A A A A A
Bible in one year
June 18

Gnìomharan 3:1-26
1. A‑nis bha Peadar is Eòin a' dol suas dhan teampall aig àm na h‑ùrnaigh — trì uairean feasgar.
2. Agus bha duine àraidh ga ghiùlain a bha na chrioplach o bhroinn a mhàthar, a bhiodh iad a' cur sìos gach latha aig geata an teampaill ris an canar Brèagha a dh'iarraidh dèirce orrasan a bha a' dol a‑steach dhan teampall.
3. A' faicinn Pheadair is Eòin gus a dhol a‑steach dhan teampall, dh'iarr e dèirc.
4. Ach sheall Peadar, cuide ri Eòin, gu geur air agus thuirt e, “Coimhead oirnne!”
5. Agus thug e aire dhaibh, a' sùileachadh gum faigheadh e rudeigin uapa.
6. Ach thuirt Peadar, “Airgead no òr chan eil agam, ach an rud a tha agam bheir mi dhut. Ann an ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, èirich 's coisich.”
7. Agus a' breith air a làimh dheis, thog e suas e, agus sa bhad chaidh a chasan agus adhbrannan a neartachadh.
8. Agus a' leum suas sheas e agus thòisich e air coiseachd, agus chaidh e a‑steach dhan teampall còmhla riutha, a' coiseachd 's a' leum 's a' moladh Dhè.
9. Agus chunnaic an sluagh gu lèir e a' coiseachd 's a' moladh Dhè,
10. agus dh'aithnich iad gum b' esan am fear a bhiodh na shuidhe aig Geata Brèagha an teampaill, ag iarraidh dèirce. Agus chaidh an lìonadh le iongnadh agus le uabhas a thaobh an rud sin a thachair dha.
11. Fhad 's a bha grèim aige air Peadar is Eòin, ruith an sluagh gu lèir thuca ann an sgàil‑thaigh Sholaimh, fo mhòr‑iongnadh.
12. Ach nuair a chunnaic Peadar seo fhreagair e an sluagh: “Fheara Israeil, carson a tha sibh a' gabhail iongnadh mun seo, no carson a tha sibh a' coimhead gu geur oirnne, mar gum b' ann le ar cumhachd no ar cràbhachd fhèin a thug sinn air an duine seo coiseachd?
13. Ghlòraich Dia Abrahàim, is Ìsaaic, is Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a sheirbheiseach Ìosa, a thug sibhse thairis agus a dh'àich sibh ann an làthair Phìlait, nuair a chuir e roimhe a leigeil ma sgaoil.
14. Ach dh'àich sibhse an t‑Aon Naomh agus Fìreanta, agus dh'iarr sibh gum biodh murtair air a shaoradh dhuibh,
15. agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.
16. Agus tro chreideamh na ainm — ann an ainm Ìosa — neartaich e an duine seo a tha sibhse a' faicinn agus as aithne dhuibh, agus tha an creideamh a tha tro Ìosa air an t‑slàinte choileanta seo a thoirt dha nur làthair‑se uile.
17. “Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh seo, mar a rinn ur riaghladairean cuideachd.
18. Ach na rudan a dh'innis Dia ro‑làimh le beul nam fàidhean uile, gum fulaingeadh an Crìosd aige, choilean e san dòigh sin.
19. Mar sin, dèanaibh‑se aithreachas agus tionndaidhibh a‑rithist, airson 's gum bi ur peacaidhean air an glanadh às,
20. airson 's gun tig amannan ùrachaidh o làthaireachd an Tighearna, agus gum faod e Ìosa a chur thugaibh, an Crìosd a ro‑òrdaich e dhuibh.
21. Neach a dh'fheumas nèamh a ghabhail a‑steach gus an t‑àm nuair a thèid a h‑uile rud aiseag, air an do bhruidhinn Dia le beul nam fàidhean naomha aige o chionn fhada.
22. Oir thuirt Maois, ‘Togaidh an Tighearna Dia suas dhuibh fàidh coltach riumsa o ur bràithrean. Èistidh sibh ris‑san sa h‑uile rud a chanas e ribh.
23. Agus tachraidh e gun tèid a h‑uile h‑anam nach èist ris an fhàidh sin a sgrios o mheasg an t‑sluaigh.’
24. “Agus san aon dòigh, na fàidhean gu lèir a th' air bruidhinn, o Shamuel is iadsan a thàinig às a dhèidh, dh'aithris iad gu follaiseach mu na làithean seo.
25. Is sibhse clann nam fàidhean agus a' chùmhnaint a rinn Dia ri ur n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, ‘Agus nad shliochd‑sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh.’
26. Às dèidh do Dhia a sheirbheiseach a thogail suas, chuir e a‑mach dhuibhse an toiseach e airson 's gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh a thionndadh o ur slighean olca.”