Eòin 18:1-18 |
1. Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh chaidh e a‑mach còmhla ri a dheisciobail thairis air Gleann Chedroin, far an robh gàrradh, dhan deach e fhèin agus a dheisciobail a‑steach. |
2. A‑nis b' aithne do dh'Iùdas, a bhrath esan, an t‑àite, oir bu tric a choinnich Ìosa an sin còmhla ri a dheisciobail. |
3. Mar sin, às dèidh do dh'Iùdas buidheann de shaighdearan agus de sheirbheisich fhaighinn o na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich, thàinig iad an sin le lanntairean, agus leusan, agus armachd. |
4. Mar sin, agus fios aige air a h‑uile rud a thachradh dha, chaidh Ìosa air adhart, agus thuirt e riutha, “Cò a tha sibh a' lorg?” |
5. Fhreagair iadsan e, “Ìosa o Nàsaret.” Thuirt Ìosa riutha, “Is mise e.” Agus sheas Iùdas, a bhrath esan, còmhla riutha. |
6. Nuair a thuirt e riutha, “Is mise e,” tharraing iad air ais, agus thuit iad chun na talmhainn. |
7. Mar sin dh'fhaighnich e dhaibh a‑rithist, “Cò a tha sibh a' lorg?” Agus thuirt iadsan, “Ìosa o Nàsaret.” |
8. Fhreagair Ìosa, “Dh'innis mi dhuibh gur mise e. Mar sin, mas e mise a tha sibh a' lorg, leigibh leotha seo falbh.” |
9. Bha seo airson 's gun deigheadh am facal a choileanadh a bha e air a ràdh, “Dhen fheadhainn a thug thu dhomh cha do chaill mi aon.” |
10. An uair sin, a chionn 's gun robh claidheamh aig Sìmon Peadar, tharraing e e agus bhuail e seirbheiseach an àrd‑shagairt, agus gheàrr e a' chluas dheas dheth. (B' e ainm an t‑seirbheisich Malchus.) |
11. Mar sin thuirt Ìosa ri Peadar, “Cuir do chlaidheamh dhan truaill! An cupa a thug m' Athair dhòmhsa, nach òl mi e?” |
12. Mar sin rug a' bhuidheann de shaighdearan, agus an caiptean aca agus seirbheisich nan Iùdhach, air Ìosa agus cheangail iad e. |
13. An toiseach thug iad leotha e gu Annas, oir b' esan athair‑cèile Chaiaphais, a bha na àrd‑shagart air a' bhliadhna sin. |
14. B' e Caiaphas a thug comhairle dha na h‑Iùdhaich gun robh e na b' fheàrr nam faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh. |
15. Lean Sìmon Peadar agus deisciobal eile Ìosa. B' aithne dhan àrd‑shagart an deisciobal sin agus chaidh e a‑steach do chùirt an àrd‑shagairt còmhla ri Ìosa, |
16. ach sheas Peadar a‑muigh, aig an doras. Mar sin, chaidh an deisciobal eile sin a b' aithne dhan àrd‑shagart a‑mach agus bhruidhinn e ris a' bhan‑dorsair agus thug e Peadar a‑steach. |
17. Thuirt a' bhana‑sheirbheiseach aig an doras ri Peadar, “'S e aon de dheisciobail an duine seo a th' annadsa cuideachd, nach e?” Thuirt esan, “Chan e.” |
18. A‑nis bha na tràillean agus na seirbheisich air teine guail‑fiodha a dhèanamh, a chionn 's gun robh i fuar, agus bha iad nan seasamh 's gam blàthachadh fhèin. Bha Peadar cuideachd na sheasamh còmhla riutha, agus ga bhlàthachadh fhèin. |