A A A A A
Bible in one year
July 14

Gnìomharan 18:1-28
1. Às dèidh seo dh'fhàg Pòl Baile na h‑Àithne agus chaidh e gu Corint.
2. Agus fhuair e Iùdhach dham b' ainm Acuila, a bhuineadh do Phontus, air ùr‑thighinn às an Eadailt còmhla ri a bhean Priscila, a chionn 's gun robh Claudius air àithne a thoirt dha na h‑Iùdhaich gu lèir an Ròimh fhàgail. Agus chaidh e thuca,
3. agus a chionn 's gu robh e dhen aon chiùird riutha, dh'fhan e còmhla riutha, agus rinn e obair, oir bu cheàird dhaibh a bhith a' dèanamh phàilleanan.
4. Agus reusanaich e san t‑sionagog a h‑uile Sàbaid, agus dh'fheuch e ri ìmpidh a chur air Iùdhaich 's air Greugaich.
5. Nuair a ràinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a bheò‑ghlacadh leis an fhacal, a' toirt fianais dha na h‑Iùdhaich gum b' e Ìosa an Crìosd.
6. Ach nuair a chuir iad na aghaidh agus a chàin iad e, chrath e a bhadan aodaich agus thuirt e riutha, “Biodh ur fuil air ur cinn fhèin! Tha mise neoichiontach. O seo a‑mach thèid mi gu na Cinnich.”
7. Agus a' falbh às a sin, chaidh e gu taigh duine dham b' ainm Tìtus Iustus, fear‑adhraidh do Dhia. Bha an taigh aige an ath dhoras dhan t‑sionagog.
8. Chreid Crispus, riaghladair an t‑sionagoig, anns an Tighearna, còmhla ri theaghlach gu lèir. Agus ga chluinntinn chreid mòran dhe na Corintianaich, agus bha iad air am baisteadh.
9. Agus thuirt an Tighearna ri Pòl san oidhche ann an sealladh, “Na bi fo eagal, ach cùm ort a' bruidhinn agus na bi sàmhach,
10. oir tha mise còmhla riut, agus cha toir neach sam bith ionnsaigh ort airson cron a dhèanamh ort, oir tha mòran sluaigh agamsa sa bhaile seo.”
11. Agus dh'fhan e bliadhna is sia mìosan, a' teagasg facal Dhè nam measg.
12. Ach nuair a bha Galiò na uachdaran air Achaia, thug na h‑Iùdhaich ionnsaigh aonaichte air Pòl agus thug iad gu cathair a' bhreitheanais e,
13. ag ràdh, “Tha an duine seo a' cur ìmpidh air daoine adhradh a dhèanamh do Dhia an aghaidh an lagha.”
14. Ach nuair a bha Pòl gus a bheul fhosgladh, thuirt Galiò ris na h‑Iùdhaich, “Nam b' e gnothach de dh'eu‑ceart no de dh'eucoir olc a bh' ann, Ò Iùdhacha, bhiodh e reusanta dhomh èisteachd ribh.
15. Ach on as e gnothach a th' ann mu cheistean co‑cheangailte ri faclan is ainmean agus ur lagh fhèin, coimheadaib' fhèin às a dhèidh. Tha mise ain‑deònach a bhith nam bhritheamh air na rudan sin.”
16. Agus ruaig e o chathair a' bhreitheanais iad.
17. Agus rug iad uile air Sostenes, riaghladair an t‑sionagoig, agus ghabh iad dha mu choinneamh cathair a' bhreitheanais. Ach cha robh cùram air Galiò mu ghin dhe na rudan sin.
18. A‑nis dh'fhan Pòl tòrr làithean na b' fhaide, agus an uair sin dh'fhàg e soraidh le na bràithrean is chuir e a‑mach gu muir gu Siria, agus còmhla ris Priscila is Acuila: às dèidh fhalt fhaighinn air a ghearradh ann an Cenchrèa, oir bha e fo bhòid.
19. Agus thàinig iad gu Ephesus, agus dh'fhàg e an sin iad. Ach chaidh e fhèin a‑steach dhan t‑sionagog, agus reusanaich e ris na h‑Iùdhaich.
20. Nuair a dh'iarr iad air fantainn airson ùine na b' fhaide, dhiùlt e.
21. Ach a' fàgail soraidh leotha thuirt e, “Tillidh mi thugaibh mas e toil Dhè e,” agus sheòl e o Ephesus.
22. Nuair a bha e air tighinn air tìr aig Cesarèa, chaidh e suas is chuir e fàilte air an eaglais agus an uair sin chaidh e sìos gu Antioch.
23. Às dèidh beagan ùine a chur seachad an sin, dh'fhàg e agus chaidh e o àite gu àite tro cheàrnaidh Ghalàtia is Phrigia, a' neartachadh nan deisciobal gu lèir.
24. A‑nis thàinig Iùdhach àraidh dham b' ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, gu Ephesus. B' e duine deas‑bhriathrach a bh' ann; cumhachdach sna Sgriobtaran.
25. Bha e air a bhith air a theagasg ann an slighe an Tighearna. Agus dian ann an spiorad, bhruidhinn is theagaisg e gu ceart mu na rudan a bhuineadh do dh'Ìosa, ged nach b' aithne dha ach baisteadh Eòin.
26. Thòisich e air bruidhinn gu dàn san t‑sionagog. Ach nuair a chuala Priscila is Acuila e, thug iad gu aon taobh e agus mhìnich iad dha slighe Dhè dha na bu mhionaidiche.
27. Agus nuair a mhiannaich e a dhol thairis gu Achaia, mhisnich na bràithrean e agus sgrìobh iad gu na deisciobail airson fàilte a chur air. Nuair a ràinig e, chuidich e gu mòr iadsan a bha air creidsinn tro ghràs,
28. oir gu cumhachdach dhearbh e gu poblach gun robh na h‑Iùdhaich ceàrr, agus sheall e leis na Sgriobtaran gur e Ìosa an Crìosd.