Instagram
English
A A A A A
Lùcas 8:1-25
1. Às dèidh sin shiubhail e air adhart tro gach baile mòr is gach baile beag a' searmonachadh agus ag aithris deagh sgeul rìoghachd Dhè. Agus bha an dà fhear dheug còmhla ris,
2. agus cuideachd boireannaich àraidh a chaidh a leigheas o dhroch spioradan agus o bhochdainnean: Màiri, ris an canar Magdalen, às an deach seachd deamhain a‑mach,
3. agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a fhritheil dhaibh a‑mach às an cuid fhèin.
4. Agus nuair a bha sluagh mòr a' cruinneachadh, is a thàinig iad às gach baile thuige, thuirt e ann an cosamhlachd:
5. “Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur. Agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus chaidh stampadh air, agus dh'ith eòin an adhair e.
6. Thuit cuid air creig, agus nuair a bha e air fàs, shearg e, air sgàth 's nach robh fliuichead aige.
7. Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn còmhla ris, agus thachd iad e.
8. Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh'fhàs e, agus thug e toradh a‑mach, a cheud uiread.” A' cantainn na rudan seo, dh'èigh e, “Ge b' e cò aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”
9. Dh'fhaighnich a dheisciobail dha dè a bh' anns a' chosamhlachd seo.
10. Thuirt e, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd Dhè, ach dhan a' chòrr tha iad sin ann an cosamhlachdan, airson 's, ‘a' faicinn, nach fhaiceadh iad; agus a' cluinntinn, nach tuigeadh iad.’
11. “Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè.
12. Is iadsan a tha ri taobh an rathaid an fheadhainn a tha air cluinntinn. Ach an uair sin tha an diabhal a' tighinn agus tha e a' toirt air falbh an fhacail às an cridheachan, airson 's nach creideadh iad 's gum biodh iad air an saoradh.
13. Agus is iadsan a tha air a' chreig an fheadhainn, nuair a dh'èisteas iad ris an fhacal, a ghabhas thuca e le gàirdeachas, ach chan eil freumh aca seo. Creididh iad airson greis agus ann an àm buairidh tuitidh iad air falbh.
14. Agus a thaobh an t‑sìl a thuit am measg dhroigheann, is iad sin an fheadhainn a dh'èisteas, ach fhad 's a thèid iad air an slighe, tha iad air an tachdadh le cùraman agus le beairteas agus le toileachais na beatha, agus chan eil iad a' toirt a‑mach toradh abaich.
15. Agus a thaobh an t‑sìl a thuit air an talamh mhath, is iadsan an fheadhainn, às dèidh dhaibh am facal a chluinntinn, a tha ga chumail nan cridhe onarach agus math, agus a bheir a‑mach toradh le foighidinn.
16. “Chan eil neach sam bith a' lasadh lampa agus ga falach le soitheach no ga cur fo leabaidh. An àite sin cuiridh e air lampair i, airson 's gum faic iadsan a thig a‑steach an solas.
17. Oir chan eil rud sam bith falaichte nach tèid a dhèanamh follaiseach, no dìomhair nach bi aithnichte 's a' tighinn am follais.
18. Mar sin thoiribh an aire ciamar a dh'èisteas sibh, oir ge b' e neach aig a bheil, thèid toirt dha, agus ge b' e neach aig nach eil, thèid fiù 's an rud sin a shaoileas e a th' aige a thoirt uaithe.”
19. An uair sin thàinig a mhàthair agus a bhràithrean thuige, ach cha b' urrainn dhaibh faighinn thuige air sgàth an t‑sluaigh.
20. Agus chaidh innse dha: “Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d' fhaicinn.”
21. Ach fhreagair esan iad, “Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean iadsan a chluinneas facal Dhè agus a tha ga dhèanamh.”
22. Aon latha chaidh e a‑steach do dh'eathar còmhla ri a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Rachamaid thairis gu taobh thall an locha.” Agus chuir iad a‑mach o thìr.
23. Ach fhad 's a sheòl iad, thuit esan na chadal. Agus thàinig sgal gaoithe a‑nuas air an loch, agus bha an t‑eathar ga lìonadh le uisge, agus bha iad ann an cunnart mòr.
24. Agus chaidh iad agus dhùisg iad e, ag ràdh, “A Mhaighstir, a Mhaighstir, tha sinn gu bhith caillte!” Agus dhùisg esan, agus chronaich e a' ghaoth agus boile nan tonn, agus sguir iad, agus bha ciùine ann.
25. Thuirt e riutha, “Càit a bheil ur creideamh?” Agus bha iad fo eagal, is ghabh iad iongnadh, ag ràdh ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, 's gu bheil e fiù 's a' toirt àithne dha na gaothan 's dhan uisge, agus tha iad umhail dha.”