Eòin 10:1-23 |
1. “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach nach tèid a‑steach do chrò nan caorach tron doras, ach a shreapas suas air dhòigh eile, 's e mèirleach agus creachadair a th' ann. |
2. Ach an neach a thèid a‑steach air an doras, is esan buachaille nan caorach. |
3. Dhàsan fosglaidh an dorsair an doras, agus cluinnidh na caoraich a ghuth, agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm, agus treòraichidh e a‑mach iad. |
4. Nuair a tha e air a chuid fhèin gu lèir a thoirt a‑mach, tha e a' dol romhpa, agus tha na caoraich ga leantainn a chionn 's gun aithne dhaibh a ghuth. |
5. Cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, a chionn 's nach aithne dhaibh guth coigrich.” |
6. Chleachd Ìosa an samhla seo, ach cha do thuig iadsan dè a bha e ag ràdh riutha. |
7. Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach. |
8. Iadsan uile a thàinig romhamsa, 's e mèirlich agus creachadairean a bh' annta, ach cha do dh'èist na caoraich riutha. |
9. Is mise an doras; ma thig neach sam bith a‑steach tromhamsa, thèid a theàrnadh, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh. |
10. Cha tig am mèirleach ach a ghoid agus a mharbhadh agus a mhilleadh; thàinig mise airson 's gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca ann am pailteas. |
11. “Is mise am buachaille math. Leigidh am buachaille math a bheatha sìos airson nan caorach. |
12. Ach esan a tha na fhear‑tuarastail, agus nach eil na bhuachaille, agus nach ann leis fhèin a tha na caoraich, chì e am madadh‑allaidh a' tighinn agus fàgaidh e na caoraich is teichidh e, agus glacaidh am madadh‑allaidh iad agus sgapaidh e iad. |
13. Teichidh e a chionn 's gur e fear‑tuarastail a th' ann, agus nach eil cùram aige dha na caoraich. |
14. “Is mise am buachaille math; is aithne dhomh mo chaoraich fhèin agus is aithne dha mo chaoraich fhèin mise — |
15. dìreach mar as aithne dhan Athair mise agus mar as aithne dhòmhsa an t‑Athair — agus tha mi a' leigeil mo bheatha sìos airson nan caorach. |
16. Tha caoraich eile agam nach eil dhen chrò seo. Feumaidh mi iad sin a threòrachadh cuideachd. Èistidh iadsan cuideachd rim ghuth, agus bidh aon treud ann agus aon bhuachaille. |
17. A chionn 's gu bheil mi a' leigeil sìos mo bheatha, airson a togail suas a‑rithist, air an adhbhar seo tha an t‑Athair ga mo ghràdhachadh. |
18. Chan eil neach sam bith ga toirt uam, ach tha mi ga leigeil sìos a rèir mo thoil fhèin. Tha ùghdarras agam a leigeil sìos agus ùghdarras a togail suas a‑rithist. An àithne seo fhuair mi om Athair.” |
19. Dh'èirich sgaradh a‑rithist am measg nan Iùdhach air sgàth nam briathran seo. |
20. Thuirt mòran dhiubh, “Tha deamhan ann agus tha e às a rian. Carson a tha sibh ag èisteachd ris?” |
21. Thuirt cuid eile, “Chan iad seo briathran duine anns a bheil deamhan. A bheil deamhan comasach air sùilean nan dall fhosgladh?” |
22. Aig an àm sin bha Fèill an Ath‑Choisrigidh ann an Ierusalem. B' e an geamhradh a bh' ann, |
23. agus bha Ìosa a' coiseachd anns an teampall ann an sgàil‑thaigh Sholaimh. |