A A A A A
Bible in one year
May 26

Eòin 9:1-23
1. Agus nuair a ghabh Ìosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e.
2. Dh'fhaighnich a dheisciobail dha, “A Rabaidh, cò a pheacaich, an duine seo no a phàrantan, gun do rugadh dall e?”
3. Fhreagair Ìosa, “Cha b' e gun do pheacaich an duine seo, no a phàrantan, ach airson 's gum biodh obraichean Dhè air am foillseachadh ann.
4. Feumaidh sinn obraichean an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, cho fada 's a tha an latha ann. Tha an oidhche a' tighinn, nuair nach urrainn do neach sam bith obair a dhèanamh.
5. Cho fad 's a tha mise anns an t‑saoghal, is mi solas an t‑saoghail.”
6. Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, thilg e smugaid air an talamh, agus rinn e crèadh dhen smugaid, agus sgaoil e a' chrèadh air sùilean an doill.
7. Thuirt e ris, “Fhalbh 's glan thu fhèin ann an linne Shilòaim” (a tha a' ciallachadh ‘Air a Chur’). Mar sin dh'fhalbh e, agus ghlan e e fhèin, agus thàinig e air ais is e a' faicinn.
8. Thuirt na coimhearsnaich agus iadsan a chunnaic roimhe sin na dhèirceach e, “Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh dèirce?”
9. Thuirt cuid, “Is e seo e.” Thuirt feadhainn eile, “Chan e, ach tha e coltach ris.” Chùm e fhèin air ag ràdh, “Is mi e.”
10. Mar sin thuirt iad ris, “Ciamar a chaidh do shùilean fhosgladh?”
11. Fhreagair esan, “Rinn duine leis an ainm Ìosa crèadh agus sgaoil e air mo shùilean i, agus thuirt e rium, ‘Fhalbh gu linne Shilòaim, agus glan thu fhèin.’ Mar sin dh'fhalbh mi agus ghlan mi mi fhèin, agus fhuair mi mo fhradharc.”
12. Thuirt iad ris, “Càit a bheil e?” “Chan eil fios agam,” thuirt esan.
13. Thug iad gu na Pharasaich esan a bha dall roimhe.
14. Agus b' e latha Sàbaid a bh' ann nuair a rinn Ìosa a' chrèadh agus a dh'fhosgail e a shùilean.
15. Mar sin dh'fhaighnich na Pharasaich dha a‑rithist ciamar a fhuair e a fhradharc. Thuirt esan riutha, “Chuir e crèadh air mo shùilean, agus ghlan mise mi fhèin, agus tha mi a' faicinn.”
16. Thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Chan eil an duine seo o Dhia, a chionn 's nach eil e a' cumail na Sàbaid.” Ach thuirt cuid eile, “Ciamar as urrainn do dhuine a tha na pheacach a leithid seo de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh?” Agus bha sgaradh nam measg.
17. Mar sin thuirt iad a‑rithist ris an duine dhall, “Dè a tha thusa ag ràdh ma dheidhinn‑san, on a dh'fhosgail e do shùilean?” Agus thuirt esan, “Is e fàidh a th' ann.”
18. Ach cha do chreid na h‑Iùdhaich gun robh e air a bhith dall agus gun robh e air a fhradharc fhaighinn, gus an do ghairm iad pàrantan an aoin a bha air a fhradharc fhaighinn.
19. Dh'fhaighnich iad dhaibh, “An e seo ur mac‑se, a tha sibh ag ràdh a rugadh dall? Ciamar mar sin a tha e a‑nis a' faicinn?”
20. Fhreagair a phàrantan, “Tha fios againn gur e seo ar mac, agus gun do rugadh dall e.
21. Ach ciamar a tha e a‑nis a' faicinn chan eil fios againn, no cò a dh'fhosgail a shùilean chan aithne dhuinn. Faighnichibh dha fhèin. Tha e air tighinn gu aois; bruidhinnidh e air a shon fhèin.”
22. Thuirt a phàrantan na briathran seo a chionn 's gun robh eagal nan Iùdhach orra, oir bha na h‑Iùdhaich air aontachadh mu thràth, nan aidicheadh duine sam bith gum b' esan Crìosd, gun deigheadh a chur às an t‑sionagog.
23. Air an adhbhar sin thuirt a phàrantan, “Tha e air tighinn gu aois, faighnichibh dha fhèin.”