A A A A A
Bible in one year
June 24

Gnìomharan 7:1-21
1. Thuirt an t‑àrd‑shagart, “A bheil na rudan sin mar seo?”
2. Agus thuirt esan, “A bhràithrean is athraichean, èistibh rium. Nochd Dia na glòire ri Abrahàm nuair a bha e ann am Mesopotàmia mun do rinn e còmhnaidh ann a Haran
3. agus thuirt e ris, ‘Thalla a‑mach às do thìr agus od chàirdean, agus rach a‑steach dhan tìr a sheallas mise dhut.’
4. “An uair sin chaidh esan a‑mach o thìr nan Caldèanach is rinn e còmhnaidh ann a Haran. Agus o sin, às dèidh bàs athar, thug Dia a‑mach e às a sin dhan tìr seo sa bheil sibhse a‑nis a' fuireach.
5. Ach cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù 's troigh talmhainn, ach gheall e gun toireadh e mar sheilbh dha fhèin 's dha shliochd i, às a dhèidh, ged nach robh duine cloinne aige.
6. Agus bhruidhinn Dia ris mar seo: ‘Bidh do shliochd nan coigrich ann an tìr a bhuineas do dh'fheadhainn eile, agus nì iad tràillean dhiubh, agus làimhsichidh iad gu dona iad fad cheithir cheud bliadhna.
7. Ach bheir mise breith air an nàisean sin dhan dèan iad seirbheis mar thràillean,’ arsa Dia, ‘agus às dèidh sin thig iad a‑mach agus nì iad adhradh dhòmhsa san àite seo.’
8. Agus thug e dha cùmhnant an timcheall‑ghearraidh. Agus mar sin ghin Abrahàm Ìsaac, agus thimcheall‑gheàrr e air an ochdamh latha e, agus ghin Ìsaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh‑athair dheug.
9. “Agus farmadach a thaobh Iòsaiph, reic na prìomh‑athraichean e dhan Èipheit. Ach bha Dia còmhla ris,
10. agus shaor e às a thrioblaidean uile e is thug e fàbhar is gliocas dha mu choinneamh Phàraoh, rìgh na h‑Èipheit, a chuir e na riaghladair thairis air an Èipheit, agus thar a theaghlach fhèin gu lèir.
11. “A‑nis thàinig gorta air an Èipheit gu lèir agus air Canàan, agus àmhghar mòr, agus cha b' urrainn dhar n‑athraichean biadh sam bith fhaighinn.
12. Ach nuair a chuala Iàcob gu robh arbhar san Èipheit, chuir e ar n‑athraichean a‑mach air a' chiad turas aca.
13. Agus air an dara turas rinn Iòsaph e fhèin aithnichte dha bhràithrean, agus chaidh teaghlach Iòsaiph a dhèanamh aithnichte do Phàraoh.
14. An uair sin chuir Iòsaph fios agus ghairm e thuige Iàcob, athair, agus a chàirdean gu lèir, seachdad 's a còignear air fad.
15. Agus chaidh Iàcob sìos dhan Èipheit is chaochail e, esan agus ar n‑athraichean.
16. Agus chaidh an giùlain air ais gu Sichem agus chaidh an sìneadh san tuam a bha Abrahàm air a cheannach air suim airgid o mhic Emoir, ann an Sichem.
17. “Ach mar a theann àm a' gheallaidh a thug Dia do dh'Abrahàm dlùth, dh'fhàs an sluagh is chaidh an dèanamh lìonmhor san Èipheit
18. gus an do dh'èirich rìgh eile thar na h‑Èipheit nach robh eòlach air Iòsaph.
19. Rinn esan gu carach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar sinnsirean agus thug e air ar n‑athraichean an naoidheanan a thilgeil a‑mach airson 's nach biodh iad air an gleidheadh beò.
20. “Aig an àm sin rugadh Maois, agus bha e brèagha ann an sealladh Dhè, is chaidh altram airson trì mìosan ann an taigh athar,
21. agus nuair a chaidh a thilgeil a‑mach, thug nighean Phàraoh leatha e agus thog i mar a mac fhèin e.