Eòin 19:23-42 |
23. An uair sin, nuair a bha na saighdearan air Ìosa a cheusadh, ghabh iad an t‑aodach‑uachdair aige, agus rinn iad ceithir pàirtean dheth, pàirt dha gach saighdear, agus an lèine‑fhada aige anns an aon dòigh, agus bha an lèine‑fhada gun a fuaigheal, air a fighe on mhullach sìos gu h‑iomlan. |
24. Mar sin thuirt iad ri càch‑a‑chèile, “Na sracamaid i, ach tilgeamaid croinn air a son, airson faicinn cò leis a bhitheas i.” Bha seo airson 's gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh, a tha ag ràdh: “Roinn iad m' aodach‑uachdair eatarra, agus thilg iad croinn airson m' aodaich.” Mar sin rinn na saighdearan na rudan seo. |
25. Ach faisg air crann‑ceusaidh Ìosa sheas a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Màiri bean Chleòphais, agus Màiri Magdalen. |
26. Nuair a chunnaic Ìosa a mhàthair agus an deisciobal a bu ghràdhach leis na sheasamh an làthair, thuirt e ri a mhàthair, “A bhoireannaich, seall do mhac!” |
27. An uair sin thuirt e ris an deisciobal, “Seall do mhàthair.” Agus on uair sin a‑mach thug an deisciobal sin leis i còmhla ris fhèin. |
28. Às dèidh seo, agus fios aig Ìosa gun robh a h‑uile rud a‑nis air a chrìochnachadh, airson 's gun deigheadh an Sgriobtar a choileanadh, thuirt e, “Tha am pathadh orm.” |
29. Bha soitheach na sheasamh an sin làn de dh'fhìon‑geur, agus mar sin chuir iad spong làn dhen fhìon‑gheur air hiosop, agus shìn iad suas gu a bheul e. |
30. Mar sin nuair a bha Ìosa air am fìon‑geur a ghabhail, thuirt e, “Tha e crìochnaichte.” Agus chrom e a cheann is thug e suas a spiorad. |
31. A chionn 's gum b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus airson 's nach fanadh na cuirp air a' chrann‑cheusaidh air an t‑Sàbaid (oir b' e latha mòr a bh' anns an latha Sàbaid sin), dh'iarr na h‑Iùdhaich air Pìlat gun deigheadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun deigheadh an toirt air falbh. |
32. Mar sin thàinig na saighdearan agus bhris iad luirgnean a' chiad fhir, agus luirgnean an fhir eile, a chaidh a cheusadh còmhla ris. |
33. Ach nuair a thàinig iad gu Ìosa, agus a chunnaic iad gun robh e marbh mu thràth, cha do bhris iad na luirgnean aigesan. |
34. Ach lot aon dhe na saighdearan a chliathaich le sleagh, agus anns a' bhad thàinig fuil agus uisge a‑mach. |
35. Agus thug an neach a chunnaic sin fianais, agus tha an fhianais fìrinneach. Agus tha fios aige gu bheil e ag innse na fìrinn, airson 's gun creideadh sibhse cuideachd. |
36. Oir thachair na rudan seo airson 's gun deigheadh an Sgriobtar a choileanadh: “Cha bhi aon dhe a chnàmhan air a bhriseadh,” |
37. agus a‑rithist tha Sgriobtar eile ag ràdh, “Coimheadaidh iad airsan a lot iad.” |
38. Às dèidh nan rudan seo, dh'fhaighnich Iòsaph o Arimatèa (a bha na dheisciobal aig Ìosa, ach gu dìomhair a chionn 's gun robh eagal air o na h‑Iùdhaich) do Phìlat am faodadh e corp Ìosa a thoirt leis, agus cheadaich Pìlat sin dha. Mar sin thàinig e agus thug e leis corp Ìosa. |
39. Anns an aon dòigh thàinig Nicodèmus (a bh' air tighinn gu Ìosa na bu tràithe, air an oidhche), agus thug e leis mu thrithead 's a trì cileagram de mhirr agus de dh'alo air am measgachadh. |
40. Mar sin ghabh iad corp Ìosa agus shuain iad e ann an stiallan anairt, còmhla ri na spìosraidhean, mar a tha na chleachdadh aig na h‑Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh. |
41. A‑nis anns an àite far an deach a cheusadh bha gàrradh, agus anns a' ghàrradh bha tuam ùr, anns nach deach duine sam bith a chur fhathast. |
42. Mar sin, air sgàth Latha Ullachaidh Càisg nan Iùdhach, on a bha an tuam faisg air làimh, chuir iad Ìosa an sin. |