Eòin 11:1-29 |
1. A‑nis bha duine àraidh tinn, Làsaras, o Bhetani, baile Màiri is Marta a piuthar. |
2. B' i a' Mhàiri sin aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn a dh'ung an Tighearna le acfhainn, agus a thiormaich a chasan le a falt. |
3. Mar sin chuir na peathraichean fios thuige, ag ràdh, “A Thighearna, tha an neach as gràdhach leat tinn.” |
4. Ach nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e, “Chan ann gu bàs a thig an tinneas seo, ach gu glòir Dhè, airson 's gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh troimhe.” |
5. A‑nis bha gràdh aig Ìosa air Marta agus air a piuthair agus air Làsaras. |
6. Mar sin, nuair a chuala e gun robh esan tinn, dh'fhan e dà latha a bharrachd anns an àite far an robh e. |
7. Às dèidh sin, thuirt e ri a dheisciobail, “Rachamaid a‑rithist a dh'Iudèa.” |
8. Thuirt na deisciobail ris, “A Rabaidh, o chionn ghoirid bha na h‑Iùdhaich ag iarraidh do chlachadh, agus a bheil thu a' dol an sin a‑rithist?” |
9. Fhreagair Ìosa, “Nach eil dà uair dheug anns an latha? Ma choisicheas duine sam bith san latha, cha tuislich e, a chionn 's gu bheil e a' faicinn solas an t‑saoghail seo. |
10. Ach ma choisicheas duine sam bith air an oidhche, tuislichidh e, a chionn 's nach eil an solas ann.” |
11. Às dèidh dha na rudan seo a ràdh thuirt e riutha, “Tha ar caraid Làsaras air tuiteam na chadal, ach tha mise a' dol an sin ga dhùsgadh.” |
12. Thuirt na deisciobail, “A Thighearna, ma tha e air tuiteam na chadal, bidh e slàn.” |
13. A‑nis bha Ìosa air bruidhinn mu a bhàs, ach shaoil iadsan gun robh e a' bruidhinn mu fhois cadail. |
14. Mar sin thuirt Ìosa an uair sin riutha gu soilleir, “Tha Làsaras air bàsachadh, |
15. agus tha mi toilichte air ur son‑se nach robh mi ann, airson 's gun creid sibh. Ach rachamaid thuige.” |
16. An uair sin thuirt Tòmas (ris an canar Didimus ) ri a cho‑dheisciobail, “Rachamaid‑ne cuideachd, airson 's gum faod sinn bàsachadh còmhla ris.” |
17. Nuair a ràinig Ìosa, fhuair e a‑mach gun robh Làsaras air a bhith ceithir latha mu thràth anns an tuam. |
18. Bha Betani mu thrì cilemeatair o Ierusalem. |
19. Agus bha mòran dhe na h‑Iùdhaich air tighinn gu Marta is Màiri, airson cofhurtachd a thoirt dhaibh a thaobh am bràthar. |
20. Mar sin, nuair a chuala Marta gun robh Ìosa a' tighinn, chaidh i na choinneamh, ach dh'fhan Màiri na suidhe anns an taigh. |
21. Thuirt Marta ri Ìosa, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh. |
22. Ach fiù 's an‑dràsta tha fios agam, ge b' e dè na rudan a dh'iarras tu air Dia, gun toir Dia dhut iad.” |
23. Thuirt Ìosa rithe, “Èiridh do bhràthair a‑rithist.” |
24. Thuirt Marta ris, “Tha fios agam gun èirich e a‑rithist anns an aiseirigh air an latha dheireannach.” |
25. Thuirt Ìosa rithe, “Is mise an aiseirigh agus a' bheatha. Ge b' e cò a chreideas annamsa, ged a gheibheadh e bàs, bidh e beò; |
26. agus ge b' e neach a tha beò agus a' creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs gu bràth. A bheil thu a' creidsinn seo?” |
27. Thuirt i ris, “Tha, a Thighearna, tha mi a' creidsinn gur tusa an Crìosd, Mac Dhè, a bha a' dol a thighinn a‑steach dhan t‑saoghal.” |
28. Às dèidh dhi seo a ràdh, dh'fhalbh i agus ghairm i air a piuthar Màiri, ag ràdh gu dìomhair, “Tha an Neach‑Teagaisg an seo, agus tha e gad ghairm.” |
29. Agus nuair a chuala ise seo, dh'èirich i gu luath agus chaidh i thuige. |