Eòin 6:1-21 |
1. Às dèidh seo dh'fhalbh Ìosa gu taobh thall Muir Ghalile (is e sin Muir Thiberiais), |
2. agus lean sluagh mòr e a chionn 's gum faca iad na comharraidhean mìorbhaileach a rinn e orrasan a bha tinn. |
3. An uair sin chaidh Ìosa suas air beinn agus shuidh e sìos an sin còmhla ri a dheisciobail. |
4. Bha a' Chàisg, Fèill nan Iùdhach, faisg. |
5. Mar sin nuair a sheall Ìosa suas agus a chunnaic e gun tàinig sluagh mòr thuige, thuirt e ri Philip, “Càit an ceannaich sinn aran airson 's gun ith iad seo?” |
6. (Ach thuirt e seo airson esan a dhearbhadh, oir bha fios aige fhèin dè a bha e a' dol a' dhèanamh.) |
7. Fhreagair Philip e, “Cha b' urrainn do thuarastal ochd mìosan gu leòr arain a cheannach airson 's gum biodh beagan aig gach aon dhiubh!” |
8. Thuirt aon eile dhe a dheisciobail, Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, ris, |
9. “Tha balach an seo aig a bheil còig lofaichean eòrna agus dà iasg bheag, ach dè a th' anntasan am measg na h‑uiread?” |
10. Thuirt Ìosa, “Thoiribh air na daoine suidhe sìos.” A‑nis bha tòrr feòir anns an àite, agus mar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh mu chòig mìle. |
11. Ghabh Ìosa na lofaichean, agus nuair a rinn e altachadh, roinn e iad air a' mhuinntir a bha nan suidhe. Rinn e an aon rud leis na h‑èisg — na h‑uimhir is a bu mhiann leotha. |
12. Nuair a bha iad air an riarachadh, thuirt e ri a dheisciobail, “Cruinnichibh na criomagan a th' air am fàgail gus nach tèid rud sam bith a dholaidh.” |
13. Mar sin chruinnich iad còmhla iad agus lìon iad dà chliabh dheug de chriomagan nan còig lofaichean eòrna, a dh'fhàg iadsan a bha air ithe. |
14. Às dèidh dha na daoine an comharra mìorbhaileach a rinn Ìosa fhaicinn, thuirt iad, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh a tha ri thighinn a‑steach dhan t‑saoghal.” |
15. Mar sin nuair a thuig Ìosa gun robh iad am beachd tighinn agus breith air le làimh làidir airson 's gun dèanadh iad rìgh dheth, tharraing e air ais a‑rithist dhan bheinn na aonar. |
16. A‑nis nuair a thàinig am feasgar, chaidh a dheisciobail sìos chun na mara, |
17. agus a' dol air bòrd eathair thòisich iad air a dhol thairis air a' mhuir gu Capernàum. Mun àm seo bha e a‑nis dorcha, agus cha robh Ìosa fhathast air tighinn thuca. |
18. An uair sin dh'èirich a' mhuir a chionn 's gun robh gaoth mhòr a' sèideadh. |
19. Mar sin nuair a bha iad air iomradh mu chòig no sia cilemeatair, chunnaic iad Ìosa a' coiseachd air a' mhuir 's a' tighinn faisg air an eathar, agus bha an t‑eagal orra. |
20. Ach thuirt esan riutha, “Is mise a th' ann; na biodh eagal oirbh.” |
21. An uair sin bha iad toilichte a thoirt a‑steach dhan eathar, agus anns a' bhad ràinig an t‑eathar an tìr far an robh iad a' dol. |