A A A A A
Bible in one year
May 23

Eòin 7:28-53
28. Mar sin, fhad 's a bha e fhathast a' teagasg anns an teampall, dh'èigh Ìosa, “Is aithne dhuibh mise agus cò às a tha mi. Ach cha tàinig mi uam fhèin. Tha esan a chuir a‑mach mi fìor, agus chan aithne dhuibhse e.
29. Tha eòlas agamsa air, a chionn 's gur ann uaithe a tha mi, agus gun do chuir esan a‑mach mi.”
30. Dh'fheuch iad ri a ghlacadh, ach cha do chuir neach sam bith làmh air, a chionn 's nach robh an uair aige fhathast air tighinn.
31. Ach chreid mòran dhen t‑sluagh ann. Thuirt iad, “Nuair a thig Crìosd, an dèan e barrachd chomharraidhean mìorbhaileach na rinn an duine seo?”
32. Chuala na Pharasaich an sluagh a' borbhanaich na rudan seo ma dheidhinn; agus chuir na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich seirbheisich an teampaill airson a ghlacadh.
33. Thuirt Ìosa, “Bidh mi còmhla ribh airson ùine bheag fhathast, agus an uair sin tha mi a' dol chun an aoin a chuir a‑mach mi.
34. Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn.”
35. Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich nam measg fhèin, “Càit a bheil am fear seo an dùil a dhol, airson 's nach lorg sinn e? An tèid e gu ar muinntir a th' air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich?
36. Dè a bha e a' ciallachadh nuair a thuirt e, ‘Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn’?”
37. Air an latha mu dheireadh dhen Fhèill, an latha mòr, sheas Ìosa agus dh'èigh e, “Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e thugamsa agus òladh e.
38. Ge b' e cò a chreideas annamsa, mar a tha an Sgriobtar air a ràdh, sruthaidh aibhnichean de dh'uisge beò às a bhroinn.”
39. Ach thuirt e seo mun Spiorad a bha iadsan a bha a' creidsinn ann a' dol a dh'fhaighinn, oir cha robh an Spiorad fhathast air a bhuileachadh, air sgàth 's nach robh Ìosa fhathast air a ghlòrachadh.
40. Nuair a chuala iad na briathran seo, thuirt cuid dhen t‑sluagh, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh.”
41. Thuirt feadhainn eile, “Is e seo an Crìosd.” Ach thuirt buidheann eile, “Chan ann o Ghalile a thig an Crìosd, an ann?
42. Nach tuirt an Sgriobtar gun tig an Crìosd o shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?”
43. Mar sin dh'èirich sgaradh am measg an t‑sluaigh air a sgàth‑san.
44. Bha cuid dhiubh ag iarraidh a ghlacadh, ach cha do chuir duine sam bith làmh air.
45. Mar sin thàinig seirbheisich an teampaill gu na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich, agus thuirt iad riutha, “Carson nach tug sibh leibh e?”
46. Fhreagair na seirbheisich, “Cha do bhruidhinn neach sam bith riamh mar an duine seo.”
47. Mar sin fhreagair na Pharasaich, “Cha deach sibhse cuideachd a thoirt air seachran, an deach?
48. Cha do chreid aon sam bith dhe na riaghladairean, no dhe na Pharasaich ann, an do chreid?
49. Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas air an lagh, tha iad mallaichte.”
50. Dh'fhaighnich Nicodèmus, a bha air a dhol thuige roimhe, agus a bha na aon dhe na Pharasaich, dhaibh,
51. “A bheil an lagh againne a' toirt breith air cuideigin gun a bhith fiù 's a' cluinntinn uaithe fhèin an toiseach, agus a' faighinn a‑mach dè a tha e a' dèanamh?”
52. Fhreagair iadsan, “Chan ann o Ghalile a tha thusa cuideachd, an ann? Rannsaich, agus faic nach eil fàidh ag èirigh à Galile.”
53. Agus chaidh gach aon dhan taigh aige fhèin.