Eòin 1:29-51 |
29. Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail! |
30. Is e seo esan a bha mi a' ciallachadh nuair a thuirt mi, ‘Tha fear a tha a' tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn 's gun robh e romham.’ |
31. Cha b' aithne dhomh fhèin idir e, ach airson 's gum biodh e air fhoillseachadh do dh'Israel, thàinig mi a' baisteadh le uisge.” |
32. An uair sin thug Eòin an fhianais seo: “Chunnaic mi an Spiorad a' tighinn a‑nuas o nèamh mar chalman agus a' fuireach air. |
33. Cha bhithinn air a bhith eòlach air, mura biodh am fear a chuir mi a bhaisteadh le uisge air innse dhomh, ‘Am fear air am faic thu an Spiorad a' tighinn a‑nuas agus a' fuireach, 's esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.’ |
34. Chunnaic mi agus tha mi a' toirt fianais gur e seo Mac Dhè.” |
35. Air an ath latha bha Eòin an siud a‑rithist còmhla ri dithis dhe a dheisciobail. |
36. Nuair a chunnaic e Ìosa a' dol seachad, thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè!” |
37. Nuair a chuala an dithis dheisciobal e ag ràdh seo, lean iad Ìosa. |
38. A' tionndadh mun cuairt, chunnaic Ìosa iad a' leantainn agus dh'fhaighnich e, “Dè tha sibh ag iarraidh?” Thuirt iad, “A Rabaidh” (a tha a' ciallachadh ‘Fear‑Teagaisg’), “càit a bheil thu a' fuireach?” |
39. “Thigibh,” fhreagair e, “agus chì sibh.” Agus dh'fhalbh iad agus chunnaic iad far an robh e a' fuireach, agus chuir iad seachad an latha sin còmhla ris. Bha e mu cheithir uairean feasgar. |
40. B' e Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, fear dhen dithis a chuala na thuirt Eòin agus a lean Ìosa. |
41. B' e a' chiad rud a rinn Anndra a bhràthair Sìmon a lorg agus innse dha, “Fhuair sinn am Mesiah” ('s e sin Crìosd). |
42. Thug e gu Ìosa e. Choimhead Ìosa air agus thuirt e, “Is tusa Sìmon mac Eòin. Bidh Cèphas air a ghabhail ort” ('s e sin air eadar‑theangachadh, Peadar). |
43. Air an ath latha chuir Ìosa roimhe a dhol a Ghalile. Fhuair e Philip agus thuirt e ris, “Lean mise.” |
44. Bha Philip o Bhetsaida, baile Anndra agus Pheadair. |
45. Fhuair Philip Natànael agus dh'innis e dha, “Fhuair sinne am fear mun do sgrìobh Maois anns an Lagh, agus mun do sgrìobh na fàidhean cuideachd — Ìosa o Nàsaret, mac Iòsaiph.” |
46. “An tig rud math sam bith a‑mach à Nàsaret?” dh'fhaighnich Natànael. Thuirt Philip, “Thig agus faic.” |
47. Nuair a chunnaic Ìosa Natànael a' tighinn thuige, thuirt e ma dheidhinn, “'S e seo fìor Israeleach, anns nach eil cealg.” |
48. “Ciamar as aithne dhut mi?” dh'fhaighnich Natànael. Fhreagair Ìosa, “Chunnaic mi thu nuair a bha thu fhathast fon chrann‑fhìge mun do ghairm Philip ort.” |
49. An uair sin fhreagair Natànael e, “A Rabaidh, is tusa Mac Dhè; is tusa Rìgh Israeil.” |
50. Fhreagair Ìosa, “Tha thu a' creidsinn a chionn 's gun do dh'innis mi dhut gum faca mi thu fon chrann‑fhìge. Chì thu rudan nas motha na sin.” |
51. An uair sin thuirt e ris, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chì sibh nèamh air fhosgladh, agus ainglean Dhè a' dol suas agus a' tighinn a‑nuas air Mac an Duine.” |