Lùcas 12:32-59 |
32. “Na biodh eagal oirbh, a threud bhig, oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh. |
33. Reicibh ur seilbh agus thugaibh dèirc. Dèanaibh dhuib' fhèin sporain nach fàs sean, le ionmhas nach teirig anns na nèamhan, far nach tig mèirleach faisg agus nach sgrios an leòmann. |
34. Oir far a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe cuideachd. |
35. “Bithibh air ur n‑èideadh deiseil airson gnìomhachadh is cumaibh ur lampaichean laiste, |
36. agus bithibh‑se mar dhaoine a tha a' feitheamh airson àm‑tillidh am maighstir o fhèist na bainnse, airson 's gum faod iad an doras fhosgladh dha sa bhad nuair a thig e 's a ghnogas e. |
37. Is beannaichte na seirbheisich sin a lorgas am maighstir nan dùisg nuair a thig e. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e èideadh air fhèin airson frithealadh, agus gun cuir e nan suidhe iad aig bòrd, agus gun dèan e frithealadh dhaibh. |
38. Ma thig e anns an dara faire, no anns an treas tè, agus gum faigh e mar sin iad, is beannaichte na seirbheisich sin! |
39. Ach tuigibh seo: nan robh fios aig maighstir an taighe mun uair anns an robh am mèirleach a' tighinn, cha bhiodh e air a thaigh fhàgail airson 's gun deigheadh briseadh a‑steach ann. |
40. Feumaidh sibhse cuideachd a bhith deiseil, oir tha Mac an Duine a' tighinn aig uair nach sùilich sibh. |
41. Thuirt Peadar, “A Thighearna, a bheil thu ag innse na cosamhlachd seo dhuinne, no dha na h‑uile?” |
42. Agus thuirt an Tighearna, “Cò e mar sin an stiùbhard dìleas is glic sin a chuireas a mhaighstir os cionn a theaghlaich, airson an roinn bìdh a thoirt dhaibh aig an àm cheart? |
43. Is beannaichte an seirbheiseach sin a lorgas a mhaighstir a' dèanamh mar seo nuair a thig e. |
44. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun cuir e os cionn a sheilbh gu lèir e. |
45. Ach ma chanas an seirbheiseach sin na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' cur dàil na thilleadh,’ agus gun tòisich e air na seirbheisich is na bana‑sheirbheisich a bhualadh agus a bhith ag ithe, ag òl is a bhith air mhisg, |
46. thig maighstir an t‑seirbheisich sin air latha nach eil sùil aige ris, agus aig uair air nach eil fios aige, agus gearraidh e na phìosan e agus bheir e àite dha còmhla ri na mì‑dhìleis. |
47. “Agus an seirbheiseach sin dham b' aithne toil a mhaighstir agus nach do rinn deiseil no nach do rinn a thoil, thèid a bhualadh le mòran bhuillean. |
48. Ach an neach dha nach b' aithne, agus a rinn rudan a bha airidh air buillean, thèid esan a bhualadh le beagan bhuillean. Oir gach neach dhan deach mòran a thoirt, thèid mòran iarraidh uaithe, agus ge b' e ris an deach mòran earbsa, thèid tuilleadh iarraidh air. |
49. “Thàinig mise a thoirt teine chun na talmhainn, agus, Ò, mar a bu toigh leam gun robh e mu thràth laiste! |
50. Tha baisteadh agamsa leis am feum mi a bhith air mo bhaisteadh, agus nach mòr m' àmhghar gus an tèid a choileanadh! |
51. A bheil sibh a' saoilsinn gun tàinig mise airson sìth a thoirt air an talamh? Cha tàinig, tha mi ag ràdh ribh, ach a dhèanamh sgaradh. |
52. Oir o seo suas bidh còignear ann an aon taigh air an sgaradh, triùir an aghaidh dithis agus dithis an aghaidh triùir. |
53. Bidh iad air an sgaradh, athair an aghaidh mac agus mac an aghaidh athar, màthair an aghaidh nighinne agus nighean an aghaidh màthar, mhàthair‑cèile an aghaidh bean a mic agus bean a mic an aghaidh màthar‑cèile.” |
54. Agus thuirt Ìosa cuideachd ris an t‑sluagh, “Nuair a chì sibh sgòth ag èirigh anns an àird an iar, anns a' bhad canaidh sibh, ‘Tha dòrtadh a' tighinn,’ agus 's ann mar sin a tha a' tachairt. |
55. Agus nuair a shèideas a' ghaoth a deas, canaidh sibh, ‘Bidh teas ann,’ agus tha e a' tachairt. |
56. A bhreug‑chràbhaichean! Is aithne dhuibh ciamar a dh'eadar‑mhìnicheas sibh dreach na talmhainn is nan speur; ach ciamar nach eil sibh ag eadar‑mhìneachadh an ama seo fhèin? |
57. “Agus carson nach toir sibh breith air ur son fhèin a thaobh dè a tha ceart? |
58. Fhad 's a bhios tu a' dol led neach‑casaid chun an ùghdarrais, dèan dìcheall rèite a dhèanamh leis air an t‑slighe air eagal 's gun dragh e chun a' bhritheimh thu agus gun toir am britheamh thairis dhan oifigear thu agus gun tilg an t‑oifigear dhan phrìosan thu. |
59. Tha mi ag ràdh riut nach fhaigh thu a‑mach gus am pàigh thu an sgillinn mu dheireadh.” |