Instagram
English
A A A A A
Bible in one year
June 29

Gnìomharan 9:1-21
1. Ach chaidh Saul — fhathast a' sèideadh a‑mach mhaoidhidhean is mhurt an aghaidh deisciobail an Tighearna — chun an àrd‑shagairt
2. agus dh'iarr e litrichean gu na sionagogan ann an Damascas air, airson 's, nam faigheadh e neach sam bith a bhuineadh dhan t‑Slighe, fireannaich no boireannaich, gun toireadh e ceangailte gu Ierusalem iad.
3. A‑nis fhad 's a chaidh e air a shlighe, theann e dlùth ri Damascas agus gu grad dheàlraich solas o nèamh mun cuairt air.
4. Agus a' tuiteam chun na talmhainn chuala e guth ag ràdh ris, “A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‑leanmhainn‑sa?”
5. Agus thuirt esan, “Cò thu, a Thighearna?” Agus thuirt an Tighearna, “Is mise Ìosa a tha thu a' geur‑leanmhainn.
6. Ach èirich agus thalla a‑steach dhan bhaile, agus thèid innse dhut dè a dh'fheumas tu a dhèanamh.”
7. Sheas na daoine a bha a' siubhal còmhla ris is gun smid aca, a' cluinntinn a' ghutha ach gun neach sam bith fhaicinn.
8. Dh'èirich Saul on talamh, agus ged a bha a shùilean fosgailte, chan fhaca e sìon. Mar sin threòraich iad air làimh e is thug iad gu Damascas e.
9. Agus airson trì latha bha e gun fhradharc, agus cha do dh'ith 's cha do dh'òl e.
10. A‑nis bha deisciobal ann an Damascas dham b' ainm Ananias. Thuirt an Tighearna ris ann an sealladh, “Ananiais!” Agus thuirt esan, “Seo mi, a Thighearna.”
11. Agus thuirt an Tighearna ris, “Èirich is thalla dhan t‑sràid ris an canar Dìreach, agus aig taigh Iùdais faighnich airson duine o Tharsas ris an canar Saul, oir seall, tha e ag ùrnaigh,
12. agus tha e air duine dhan ainm Ananias fhaicinn ann an sealladh a' tighinn a‑steach agus a' sìneadh a làmhan air airson 's gum faigh e a fhradharc air ais.”
13. Ach fhreagair Ananias, “A Thighearna, chuala mi o mhòran mun duine seo, na rinn e de dh'olc rid naoimh ann an Ierusalem.
14. Agus an seo tha ùghdarras aige o na h‑àrd‑shagartan iadsan uile a cheangal a tha a' gairm air d' ainm‑sa.”
15. Ach thuirt an Tighearna ris, “Thalla, oir is e soitheach taghte dhòmhsa a th' anns an duine seo airson m' ainm a ghiùlain mu choinneamh nan Cinneach is rìghrean is chloinn Israeil.
16. Oir seallaidh mise dha uimhir 's a dh'fheumas e fhulang air sgàth m' ainm‑sa.”
17. Mar sin dh'fhalbh Ananias is chaidh e a‑steach dhan taigh. Agus a' sìneadh a làmhan air thuirt e, “A bhràthair Saul, tha an Tighearna Ìosa, a nochd riut air an rathad air an tàinig thu, air mise a chur airson 's gum faigheadh tu do fhradharc air ais agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.”
18. Agus sa bhad thuit rudeigin mar lannan o a shùilean agus chaidh a fhradharc aiseag dha. An uair sin dh'èirich e agus chaidh a bhaisteadh,
19. agus a' gabhail bìdh, chaidh a neartachadh. A‑nis airson corra latha bha e còmhla ri na deisciobail ann an Damascas.
20. Agus sa bhad shearmonaich e Ìosa anns na sionagogan, ag ràdh, “Is esan Mac Dhè.”
21. Agus bha iadsan uile a chuala e fo iongnadh agus thuirt iad, “Nach e seo esan a rinn sgrios ann an Ierusalem air an fheadhainn a ghairm air an ainm seo? Agus nach tàinig e an seo airson 's gun toireadh e ceangailte iad gu na h‑àrd‑shagartan?”