Gnìomharan 19:1-20 |
1. Agus thachair, fhad 's a bha Apollos aig Corint, gun deach Pòl tro sgìrean àrd na tìre agus thàinig e gu Ephesus. An sin fhuair e cuid de dheisciobail. |
2. Agus thuirt e riutha, “An d' fhuair sibh an Spiorad Naomh nuair a chreid sibh?” Agus thuirt iadsan ris, “Cha d' fhuair, cha chuala sinne fiù 's gu bheil Spiorad Naomh ann.” |
3. Agus thuirt e, “Dè ma‑thà am baisteadh dhan deach ur baisteadh?” Thuirt iad, “Do bhaisteadh Eòin.” |
4. Agus thuirt Pòl, “Bhaist Eòin le baisteadh an aithreachais, a' cantainn ris an t‑sluagh creidsinn san fhear a bha a' tighinn às a dhèidh, is e sin Ìosa.” |
5. Nuair a chuala iad seo, chaidh am baisteadh ann an ainm an Tighearna Ìosa. |
6. Agus nuair a bha Pòl air a làmhan a shìneadh orra, thàinig an Spiorad Naomh orra, agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan agus air fàidheadaireachd. |
7. Bha mu dhà fhear dheug ann gu lèir. |
8. Agus chaidh esan a‑steach dhan t‑sionagog agus bhruidhinn e gu dàn fad thrì mìosan, a' reusanachadh agus a' cur ìmpidh orra mu rìoghachd Dhè. |
9. Ach nuair a dh'fhàs cuid rag agus nach do chreid iad, a' bruidhinn gu h‑olc mun t‑Slighe mu choinneamh an t‑sluaigh, tharraing e air ais uapa agus thug e na deisciobail leis, a' reusanachadh gach latha ann an talla‑òraid Thirannuis. |
10. Lean seo airson dà bhliadhna, air chor is gun cuala luchd‑còmhnaidh na h‑Àisia gu lèir facal an Tighearna, an dà chuid Iùdhaich agus Greugaich. |
11. Bha Dia a' dèanamh mhìorbhailean iongantach le làmhan Phòil, |
12. air chor is gun robh fiù 's nèapraigean no aparain a bh' air beantainn dha chraiceann air an giùlain air falbh thucasan a bha tinn, is dh'fhàg an tinneasan iad agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach asta. |
13. Ach ghabh cuid dhen mhuinntir Iùdhach, luchd tilgeil a‑mach dheamhan, a bha a' dol o àite gu àite, os làimh ainm an Tighearna Ìosa ainmeachadh thairis orrasan san robh na spioradan olca, ag ràdh, “Tha mi gar cur fo mhionnan tro Ìosa, a tha Pòl a' searmonachadh.” |
14. Bha seachdnar mhac Scebha, àrd‑shagart Iùdhach, a' dèanamh seo. |
15. Ach fhreagair an spiorad olc iad, “Ìosa is aithne dhomh, agus tha eòlas agam air Pòl, ach cò a th' annaibhse?” |
16. Agus leum an duine anns an robh an spiorad olc orra, fhuair e làmh‑an‑uachdair orra agus thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach às an taigh sin rùisgte agus air an leòn. |
17. Fhuair uile luchd‑còmhnaidh Ephesuis eòlas air a seo, an dà chuid Iùdhaich is Greugaich. Agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Ìosa air àrd‑mholadh. |
18. Thàinig mòran cuideachd dhiubhsan a chreid, ag aideachadh 's ag innse an gnìomhan. |
19. Agus thug grunn dhiubhsan a bh' air draoidheachd a chur an gnìomh an leabhraichean cruinn còmhla agus loisg iad ann am fianais nan uile iad. Agus chunntais iad an luach aca is fhuair iad a‑mach gun tàinig e gu caogad mìle bonn airgid. |
20. Mar sin chùm facal an Tighearna air a' fàs agus a' buadhachadh gu cumhachdach. |