iad aoibhneas mòr dha na bràithrean gu lèir.
4. Nuair a thàinig iad gu Ierusalem, fhuair iad fàilte bhon eaglais is na h‑abstoil is na h‑èildearan, agus dh'aithris iad a h‑uile sìon a bha Dia air a dhèanamh leotha.
5. Ach dh'èirich feadhainn àraidh de chreidmhich a bhuineadh do bhuidheann nam Pharasach agus thuirt iad, “Tha e riatanach iadsan a thimcheall‑ghearradh is àithne a thoirt dhaibh Lagh Mhaois a chumail.”
6. Thàinig na h‑abstoil agus na h‑èildearan còmhla airson beachdachadh mun ghnothach seo.
7. Às dèidh do mhòran deasbaireachd a bhith ann, dh'èirich Peadar is thuirt e riutha, “A bhràithrean, tha fios agaibh anns na làithean a bu tràithe gun do roghnaich Dia nur measg‑se gun cluinneadh na Cinnich le mo bheul‑sa facal an t‑soisgeil agus gun creideadh iad.
8. Agus thug Dia, dhan aithne an cridhe, fianais dhaibh, le bhith a' toirt an Spioraid Naoimh dhaibh dìreach mar a thug e dhuinne,
9. agus cha do rinn e eadar‑dhealachadh sam bith eadar sinne is iadsan, agus e air an cridheachan a ghlanadh le creideamh.
10. A‑nis, mar sin, carson a tha sibh a' dearbhadh Dhè le bhith a' cur cuing, nach robh ar n‑athraichean no sinne an comas a ghiùlain, air amhaich nan deisciobal?
11. Ach tha sinne a' creidsinn gum bi sinn air ar sàbhaladh tro ghràs an Tighearna Ìosa, dìreach mar a bhios iadsan.”
12. Agus dh'fhàs a' chuideachd uile sàmhach, agus dh'èist iad ri Barnabas is Pòl, fhad 's a rinn iad aithris air na comharraidhean agus na h‑iongantasan a bha Dia air a dhèanamh tromhpa am measg nan Cinneach.
13. Às dèidh dhaibh sgur a bhruidhinn, fhreagair Seumas, “A bhràithrean, èistibh riumsa:
14. dh'innis Simeon mar a thàinig Dia an toiseach chun nan Cinneach, gus sluagh a thoirt uapa airson ainm fhèin.
15. Agus le seo tha briathran nam fàidhean ag aontachadh, dìreach mar a tha e sgrìobhte:
16. “‘Às dèidh seo tillidh mi agus ath‑thogaidh mi pàillean Dhaibhidh, a tha air tuiteam. Agus togaidh mi a‑rithist na tha leagte dheth,
17. airson 's gum faod fuidheall a' chinne‑daonna an Tighearna a shireadh, agus na Cinnich gu lèir a tha air an gairm air m' ainm‑sa, tha an Tighearna, a tha a' dèanamh na rudan seo, ag ràdh
18. agus tha seo aithnichte o shean.’
19. “Mar sin is e mo bheachd‑sa nach bu chòir dhuinn dragh a chur orrasan dhe na Cinnich a tha a' tionndadh gu Dia,
20. ach gum bu chòir dhuinn sgrìobhadh thuca gu seachnadh iad: truaillidheachd iodhalan, is strìopachas, is na th' air a thachdadh, agus fuil.
21. Oir o iomadh linn tha muinntir air a bhith aig Maois anns gach baile a tha ag aithris anns na sionagogan, far a bheil esan air a leughadh gach Sàbaid.”