Eòin 19:1-22 |
1. An uair sin ghlac Pìlat Ìosa, agus sgiùrs e e. |
2. Agus shnìomh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e. Chuir iad aodach‑uachdair purpaidh air, |
3. agus thòisich iad air tighinn suas thuige ag ràdh, “Fàilte ort, a Rìgh nan Iùdhach!” agus air a bhualadh. |
4. Chaidh Pìlat a‑mach a‑rithist, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha mi ga thoirt a‑mach thugaibh airson 's gum bi fios agaibh nach eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.” |
5. Thàinig Ìosa an uair sin a‑mach agus an crùn droighinn air, agus an t‑aodach‑uachdair purpaidh air. Agus thuirt Pìlat riutha, “Seallaibh an duine!” |
6. Mar sin, nuair a chunnaic na h‑àrd‑shagartan agus na seirbheisich e, dh'èigh iad, “Ceus e, ceus e!” Thuirt Pìlat riutha, “Gabhaibh fhèin e agus ceusaibh e, oir chan eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.” |
7. Fhreagair na h‑Iùdhaich e, “Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha‑ne bu chòir dha bàsachadh, a chionn 's gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.” |
8. Mar sin, nuair a chuala Pìlat na briathran sin, bu mhotha buileach a bha an t‑eagal air, |
9. agus chaidh e a‑steach a‑rithist dhan phrìomh‑àros, agus thuirt e ri Ìosa, “Cò às a tha thu?” Ach cha tug Ìosa freagairt dha. |
10. Mar sin thuirt Pìlat ris, “Nach eil thu a' bruidhinn rium? Nach eil fios agad gu bheil ùghdarras agamsa do shaoradh, agus ùghdarras do cheusadh?” |
11. Fhreagair Ìosa, “Cha bhiodh ùghdarras sam bith idir agad thairis ormsa mura deigheadh a thoirt dhut on àirde. Mar sin, an neach a thug thairis mise dhut, tha am peacadh as motha aigesan.” |
12. On àm sin suas shir Pìlat cothrom airson a chur mu sgaoil, ach dh'èigh na h‑Iùdhaich, “Ma leigeas tu am fear seo mu sgaoil, chan e caraid do Chèasar a th' annad: ge b' e neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a' dol an aghaidh Chèasair.” |
13. Mar sin, nuair a chuala Pìlat na faclan seo, thug e a‑mach Ìosa, agus shuidh e air a' chathair‑bhreitheanais, aig àite ris an canar An Cabhsair Cloiche (ach ann an Eabhra, Gabata). |
14. A‑nis b' e Latha Ullachaidh na Càisge a bh' ann, mu mheadhan‑latha. Agus thuirt e ris na h‑Iùdhaich, “Seallaibh ur Rìgh.” |
15. Ach dh'èigh iadsan a‑mach, “Air falbh leis, air falbh leis, ceus e!” Thuirt Pìlat riutha, “An ceus mi ur Rìgh‑se?” Fhreagair na h‑àrd‑shagartan, “Chan eil rìgh againne ach Cèasar.” |
16. Mar sin an uair sin thug e thairis dhaibh e airson a bhith air a cheusadh. Mar sin thug iad leotha Ìosa, |
17. agus chaidh e a‑mach a' giùlain a' chroinn‑cheusaidh leis fhèin, dhan àite ris an canar Àite a' Chlaiginn (a th' air ainmeachadh anns an Eabhra Golgota). |
18. An sin cheus iad e, agus dithis eile còmhla ris, fear air gach taobh, agus Ìosa anns a' mheadhan. |
19. Sgrìobh Pìlat tiotal cuideachd agus chuir e air a' chrann‑cheusaidh e. Agus b' e an sgrìobhadh ÌOSA O NÀSARET, RÌGH NAN IÙDHACH. |
20. Mar sin leugh mòran dhe na h‑Iùdhaich an tiotal seo, oir bha an t‑àite anns an deach Ìosa a cheusadh faisg air a' bhaile, agus bha e air a sgrìobhadh ann an Eabhra, ann an Laidinn agus ann an Greugais. |
21. Mar sin thuirt àrd‑shagartan nan Iùdhach ri Pìlat, “Na sgrìobh ‘Rìgh nan Iùdhach’ ach gun tuirt e fhèin, ‘Is mi Rìgh nan Iùdhach’.” |
22. Fhreagair Pìlat, “An rud a sgrìobh mi, sgrìobh mi e.” |