A A A A A
Bible in one year
June 14

Eòin 21:1-25
1. Às dèidh seo nochd Ìosa e fhèin a‑rithist dha na deisciobail aig Muir Thiberiais. Is ann san dòigh seo a nochd e e fhèin:
2. bha Sìmon Peadar, agus Tòmas (ris an canar Didimus) agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile dhe a dheisciobail, còmhla ri chèile.
3. Thuirt Sìmon Peadar riutha, “Tha mise a' dol a dh'iasgach.” Thuirt iadsan ris, “Thig sinne còmhla riut.” Chaidh iad a‑mach, agus chaidh iad dhan eathar, ach cha do ghlac iad rud sam bith an oidhche sin.
4. Nuair a bha an latha a' briseadh, sheas Ìosa air a' chladach, ach cha robh fios aig na deisciobail gum b' e Ìosa a bh' ann.
5. Mar sin thuirt Ìosa riutha, “A chlann, a bheil iasg sam bith agaibh?” Fhreagair iadsan e, “Chan eil.”
6. Agus thuirt esan riutha, “Tilgibh an lìon air an taobh deas dhen eathar, agus lorgaidh sibh feadhainn.” Mar sin thilg iad e, agus a‑nis cha b' urrainn dhaibh a tharraing a‑steach air sgàth lìonmhorachd an èisg.
7. Mar sin thuirt an deisciobal sin a bu ghràdhach le Ìosa ri Peadar, “Is e an Tighearna a th' ann!” Mar sin nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bh' ann, chuir e air a bhall aodaich uachdair (oir bha e rùisgte), agus thilg e e fhèin dhan mhuir.
8. Thàinig na deisciobail eile anns an eathar, a' tarraing an lìn a bha làn de dh'èisg, oir cha robh iad fada o thìr, ach mu thimcheall naochad meatair air falbh.
9. Mar sin, nuair a thàinig iad air tìr, chunnaic iad teine guail‑fiodha an sin, agus iasg air a chur air, agus aran.
10. Thuirt Ìosa riutha, “Thugaibh an seo cuid dhen iasg a tha sibh dìreach air a ghlacadh.”
11. Mar sin chaidh Sìmon Peadar suas agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de dh'èisg mhòra; ceud, caogad 's a trì, agus ged a bha na h‑uiread sin ann, cha deach an lìon a shracadh.
12. Thuirt Ìosa riutha, “Thigibh, agus gabhaibh bracaist.” Agus cha robh de dhànadas aig aon dhe na deisciobail faighneachd dha, “Cò thusa?” Oir b' aithne dhaibh gur e an Tighearna a bh' ann.
13. Thàinig Ìosa agus ghabh e an t‑aran agus thug e dhaibh e, agus an t‑iasg cuideachd.
14. B' i seo a‑nis an treas uair a chaidh Ìosa a nochdadh dha na deisciobail, às dèidh dha a bhith air a thogail o na mairbh.
15. Mar sin nuair a bha iad air am bracaist a chrìochnachadh, thuirt Ìosa ri Sìmon Peadar, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gaoil agad ormsa na iad sin?” Thuirt e ris, “Tha, a Thighearna, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair e, “Beathaich m' uain.”
16. Thuirt e ris a‑rithist an dara h‑uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gaol agad ormsa?” Thuirt esan ris, “Tha, a Thighearna, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair e, “Àraich mo chaoraich.”
17. Thuirt e ris an treas uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gràdh agad ormsa?” Bha Peadar brònach a chionn 's gun tuirt e ris an treas uair, “A bheil gràdh agad ormsa?” Agus thuirt e ris, “A Thighearna, is aithne dhut a h‑uile rud, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair Ìosa, “Beathaich mo chaoraich.
18. Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu na b' òige, chuir thu d' aodach ort fhèin agus choisich thu far am bu mhiann leat; ach nuair a bhios tu aosta, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus cuiridh neach eile d' aodach ort, agus bheir e thu an taobh nach eil thu a' miannachadh.”
19. Thuirt e seo a' ciallachadh dè an gnè bàis leis an toireadh e glòir do Dhia. Agus às dèidh dha seo a ràdh, thuirt e ris, “Lean mise!”
20. Thionndaidh Peadar agus chunnaic e an deisciobal a bu ghràdhach le Ìosa a' leantainn (am fear a bha air sìneadh air ais air com Ìosa aig an t‑suipeir, agus a thuirt ris, “A Thighearna, cò a nì brathadh ort?”).
21. Mar sin, nuair a chunnaic Peadar esan, thuirt e ri Ìosa, “A Thighearna, dè ma dheidhinn‑san?”
22. Thuirt Ìosa ris, “Mas miann leamsa gum fan esan gus an tig mi, dè tha sin dhutsa? Lean thusa mise.”
23. Mar sin chaidh am facal seo a‑mach am measg nam bràithrean, nach faigheadh an deisciobal sin bàs. Ach cha tuirt Ìosa ris nach faigheadh e bàs; b' e a thubhairt e ach, “Mas i mo thoil‑sa gum fan e gus an tig mi, dè tha sin dhutsa?”
24. Is e seo an deisciobal a tha a' toirt fianais mu na rudan seo, agus a sgrìobh na rudan seo. Agus tha fios againne gu bheil an fhianais aige fìor.
25. A‑nis tha mòran de rudan eile ann a rinn Ìosa cuideachd, agus nam b' e is gum biodh iad uile air an sgrìobhadh, is i mo bharail‑sa nach biodh àite anns an t‑saoghal gu lèir airson na bhiodh sgrìobhte de leabhraichean.