A A A A A
Bible in one year
June 27

Gnìomharan 8:1-25
1. Agus bha Saul ag aontachadh le a mhurt. Agus air an latha sin dh'èirich geur‑leanmhainn mòr an aghaidh na h‑eaglaise ann an Ierusalem, agus bha iad uile air an sgapadh air feadh cheàrnaidhean Iudèa is Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.
2. Agus dh'adhlaic daoine cràbhach Steaphan is rinn iad caoidh mhòr air a shon.
3. Ach thòisich Saul a' creachadh na h‑eaglaise, a' dol a‑steach o thaigh gu taigh, a' draghadh air falbh fhear is bhoireannach is gan cur dhan phrìosan.
4. A‑nis, iadsan a bh' air an sgapadh, chaidh iad mun cuairt a' searmonachadh an fhacail.
5. Chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria 's bha e a' searmonachadh Chrìosd dhaibh.
6. Agus a dh'aon inntinn thug an sluagh an aire dha na bha Philip ag ràdh, nuair a chuala iad e 's a chunnaic iad na comharraidhean a rinn e.
7. Oir thàinig spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, ag èigheach le guth àrd, agus chaidh tòrr air an robh a' phairilis no a bha nan crioplaich a shlànachadh.
8. Mar sin bha aoibhneas mòr sa bhaile sin.
9. Ach bha duine ann dham b' ainm Sìmon, a rinn draoidheachd sa bhaile agus a chuir iongnadh air muinntir Shamaria, ag ràdh gum b' e cuideigin mòr a bh' ann fhèin.
10. Thug iad uile aire dha, on fheadhainn a bu lugha chun na feadhna a bu mhotha, ag ràdh, “Is e an duine seo Cumhachd Dhè ris an canar Mòr.”
11. Agus thug iad uile an aire dha a chionn 's gun robh e air iongnadh a chur orra airson ùine mhòir leis an draoidheachd aige.
12. Ach nuair a chreid iad Philip fhad 's a shearmonaich e an deagh sgeul mu rìoghachd Dhè agus ainm Ìosa Crìosd, bha iad air am baisteadh, an dà chuid fir agus boireannaich.
13. Chreid fiù 's Sìmon fhèin, agus às dèidh dha a bhith air a bhaisteadh, lean e air còmhla ri Philip, agus a' faicinn chomharraidhean is mhìorbhailean mòra air an dèanamh, bha e fo mhòr‑iongnadh.
14. A‑nis nuair a chuala na h‑abstoil a bh' ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria ri facal Dhè, chuir iad thuca Peadar is Eòin
15. a thàinig a‑nuas agus a rinn ùrnaigh air an son — gum faigheadh iad an Spiorad Naomh,
16. oir cha robh e fhathast air tuiteam air gin dhiubh, ach bha iad a‑mhàin air a bhith air am baisteadh ann an ainm an Tighearna Ìosa.
17. An uair sin shìn iad an làmhan orra agus fhuair iad an Spiorad Naomh.
18. A‑nis nuair a chunnaic Sìmon gun robh an Spiorad Naomh air a thoirt tro shìneadh làmhan nan abstol orra, thairg e airgead dhaibh,
19. ag ràdh, “Thoiribh dhòmhsa an cumhachd seo cuideachd, airson 's gum faod ge b' e cò air an sìn mise mo làmhan an Spiorad Naomh fhaighinn cuideachd.”
20. Ach thuirt Peadar ris, “Gun rachadh d' airgead a dhìth leat, a chionn 's gun do smaoinich thu gum b' urrainn dhut tiodhlac Dhè fhaighinn le airgead!
21. Chan eil pàirt no roinn agad sa ghnothach seo, oir chan eil do chridhe ceart mu choinneamh Dhè.
22. Gabh aithreachas, mar sin, od olc, agus dèan ùrnaigh ris an Tighearna, gun deigheadh — ma tha e an comas — rùn do chridhe a mhathadh dhut.
23. Oir tha mi a' faicinn gu bheil thu ann an domblas na seirbhe 's ann an daorsa na h‑eucoir.”
24. Agus fhreagair Sìmon, “Dèanaibh ùrnaigh air mo shon dhan Tighearna nach tig dad dhe na tha sibh air a ràdh orm.”
25. Mar sin nuair a bha iad air fianais a thogail agus air facal an Tighearna aithris, thill iad gu Ierusalem, a' searmonachadh an t‑soisgeil ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.