A A A A A
Bible in one year
April 21

Lùcas 15:11-32
11. Is thuirt Ìosa, “Bha duine àraidh ann aig an robh dithis mhac.
12. Thuirt am mac a b' òige dhiubh ri athair, ‘Athair, thoir dhòmhsa an roinn dhed mhaoin a thig thugam.’ Agus roinn e eatarra a sheilbh.
13. “Beagan làithean às dèidh sin, chruinnich am mac a b' òige a chuid gu lèir, agus chaidh e air turas do dhùthaich fhad' às agus an sin chaith e a mhaoin air beatha shtruidheil.
14. Agus nuair a bha e air a h‑uile rud a chaitheamh, dh'èirich gort ro mhòr anns an dùthaich sin, agus thòisich e air a bhith ann an dìth.
15. Agus chaidh e is cheangail e e fhèin ri aon de shaoranaich na dùthcha sin a chuir dha na h‑achaidhean aige e, a bhiathadh mhuc.
16. Agus bha e a' miannachadh a làn ithe dhe na rùsgan a bha na mucan ag ithe, ach cha tug duine sìon dha.
17. “Nuair a thàinig e thuige fhèin, thuirt e, ‘Cia mheud de luchd‑tuarastail m' athar‑sa aig a bheil barrachd air gu leòr arain, ach seo mise a' bàsachadh leis an acras?
18. Èiridh mi agus thèid mi gum athair, agus canaidh mi ris: “Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh, agus mud choinneamh‑sa.
19. Chan eil mi airidh tuilleadh air gun deigheadh do mhac‑sa a ghabhail orm; dèan mar aon dhed luchd‑tuarastail mi.”’
20. Mar sin dh'èirich e agus chaidh e gu athair. “Ach fhad 's a bha e fhathast fad' air falbh, chunnaic athair e agus ghabh e truas ris, agus ruith e, agus a' cur a ghàirdeanan timcheall air amhaich, phòg e e.
21. “Thuirt am mac ris, ‘Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh agus mud choinneamh‑sa, agus chan eil mi airidh tuilleadh air gun deigheadh do mhac a ghabhail orm.’
22. “Ach thuirt an t‑athair ri a sheirbheisich, ‘Dèanaibh cabhag! Thugaibh a‑mach a' chulaidh as fheàrr, agus cuiribh air i. Cuiribh fàinne air a làimh agus cuarain air a chasan.
23. Agus thugaibh an seo an laogh reamhraichte is marbhaibh e. Itheamaid agus bitheamaid subhach.
24. Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rithist; bha e caillte agus chaidh a lorg.’ Agus thòisich iad air a bhith subhach.
25. “A‑nis bha am mac a bu shine aige a‑muigh anns an achadh, agus fhad 's a thàinig e 's a theann e faisg air an taigh, chuala e ceòl agus dannsa.
26. Agus ghairm e thuige aon dhe na seirbheisich agus dh'fhaighnich e dè a bu chiall dha na rudan sin.
27. Agus thuirt esan ris, ‘Thill do bhràthair agus mharbh d' athair an laogh reamhraichte a chionn 's gun d' fhuair e air ais slàn sàbhailte e.’
28. “Ach dh'fhàs esan feargach agus cha robh e deònach a dhol a‑steach. Thàinig athair a‑mach agus ghuidh e air.
29. Ach fhreagair e athair, ‘Seall, na h‑uiread seo de bhliadhnaichean tha mise air seirbheis a dhèanamh dhut, agus cha robh mi eas‑umhail riamh dhad àithne, ach a dh'aindeoin sin cha tug thu riamh gobhar òg dhomh, airson 's gum bithinn subhach còmhla rim charaidean.
30. Ach nuair a thàinig do mhac seo, am fear a chaith do sheilbh còmhla ri siùrsaichean, mharbh thu an laogh reamhraichte dha!’
31. “Agus thuirt e ris, ‘A mhic, tha thusa an‑còmhnaidh còmhla rium, agus a h‑uile sìon as leamsa, is leatsa e.
32. Bha e iomchaidh a bhith subhach agus aoibhneach, oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò; bha e caillte, agus chaidh fhaighinn.’”