Lùcas 23:26-56 |
26. Fhad 's a threòraich iad air falbh e, rug iad air fear Sìmon o Chìrene, a bha a' tighinn a‑steach on dùthaich; agus chuir iad an crann‑ceusaidh air, airson a ghiùlain às dèidh Ìosa. |
27. Agus lean buidheann mhòr e dhen t‑sluagh agus de bhoireannaich a bha cuideachd ri bròn agus a' caoineadh air a shon. |
28. Ach a' tionndadh thuca, thuirt Ìosa, “A nigheanan Ierusaleim, na caoinibh air mo shon‑sa, ach caoinibh air ur son fhèin agus airson ur cloinne. |
29. Oir seall, tha na làithean a' tighinn anns an can iad, ‘Is beannaichte na boireannaich neo‑thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne!’ |
30. An uair sin, “‘tòisichidh iad air cantainn ris na beanntan, “Tuitibh oirnn!” Agus ri na cnuic, “Falaichibh sinn!”’ |
31. “Oir ma nì iad na rudan seo nuair a tha am fiodh uaine, dè a thachras nuair a bhios e tioram?” |
32. Chaidh dithis eile cuideachd, a bha nan eucoraich, a threòrachadh air falbh gus a bhith air an ceusadh còmhla ris. |
33. Nuair a thàinig iad chun an àite ris an canar An Claigeann, an sin cheus iad e, agus na h‑eucoraich — fear dhiubh air a làimh dheis agus am fear eile air a làimh chlì. |
34. Agus thuirt Ìosa, “Athair, thoir mathanas dhaibh, oir chan aithne dhaibh dè tha iad a' dèanamh.” Agus airson a chuid aodaich a roinn thilg iad croinn. |
35. Agus sheas an sluagh a' coimhead, agus rinn na riaghladairean magadh air, ag ràdh, “Shàbhail e daoine eile; sàbhaileadh e e fhèin, mas e seo Crìosd Dhè, am Fear Taghte.” |
36. Agus rinn na saighdearan cuideachd magadh air, a' tighinn suas thuige agus a' tairgsinn fìon‑geur dha |
37. agus ag ràdh, “Mas tu Rìgh nan Iùdhach, sàbhail thu fhèin.” |
38. Agus bha sgrìobhadh cuideachd os a chionn: “IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH.” |
39. A‑nis thug aon dhe na h‑eucoraich a chaidh a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, “Nach tusa an Crìosd? Saor thu fhèin agus sinne!” |
40. Ach chronaich am fear eile e, ag ràdh, “Nach eil eagal Dhè idir ort, on a tha thu fon aon dìteadh? |
41. Oir tha sinne ga fhaighinn ann an ceartas, dìoladh iomchaidh airson ar gnìomhan. Ach cha do rinn an duine seo cron sam bith.” |
42. Agus thuirt e, “Ìosa, cuimhnich ormsa nuair a thig thu a‑steach dhad rìoghachd.” |
43. Agus thuirt esan, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, an‑diugh bidh thu còmhla riumsa ann am Pàrras.” |
44. Bha e a‑nis mu mheadhan‑latha agus thàinig dorchadas thairis air an tìr gu lèir gu trì uairean feasgar, |
45. oir chaidh solas na grèine fhalach. Agus chaidh cùirtear an teampaill a shracadh na mheadhan. |
46. An uair sin dh'èigh Ìosa le guth àrd, “Athair, a‑steach dhad làmhan‑sa tha mi ag earbsa mo spioraid!” Agus nuair a thuirt e seo, thug e suas an deò. |
47. A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard‑ceud an rud a chaidh a dhèanamh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, “Gu cinnteach bha an duine seo ionraic.” |
48. Nuair a chunnaic an sluagh uile a bh' air cruinneachadh airson an t‑seallaidh sin na rudan a chaidh a dhèanamh, thill iad air ais dhachaigh a' bualadh an cuim. |
49. Agus sheas a luchd‑eòlais uile, agus na boireannaich a lean e o Ghalile, fad às, a' coimhead air na rudan sin. |
50. A‑nis bha duine ann air an robh an t‑ainm Iòsaph, ball dhen chomhairle, a bha na dhuine math agus na fhìrean, |
51. nach robh air aontachadh len co‑dhùnadh no len gnìomh. B' ann o Arimatèa, baile Iùdhach, a bha e agus bha e a' feitheamh air rìoghachd Dhè. |
52. Chaidh an duine seo gu Pìlat agus dh'iarr e corp Ìosa. |
53. An uair sin thug e a‑nuas e, shuain e ann an anart e agus chuir e ann an tuam a chaidh a ghearradh à creig e, anns nach deach duine a chur riamh. |
54. B' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus bha an t‑Sàbaid a' tòiseachadh. |
55. Lean na boireannaich a bh' air tighinn còmhla ri Ìosa o Ghalile, agus chunnaic iad an tuam agus mar a chaidh a chorp a chur na shìneadh ann. |
56. An uair sin thill iad agus dh'ullaich iad spìosraidhean agus olaichean‑cùbhraidh. Agus ghabh iad fois air latha na Sàbaid, a rèir na h‑àithne. |