Lùcas 22:1-23 |
1. A‑nis bha Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte, ris an canar a' Chàisg, a' tighinn faisg. |
2. Agus bha na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean a' sireadh ciamar a chuireadh iad às do dh'Ìosa, oir bha eagal an t‑sluaigh orra. |
3. An uair sin chaidh Sàtan a‑steach ann an Iùdas, ris an canar Iscariot, a bha air àireamh am measg an dà fhear dheug. |
4. Agus dh'fhalbh e is bhruidhinn e ris na h‑àrd‑shagartan agus ri maoir an teampaill a thaobh ciamar a bhrathadh e esan dhaibh. |
5. Bha iadsan aoibhneach agus dh'aontaich iad airgead a thoirt dha. |
6. Agus gheall esan, is shir e àm iomchaidh airson a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair. |
7. An uair sin thàinig latha Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte, air am feumadh uan na Càisge a bhith air ìobradh. |
8. Chuir Ìosa a‑mach Peadar agus Eòin, ag ràdh, “Thallaibh agus ullaichibh a' Chàisg dhuinn, airson 's gun ith sinn i.” |
9. Dh'fhaighnich iad dha, “Càit am bu toigh leat gun ullaicheamaid i?” |
10. Thuirt e riutha, “Seallaibh, nuair a tha sibh air a dhol a‑steach dhan bhaile, coinnichidh duine ribh a' giùlain soitheach uisge. Leanaibh e a‑steach dhan taigh dhan tèid e, |
11. agus canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh ribh: “Càit a bheil an seòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?”’ |
12. Agus seallaidh esan dhuibh seòmar mòr uidheamaichte, shuas an staidhre: ullaichibh i an sin.” |
13. Nuair a chaidh iad a‑mach fhuair iad e dìreach mar a thuirt e riutha; is dh'ullaich iad a' Chàisg. |
14. Nuair a thàinig an uair shuidh e aig a' bhòrd agus na h‑abstoil còmhla ris. |
15. Agus thuirt e riutha, “Tha mi air miannachadh gu dùrachdach a' Chàisg seo ithe còmhla ribh mus fulaing mi. |
16. Oir tha mi ag ràdh ribh nach ith mi i gus an tèid a coileanadh ann an rìoghachd Dhè.” |
17. Nuair a ghabh e thuige cupa agus a thug e taing, thuirt e, “Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh e. |
18. Oir tha mi ag ràdh ribh nach òl mi de thoradh an fhìonain on àm seo gus an tig rìoghachd Dhè.” |
19. Nuair a ghabh e thuige aran agus a thug e taing, bhris e e agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, “Is e seo mo chorp‑sa, a tha air a thoirt air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.” |
20. Agus anns an aon dòigh an cupa, às dèidh dhaibh ithe, ag ràdh, “Is e seo cupa a' chùmhnaint nuaidh nam fhuil‑sa, a tha air a dòrtadh air ur son‑se. |
21. Ach, seallaibh, tha làmh an fhir a bhrathas mi còmhla rium air a' bhòrd. |
22. Oir tha Mac an Duine dha‑rìribh a' falbh, a rèir mar a chaidh òrdachadh, ach is mairg dhan duine sin leis an tèid a bhrath!” |
23. Agus thòisich iad air ceasnachadh nam measg fhèin cò dhiubh a bha a' dol a dhèanamh an rud seo. |