A A A A A
Bible in one year
June 2

Eòin 12:27-50
27. “A‑nis tha m' anam fo àmhghar, agus dè a chanas mi? ‘Athair, sàbhail mi on uair seo’? Ach is ann air an adhbhar seo a thàinig mi chun na h‑uarach seo.
28. Athair, glòraich d' ainm!” An uair sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, “Tha mi air a ghlòrachadh, agus glòraichidh mi a‑rithist e.”
29. Thuirt an sluagh, a sheas an làthair agus a chuala e, gun robh tàirneanach air a bhith ann. Thuirt feadhainn eile, “Bhruidhinn aingeal ris.”
30. Fhreagair Ìosa, “Cha b' ann air mo shon‑sa a thàinig an guth seo, ach air ur son‑se.
31. A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann; a‑nis bidh riaghladair an t‑saoghail seo air a thilgeil a‑mach.
32. Agus mise, nuair a bhios mi air mo thogail suas on talamh, tàirngidh mi na h‑uile thugam.”
33. Ach thuirt e seo airson comharrachadh dè an seòrsa bàis leis an robh e a' dol a bhàsachadh.
34. Fhreagair an sluagh e, “Chuala sinne on lagh gum fan an Crìosd gu sìorraidh. Ciamar as urrainn dhutsa a ràdh gum feum Mac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?”
35. Thuirt Ìosa riutha, “Tha an solas nur measg airson ùine bhig fhathast. Coisichibh cho fada 's a tha an solas agaibh, airson 's nach beir an dorchadas oirbh. Oir an neach a tha a' coiseachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a' dol.
36. Cho fada 's a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas airson 's gun tig sibh gus a bhith nur cloinn de sholas.” Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh dh'fhalbh e, agus dh'fhalaich e e fhèin uapa.
37. Ged a bha e air na h‑uimhir de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh man coinneamh, cha robh iad fhathast a' creidsinn ann.
38. Bha seo airson 's gum biodh am facal a thuirt am fàidh Isaiah air a choileanadh: “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd agus cò dha a bha gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh?”
39. Cha robh e an comas dhaibh creidsinn, a chionn 's gun tuirt Isaiah cuideachd,
40. “Tha e air an sùilean a dhalladh agus air an cridhe a dhèanamh cruaidh, airson 's nach faic iad len sùilean agus nach tuig iad len cridhe, agus nach tionndaidheadh iad 's gun slànaichinn‑sa iad.”
41. Thuirt Isaiah na rudan seo a chionn 's gum faca e glòir Ìosa, agus bhruidhinn e ma dheidhinn‑san.
42. A dh'aindeoin sin, chreid mòran fiù 's dhen luchd‑riaghlaidh ann. Ach air sgàth nam Pharasach cha do dh'aidich iad e, airson 's nach deigheadh an cur a‑mach às an t‑sionagog;
43. oir bu ghràdhach leotha glòir dhaoine os cionn glòir Dhè.
44. Agus dh'èigh Ìosa, “An neach a chreideas annamsa, chan ann annamsa a tha e a' creidsinn, ach anns an aon a chuir a‑mach mi.
45. Agus an neach a tha gam fhaicinn‑sa, tha e a' faicinn an aoin a chuir a‑mach mi.
46. Tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal nam sholas, airson 's, ge b' e cò a chreideas annamsa, nach fan e anns an dorchadas.
47. “Ma chluinneas neach sam bith mo bhriathran‑sa, agus nach cùm e iad, chan eil mise a' toirt breith air. Oir cha tàinig mi airson breith a thoirt air an t‑saoghal, ach airson an saoghal a shaoradh.
48. An neach a tha gam dhiùltadh‑sa, agus nach eil a' gabhail rim bhriathran, tha aon ann a bheir breith air; am facal a thubhairt mi, bheir e breith air, air an latha dheireannach.
49. Oir cha do bhruidhinn mi uam fhèin, ach thug an t‑Athair fhèin a chuir a‑mach mi àithne dhomh mu na chanainn agus dè a chanainn.
50. Agus tha fios agam gur e beatha shìorraidh a tha na àithne‑san. Mar sin, na rudan a tha mi ag ràdh, tha mi ag ràdh mar a dh'innis an t‑Athair dhomh.”