A A A A A
Bible in one year
July 20

Gnìomharan 21:18-40
18. An ath latha chaidh Pòl a‑steach còmhla rinn gu Seumas, agus thàinig na h‑èildearan gu lèir còmhla.
19. Às dèidh fàilte a chur orra, dh'aithris e dhaibh aon às dèidh aoin na rudan a bha Dia air a dhèanamh am measg nan Cinneach tro a mhinistrealachd‑san.
20. Agus nuair a chuala iad e, thug iad glòir do Dhia. Agus thuirt iad ris, “Tha thu a' faicinn, a bhràthair, cia mheud mìle a th' ann am measg nan Iùdhach dhiubhsan a th' air creidsinn, agus tha iad uile eudmhor airson an lagha,
21. agus chaidh innse dhaibh mud dheidhinn‑sa, gu bheil thu a' teagasg dha na h‑Iùdhaich gu lèir a tha am measg nan Cinneach Maois a thrèigsinn, ag innse dhaibh gun an cuid chloinne a thimcheall‑ghearradh, no coiseachd a rèir nan gnàthasan.
22. Dè a bu chòir a bhith air a dhèanamh? Cluinnidh iad gu cinnteach gu bheil thu air tighinn.
23. Dèan, mar sin, an rud a dh'innseas sinne dhut. Tha ceathrar fhear againn a tha fo bhòid;
24. thoir na fir seo leat agus glan thu fhèin cuide riutha agus pàigh na cosgaisean aca, airson 's gum beàrr iad an cinn. Mar sin bidh fios aig a h‑uile duine nach eil dad anns na chaidh innse dhaibh mud dheidhinn, ach gu bheil thusa cuideachd gad ghiùlain fhèin le bhith a' cumail an lagha.
25. Ach a thaobh nan Cinneach a th' air creidsinn, tha sinne air litir a chur le ar breithneachadh gum bu chòir dhaibh iad fhèin a chumail o bhiadh a chaidh ìobradh do dh'iodhalan, agus o fhuil, agus o na chaidh a thachdadh, agus o strìopachas.”
26. An uair sin thug Pòl na fir leis, is an ath latha ghlan e e fhèin còmhla riutha is chaidh e a‑steach dhan teampall, a' toirt fios nuair a bhiodh làithean a ghlanaidh air an coileanadh, agus nuair a bhiodh an tabhartas air a thoirt airson gach fear aca.
27. Nuair a bha na seachd latha faisg air a bhith air an crìochnachadh, ga fhaicinn san teampall, bhrosnaich Iùdhaich o Àisia an sluagh gu lèir, agus chuir iad làmhan air,
28. ag èigheach a‑mach, “Fheara Israeil, cuidichibh! Is e seo an duine a tha a' teagasg — dhan a h‑uile neach sa h‑uile àite — an aghaidh an t‑sluaigh 's an lagha agus an àite seo; agus a bharrachd, thug e fiù 's Greugaich a‑steach dhan Teampall agus tha e air an t‑àite naomh seo a thruailleadh.”
29. Oir roimhe seo bha iad air Trophimus an t‑Ephèsianach fhaicinn còmhla ris sa bhaile, agus shaoil iad gu robh Pòl air esan a thoirt a‑steach dhan teampall.
30. An uair sin chaidh am baile gu lèir a bhrosnachadh, agus ruith an sluagh còmhla. Ghabh iad grèim air Pòl is tharraing iad a‑mach às an teampall e, agus sa bhad chaidh na geatachan a dhùnadh.
31. Agus fhad 's a bha iad ag iarraidh a mharbhadh thàinig fios gu caiptean na rèiseamaid gun robh Ierusalem gu lèir ann am breisleach.
32. Sa bhad thug e saighdearan is ceannardan‑ceud leis agus ruith e sìos thuca. Agus nuair a chunnaic iad an caiptean is na saighdearan, sguir iad a thoirt bhuillean do Phòl.
33. An uair sin thàinig an caiptean suas agus chuir e an grèim e agus dh'àithn e gum biodh e air a cheangal le dà shlabhraidh. Dh'fhaighnich e cò a bh' ann agus dè a bha e air a bhith a' dèanamh.
34. Bha cuid san t‑sluagh ag èigheach aon rud agus cuid rud eile, agus a chionn 's nach b' urrainn dha an fhìrinn fhaighinn a‑mach air sgàth na h‑ùpraid, dh'òrdaich e esan a thoirt dhan taigh‑feachd.
35. Agus nuair a thàinig e gu na steapaichean, chaidh a ghiùlain le na saighdearan air sgàth fòirneart an t‑sluaigh,
36. oir lean mòr‑shluagh dhaoine, ag èigheach a‑mach, “Air falbh leis!”
37. Fhad 's a bha Pòl gus a bhith air a thoirt a‑steach dhan taigh‑feachd, thuirt e ris a' chaiptean, “Am faod mi rud a ràdh riut?” Agus thuirt esan, “An aithne dhut Greugais?
38. Nach tusa an t‑Èipheiteach, mar sin, a bhrosnaich ar‑a‑mach o chionn ghoirid agus a threòraich an ceithir mìle fear dhen luchd‑murtaidh a‑mach dhan fhàsach?”
39. Fhreagair Pòl, “Is Iùdhach mise o Tharsas ann an Cilicia, saoranach de bhaile nach eil suarach. Tha mi a' guidhe ort, ceadaich dhomh bruidhinn ris an t‑sluagh.”
40. Agus nuair a bha e air cead a thoirt dha, a' seasamh air na steapaichean, smèid Pòl le a làmhan ris an t‑sluagh. Agus nuair a bha sàmhchair mhòr ann, bhruidhinn e riutha anns a' chànan Eabhrach, ag ràdh: