A A A A A
Bible in one year
April 29

Lùcas 20:1-26
1. Aon latha, fhad 's a bha Ìosa a' teagasg an t‑sluaigh anns an teampall agus a' searmonachadh an t‑soisgeil, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean, còmhla ri na h‑èildearan, suas thuige.
2. Thuirt iad ris, “Innis dhuinn dè an t‑ùghdarras a th' agad airson na rudan seo a dhèanamh, no cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”
3. Fhreagair esan, “Faighnichidh mise ceist dhuibhse cuideachd. Innsibh dhomh:
4. an ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin?”
5. Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan, ‘Carson nach do chreid sibh e?’
6. Ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ clachaidh an sluagh uile sinn, oir tha iad deimhinnte gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”
7. Mar sin fhreagair iadsan nach robh fhios aca cò às a bha e.
8. Agus thuirt Ìosa riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson na rudan seo a dhèanamh.”
9. Agus thòisich e air a' chosamhlachd seo innse dhan t‑sluagh: “Chuir duine fìon‑lios, agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich airson ùine mhòir.
10. Aig an àm cheart chuir e seirbheiseach gu na tuathanaich airson 's gun toireadh iad dha cuid de thoradh an fhìon‑lios. Ach dhochainn na tuathanaich e agus chuir iad uapa falamh e.
11. Chuir e seirbheiseach eile a‑mach, ach dhochainn iad esan cuideachd agus làimhsich iad gu maslach e agus chuir iad uapa falamh e.
12. Agus chuir e an treas fear a‑mach, ach leòn iad am fear seo cuideachd is thilg iad a‑mach e.
13. “An uair sin thuirt am fear leis an robh am fìon‑lios, ‘Dè a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach thuca; 's dòcha gun toir iad urram dhàsan.’
14. “Ach nuair a chunnaic na tuathanaich e, thuirt iad nam measg fhèin, ‘Is e seo an t‑oighre. Marbhamaid e airson 's gum bi an oighreachd againn fhèin.’
15. Mar sin thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e agus mharbh iad e. “Dè an uair sin a nì am fear leis an robh am fìon‑lios riutha?
16. Thig e agus sgriosaidh e na tuathanaich seo agus bheir e am fìon‑lios do dhaoine eile.” Nuair a chuala iad seo, thuirt iad, “Na tachradh e gu bràth!”
17. Ach choimhead e gu dìreach orra, agus thuirt e, “Mar sin, dè mu dheidhinn an rud seo a tha sgrìobhte: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith’?
18. “A h‑uile neach a thuiteas air a' chloich sin, thèid a bhriseadh na phìosan beaga; ach ge b' e air an tuit i, pronnaidh i e.”
19. Dh'iarr na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean an làmhan a chur air aig an àm sin fhèin ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir thuig iad gum b' ann nan aghaidh fhèin a dh'abair e a' chosamhlachd seo.
20. Chùm iad sùil gheur air; chuir iad a‑mach faireadairean, a' leigeil orra gun robh iad fìrinneach, airson 's gun glacadh iad na chainnt e, gus an toireadh iad thairis e do chumhachd agus ùghdarras an riaghladair.
21. Agus dh'fhaighnich iad dha, “Fhir‑Teagaisg, is aithne dhuinn gu bheil thu a' bruidhinn 's a' teagasg gu ceart, agus nach eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine ach a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn.
22. A bheil e laghail dhuinne cìs a thoirt do Chèasar no nach eil?”
23. Ach thug e fa‑near an seòltachd, agus thuirt e riutha,
24. “Seallaibh bonn airgid dhomh. Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh a th' air?” Fhreagair iadsan, “Le Cèasar.”
25. Thuirt esan riutha, “Mar sin, thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar, agus do Dhia na rudan a tha le Dia.”
26. Cha b' urrainn dhaibh a ghlacadh tro na briathran aige mu choinneamh an t‑sluaigh. Ach, a' gabhail iongnadh mun fhreagairt aige, dh'fhàs iad sàmhach.