A A A A A
Bible in one year
April 30

Lùcas 20:27-47
27. Agus thàinig cuid dhe na Sadusaich thuige, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann,
28. agus cheasnaich iad e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, sgrìobh Maois dhuinne nam bàsaicheadh bràthair duine is gum fàgadh e bean, ach gum biodh e gun chlann, gun gabhadh a bhràthair a bhean thuige fhèin, agus gun togadh e sliochd dha bhràthair.
29. A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann. Agus ghabh a' chiad fhear bean agus chaochail e gun chlann,
30. agus an dara fear,
31. agus ghabh an treas fear i, agus anns an aon dòigh dh'fhàg an t‑seachdnar uile i gun chlann, agus chaochail iad.
32. Mu dheireadh, chaochail am boireannach cuideachd.
33. Mar sin, anns an aiseirigh, cò aca aig am bi i mar bhean? Oir bha i aig an t‑seachdnar mar bhean.”
34. Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha clann na linn seo a' pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh,
35. ach iadsan a tha air am meas airidh air an linn ud fhaighinn agus an aiseirigh o na mairbh, chan eil iad a' pòsadh no air an toirt ann am pòsadh.
36. Oir cha chaochail iad a‑chaoidh, on a tha iad coltach ri ainglean, agus tha iad nan clann do Dhia agus tha iad nan clann dhan aiseirigh.
37. Ach a thaobh togail nam marbh, sheall Maois fhèin seo dhuinn anns a' chunntas mun phreas, nuair a ghabh e air an Tighearna ‘Dia Abrahàim agus Dia Ìsaaic agus Dia Iàcoib. ’
38. A‑nis, chan e Dia nam marbh a th' ann ach nam beò, oir dhàsan tha na h‑uile beò.”
39. An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean, “Fhir‑Teagaisg, is math a bhruidhinn thu!”
40. Oir cha robh de dhànadas aca ceist sam bith a chur air tuilleadh.
41. An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Ciamar as urrainn dhaibh a ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh?
42. Oir tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm: “‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: Suidh aig mo dheas‑làimh
43. gus an cuir mi do nàimhdean nan stòl fod chasan.’ ”
44. “Tha Daibhidh mar sin a' gabhail ‘Tighearna’ air. Ciamar mar sin a tha e na mhac dha?”
45. An uair sin thuirt e ri a dheisciobail ann an èisteachd an t‑sluaigh gu lèir,
46. “Bithibh air ur faiceall o na sgrìobhaichean, leis an toigh l' a bhith a' coiseachd mun cuairt ann an culaidhean fada agus leis am miann fàilte fhaighinn anns na margaidhean, agus na prìomh chathraichean fhaighinn anns na sionagogan, agus na h‑àiteachan urramach fhaighinn aig na cuirmean,
47. a tha ag ithe suas taighean bhanntrach, agus airson leigeil orra nì iad ùrnaighean fhada. Gheibh iad sin an dìteadh as motha.”