Eòin 2:1-25 |
1. Air an treas latha bha banais ann an Càna Ghalile. Bha màthair Ìosa an sin, |
2. agus fhuair Ìosa agus a dheisciobail cuideachd cuireadh chun na bainnse. |
3. Nuair a theirig am fìon, thuirt màthair Ìosa ris, “Chan eil an còrr fìon aca.” |
4. Thuirt Ìosa, “Dè an gnothach a th' aige sin rinne, a bhoireannaich? Cha tàinig m' uair‑sa fhathast.” |
5. Thuirt a mhàthair ris na seirbheisich, “Dèanaibh ge b' e dè a dh'iarras e oirbh.” |
6. A‑nis bha sia soithichean cloiche airson uisge an sin; an seòrsa a tha na h‑Iùdhaich a' cleachdadh airson gnàth‑glanaidh. Ghabhadh gach fear dhiubh eadar ochdad agus ceud liotair 's a fichead. |
7. Thuirt Ìosa riutha, “Lìonaibh na soithichean le uisge!” Agus lìon iad suas gus am beòil iad. |
8. Thuirt e riutha, “Tàirngibh beagan dheth agus thoiribh gu fear‑cinn na cuirme e.” Agus thug iad thuige e. |
9. An uair sin bhlais fear‑cinn na cuirme an t‑uisge a chaidh a thionndadh gu fìon. Cha robh fios aige cò às a thàinig e, ach bha fios aig na seirbheisich a tharraing an t‑uisge. Ghairm e air fear na bainnse, |
10. agus thuirt e ris, “Tha a h‑uile duine a' tairgsinn an fhìon as fheàrr an toiseach agus às dèidh sin am fìon as miosa nuair a tha iad air gu leòr òl. Ach ghlèidh thusa am fìon as fheàrr thuige seo.” |
11. B' e seo a' chiad fhear de chomharraidhean mìorbhaileach Ìosa. Rinn e ann an Càna Ghalile e. Mar sin dh'fhoillsich e a ghlòir, agus chreid a dheisciobail ann. |
12. Às dèidh seo, chaidh e sìos gu Capernàum còmhla ri a mhàthair agus a bhràithrean agus a dheisciobail. Dh'fhuirich iad beagan làithean an sin. |
13. Nuair a bha e faisg air àm Càisg nan Iùdhach chaidh Ìosa suas gu Ierusalem. |
14. Ann an cùirtean an teampaill fhuair e daoine a' reic cruidh agus chaorach agus chalman, agus feadhainn eile nan suidhe ag iomlaid airgid. |
15. Agus às dèidh dha sgiùrsair de chùird a dhèanamh ruaig e a‑mach às an teampall iad uile agus an dà chuid caoraich is crodh; dhòirt e a‑mach buinn airgid an luchd‑iomlaid agus thilg e na bùird aca bun‑os‑cionn. |
16. Thuirt e riuthasan a bha a' reic chalman, “Thoiribh iad sin a‑mach à seo; na dèanaibh taigh m' Athar‑sa na thaigh‑marsantachd.” |
17. Chuimhnich a dheisciobail gu bheil e sgrìobhte, “Ithidh eud do thaighe suas mi.” |
18. An uair sin fhreagair na h‑Iùdhaich e, “Dè an comharra mìorbhaileach a tha thu a' sealltainn dhuinn mar dhearbhadh air na rudan seo a tha thu a' dèanamh?” |
19. Fhreagair Ìosa iad, “Sgriosaibh an teampall seo, agus ann an trì latha togaidh mise suas a‑rithist e.” |
20. An uair sin thuirt na h‑Iùdhaich, “Chaidh an teampall seo a thogail ann an ceathrad bliadhna 's a sia; agus an tog thusa ann an trì latha e?” |
21. Ach bha esan a' bruidhinn mu theampall a chuirp. |
22. Nuair a chaidh a thogail o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail air na thubhairt e, agus chreid iad an Sgriobtar, agus na faclan a thuirt Ìosa. |
23. A‑nis, fhad 's a bha e ann an Ierusalem aig Fèill na Càisge, chreid mòran dhaoine na ainm nuair a chunnaic iad na comharraidhean mìorbhaileach a bha e a' dèanamh. |
24. Ach cha robh Ìosa ga chur fhèin an earbsa riutha, a chionn 's gum b' aithne dha na h‑uile dhaoine, |
25. agus nach robh feum aige air fianais duine sam bith mu dhuine, oir bha fios aige dè a bh' anns an duine. |