Lùcas 19:28-48 |
28. Às dèidh do dh'Ìosa na rudan sin a ràdh, lean e air adhart romhpa, a' dol suas gu Ierusalem. |
29. Fhad 's a thàinig e faisg air Betphage agus Betani aig a' bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola, chuir e air falbh dithis dheisciobal, |
30. ag ràdh, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus nuair a thèid sibh a‑steach gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e. |
31. Ma dh'fhaighnicheas neach sam bith dhuibh, ‘Carson a tha sibh ga fhuasgladh?’ canaibh mar seo: ‘Tha feum aig an Tighearna air.’” |
32. Mar sin dh'fhàg iadsan a chaidh a chur air falbh, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt esan riutha. |
33. Agus fhad 's a bha iad a' fuasgladh an t‑searraich, thuirt iadsan leis an robh e riutha, “Carson a tha sibh a' fuasgladh an t‑searraich?” |
34. Fhreagair iadsan, “Tha feum aig an Tighearna air.” |
35. Mar sin thug iad gu Ìosa e agus thilg iad an cuid aodaich uachdair air an t‑searrach, agus chuir iad Ìosa air. |
36. Fhad 's a chaidh e air adhart, sgaoil iad an t‑aodach‑uachdair aca air an rathad. |
37. Nuair a bha e mu thràth a' tighinn faisg air slighe sìos Beinn nan Crann‑Ola, thòisich mòr‑chuideachd nan deisciobal uile air gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guthan àrda airson nan obraichean cumhachdach uile a bha iad air fhaicinn, |
38. ag ràdh: “Is beannaichte an Rìgh a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna! Sìth ann an nèamh agus glòir anns na h‑àrdan!” |
39. Thuirt cuid dhe na Pharasaich on t‑sluagh ris, “Fhir‑Teagaisg, cronaich do dheisciobail!” |
40. Agus fhreagair esan, “Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin sàmhach, gun èigheadh na clachan a‑mach.” |
41. Agus a' tighinn faisg, chunnaic e am baile is chaoin e air a shon |
42. agus thuirt e, “Nam b' aithne dhut, fiù 's dhutsa, air an latha seo na rudan a bhuineas dhad shìth — ach tha iad a‑nis falaichte od shùilean. |
43. Oir thig na làithean ort nuair a chuireas do nàimhdean balla‑bacaidh mud thimcheall agus cuartaichidh iad thu agus bruthaidh iad a‑steach air gach taobh dhìot. |
44. Leagaidh iad chun an làir thu, agus do chlann annad. Agus chan fhàg iad clach air muin cloiche annad, a chionn 's nach b' aithne dhut àm‑tadhail Dhè ort.” |
45. An uair sin chaidh e a‑steach dhan teampall agus thòisich e air an fheadhainn a bha a' reic a thilgeil a‑mach, |
46. ag ràdh riutha, “Tha e sgrìobhte, ‘Bidh mo thaigh‑sa na thaigh‑ùrnaigh;’ ach rinn sibhse uamh mhèirleach dheth.” |
47. Agus bha e a' teagasg gach latha anns an teampall. Bha na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus ceannardan an t‑sluaigh ag iarraidh a chur gu bàs, |
48. ach cha robh iad a faighinn a' chothruim, oir bha an sluagh uile ag èisteachd gu dùrachdach ris. |