A A A A A
Bible in one year
May 27

Eòin 9:24-41
24. Mar sin ghairm iad an dara h‑uair air an duine a bha dall, agus thuirt iad ris, “Thoir glòir do Dhia; tha fios againn gur e peacach a th' anns an duine seo.”
25. Fhreagair esan, “Mas e peacach a th' ann, chan aithne dhomh. Air aon rud tha fios agam. Bha mi dall; a‑nis tha mi a' faicinn.”
26. An uair sin thuirt iad ris, “Dè a rinn e riut? Ciamar a dh'fhosgail e do shùilean?”
27. Fhreagair e iad, “Dh'innis mi dhuibh mu thràth agus cha do dh'èist sibh. Carson a bu toigh leibh a chluinntinn a‑rithist? A bheil sibhse cuideachd a' miannachadh a bhith nur deisciobail aige?”
28. Chàin iad e agus thuirt iad, “Is tusa a dheisciobal‑san, ach is sinne deisciobail Mhaois!
29. Tha fios againn gun do bhruidhinn Dia ri Maois, ach an duine seo, chan eil fios againn cò às a tha e.”
30. Fhreagair an duine, “Seo, a‑nis, far a bheil an rud iongantach! Chan aithne dhuibh cò às a tha e, ach a dh'aindeoin sin dh'fhosgail e mo shùilean.
31. Is aithne dhuinne nach èist Dia ri peacaich. Ach ma tha neach sam bith na fhear‑adhraidh do Dhia agus a' dèanamh a thoil, ris‑san èistidh e.
32. O thoiseach an t‑saoghail cha chualas gun do dh'fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall.
33. Mura biodh an duine seo o Dhia, cha b' urrainn dha rud sam bith a dhèanamh.”
34. Fhreagair iadsan e, “Rugadh thusa uile‑gu‑lèir ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg‑ne?” Agus thilg iad a‑mach e.
35. Chuala Ìosa gun do thilg iad a‑mach e, agus nuair a lorg e e thuirt e ris, “A bheil thu a' creidsinn ann am Mac an Duine?”
36. Fhreagair esan, “Cò e, a Thighearna, airson 's gun creid mi ann?”
37. Thuirt Ìosa ris, “Tha thu air fhaicinn agus is esan am fear a tha a' bruidhinn riut.”
38. Thuirt esan, “A Thighearna, tha mi a' creidsinn,” agus rinn e adhradh dha.
39. Thuirt Ìosa, “Is ann airson breitheanais a thàinig mise a‑steach dhan t‑saoghal seo, airson 's gum faiceadh iadsan nach eil a' faicinn, agus airson 's gum biodh iadsan a tha a' faicinn air an dèanamh dall.”
40. Chuala cuid dhe na Pharasaich a bha còmhla ris na rudan seo agus thuirt iad ris, “A bheil sinne cuideachd dall?”
41. Thuirt Ìosa riutha, “Nam biodh sibh dall, cha bhiodh sibh ciontach de pheacadh; ach a‑nis on a tha sibh ag ràdh, ‘Tha sinn a' faicinn,’ tha ur peacadh a' fantainn.”