A A A A A
Bible in one year
June 10

Eòin 18:19-40
19. An uair sin cheasnaich an t‑àrd‑shagart Ìosa mu a dheisciobail agus mu a theagasg.
20. Fhreagair Ìosa e, “Tha mise air bruidhinn gu follaiseach ris an t‑saoghal. Tha mi an‑còmhnaidh air teagasg anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far am bi na h‑Iùdhaich gu lèir a' tighinn còmhla. Agus cha tuirt mi rud sam bith gu dìomhair.
21. Carson a tha thu gam cheasnachadh? Ceasnaich iadsan a chuala na thuirt mi riutha; tha fios acasan dè a thubhairt mi.”
22. Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, bhuail aon dhe na seirbheisich, a bha na sheasamh faisg air làimh, Ìosa anns an aghaidh, ag ràdh, “An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd‑shagart?”
23. Fhreagair Ìosa esan, “Ma tha mi air bruidhinn gu ceàrr, thoir fianais mun rud a bha ceàrr. Ach ma tha na thubhairt mi ceart, carson a tha thu gam bhualadh?”
24. Chuir Annas an uair sin ceangailte e gu Caiaphas an t‑àrd‑shagart.
25. A‑nis bha Sìmon Peadar na sheasamh ga bhlàthachadh fhèin. Mar sin thuirt iad ris, “'S e aon dhe a dheisciobail a th' annadsa cuideachd, nach e?” Dh'àich esan e agus thuirt e, “Chan e.”
26. Thuirt aon de sheirbheisich an àrd‑shagairt, a bha càirdeach dhan fhear dhen do gheàrr Peadar a chluas, “Chunnaic mise thu anns a' ghàrradh còmhla ris, nach fhaca?”
27. Dh'àich Peadar a‑rithist e, agus anns a' bhad ghairm an coileach.
28. An uair sin thug iad Ìosa o Chaiaphas gu prìomh‑àros an riaghladair. Bha e tràth sa mhadainn. Cha deach iad fhèin a‑steach dhan phrìomh‑àros, airson 's nach biodh iad air an truailleadh, ach gun deigheadh aca air a' Chàisg ithe.
29. Mar sin chaidh Pìlat a‑mach thucasan agus thuirt e, “Gu dè a' chasaid a tha sibh a' toirt an aghaidh an duine seo?”
30. Fhreagair iadsan, “Mura b' e fear a bha a' dèanamh ghnìomhan olca a bh' ann, cha bhiodh sinne air a thoirt thairis dhutsa.”
31. Thuirt Pìlat riutha, “Gabhadh sibhse e agus thugaibh breith air a rèir ur lagha fhèin.” Thuirt na h‑Iùdhaich ris, “Chan eil e ceadaichte dhuinne neach sam bith a chur gu bàs.”
32. Thachair seo airson 's gum biodh facal Ìosa air a choileanadh — a thuirt e a' comharrachadh dè an seòrsa bàis leis an robh e a' dol a bhàsachadh.
33. Mar sin chaidh Pìlat a‑steach dhan phrìomh‑àros aige a‑rithist agus ghairm e air Ìosa, agus thuirt e ris, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?”
34. Fhreagair Ìosa, “A bheil thu ag ràdh seo uat fhèin, no an tuirt daoine eile riut e mum dheidhinn?”
35. Fhreagair Pìlat, “An e Iùdhach a th' annamsa? Thug do nàisean fhèin, agus na h‑àrd‑shagartan, thairis dhòmhsa thu. Dè a rinn thu?”
36. Fhreagair Ìosa, “Chan ann on t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd‑sa. Nam b' ann on t‑saoghal seo a bha mo rìoghachd, bha mo sheirbheisich air a bhith a' cogadh, airson 's nach deigheadh mo thoirt thairis dha na h‑Iùdhaich. Ach mar a tha, chan ann à seo a tha mo rìoghachd.”
37. An uair sin thuirt Pìlat ris, “Mar sin, 's e rìgh a th' annad?” Fhreagair Ìosa, “Tha thusa ag ràdh gur e rìgh a th' annam. Is ann air an adhbhar seo a rugadh mi agus air an adhbhar seo a tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal, airson 's gun toirinn fianais air an fhìrinn. Èistidh gach neach a tha dhen fhìrinn rim ghuth‑sa.”
38. Thuirt Pìlat ris, “Gu dè a th' anns an fhìrinn?” Agus às dèidh dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rithist gu na h‑Iùdhaich, agus thuirt e riutha, “Chan eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.
39. Ach tha cleachdadh agaibhse gun leiginn mu sgaoil duine dhuibh aig a' Chàisg. A bheil sibh mar sin ag iarraidh gun leiginn mu sgaoil Rìgh nan Iùdhach dhuibh?”
40. Mar sin dh'èigh iadsan uile a‑mach a‑rithist, “Chan e an duine seo, ach Barabas!” A‑nis b' e fear ar‑a‑mach a bh' ann am Barabas.