A A A A A
Bible in one year
July 12

Gnìomharan 17:1-15
1. A‑nis nuair a bha iad air a dhol tro Amphipolis agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog dhe na h‑Iùdhaich.
2. Agus mar a b' fhasan dha, chaidh Pòl a‑steach; agus air trì latha Sàbaid reusanaich e leotha o na Sgriobtaran,
3. a' mìneachadh agus a' dearbhadh gun robh e riatanach dhan Chrìosd fulang is èirigh o na mairbh, agus ag ràdh, “Is e seo an Crìosd, Ìosa a tha mise a' searmonachadh dhuibh.”
4. Agus chreid cuid dhiubh agus dh'aonaich iad le Pòl is Silas, mar a rinn buidheann mhòr dhe na Greugaich chràbhach agus àireamh nach bu bheag dhe na prìomh bhoireannaich.
5. Ach bha na h‑Iùdhaich farmadach, agus a' gabhail cuid de dh'fhir olca bhon ionad‑mhargaidh, rinn iad gràisg dhiubh fhèin, chuir iad am baile ann an ùpraid, agus thug iad ionnsaigh air taigh Iàsoin, a' sireadh an toirt a‑mach chun an t‑sluaigh.
6. Agus nuair nach b' urrainn dhaibh an lorg, tharraing iad Iàson agus bràithrean àraidh mu choinneamh ùghdarrasan a' bhaile, ag èigheach, “Tha na daoine seo a th' air an saoghal a thionndadh bun‑os‑cionn air tighinn an seo cuideachd,
7. agus tha Iàson air fàilte a chur orra, agus tha iad uile a' gnìomhachadh an aghaidh òrduighean Chèasair, ag ràdh gu bheil rìgh eile ann, Ìosa.”
8. Bha an sluagh agus ùghdarrasan a' bhaile air am buaireadh nuair a chuala iad na rudan seo.
9. Agus nuair a bha iad air airgead‑urrais a ghabhail bho Iàson agus o chàch, leig iad às iad.
10. Sa bhad chuir na bràithrean Pòl is Silas air falbh san oidhche gu Berèa, agus nuair a ràinig iad, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach.
11. A‑nis bha iad seo na b' uaisle na iadsan ann an Tesalonìca; oir ghabh iad am facal thuca fhèin leis a h‑uile h‑eud, a' rannsachadh nan Sgriobtar gach latha airson faicinn an robh na rudan seo mar sin.
12. Air an adhbhar sin, chreid mòran dhiubhsan, agus àireamh nach bu bheag dhe na prìomh bhoireannaich Ghreugach is de dh'fhir.
13. Ach nuair a thuig na h‑Iùdhaich o Thesalonìca gun robh facal Dhè cuideachd air a shearmonachadh le Pòl ann am Berèa, thàinig iadsan an sin cuideachd, a' piobrachadh 's a' brosnachadh an t‑sluaigh.
14. An uair sin sa bhad chuir na bràithrean Pòl a‑mach air a shlighe chun na mara, ach dh'fhan Silas is Timòteus an sin.
15. A‑nis thug iadsan a threòraich Pòl gu Baile na h‑Àithne e; agus às dèidh òrdugh fhaighinn airson Silas is Timòteus tighinn thuige cho luath 's a bha nan comas dhaibh, dh'fhàg iad.